A A A A A
Bible in one year
June 13

2 Rìgh 14:1-29
1. Anns an dara bliadhna de Iehoas mac Iehoahais rìgh Israeil, rìghich Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah.
2. Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem.
3. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna; ach cha b’ann cosmhail ri Daibhidh a athair: a rèir gach nì a rinn Iòas a athair, rinn esan.
4. Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis air na h‑àitean àrda.
5. A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd na làimh, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh, a athair.
6. Ach mic nam mortairean cha do mharbh e; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, anns an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean: ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.
7. Bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an là‑an‑diugh.
8. An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsaigh Iehoais mhic Iehoahais mhic Iehu, rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chèile anns an aghaidh.
9. Agus chuir Iehoas rìgh Israeil teachdairean a dh’ionnsaigh Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon fios a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac-sa na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan.
10. Bhuail thu gun amharas Edom, agus thog do chridhe suas thu: dèan uaill à seo, agus fan aig do thaigh: oir carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?
11. Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.
12. Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh am bùthan.
13. Agus ghlac Iehoas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thàinig e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.
14. Agus ghabh e an t‑òr agus an t‑airgead uile, agus na soithichean uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus braighdean-gill, agus thill e gu Samaria.
15. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais a rinn e, agus a thrèine, agus mar a chog e ri Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
16. Agus chaidil Iehoas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil, agus rìghich Ierobòam a mhac na àite.
17. Agus bha Amasiah mac Iòais rìgh Iùdah beò an dèidh bàs Iehoais mhic Iehoahais, rìgh Israeil, còig-bliadhna-deug.
18. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
19. Agus rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem; agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin.
20. Agus thug iad leo air eich e; agus dh’adhlaiceadh e ann an Ierusalem maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh.
21. Agus ghabh sluagh Iùdah uile Asariah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar Amasiah.
22. Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean.
23. Ann an còigeamh-bliadhna-deug Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, thòisich Ierobòam mac Iòais, rìgh Israeil, air rìoghachadh ann an Samaria; agus rìghich e bliadhna agus dà‑fhichead.
24. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri uile pheacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh.
25. Dh’aisig e crìoch Israeil o dhol a‑steach Hamait gu ruig muir a’ chòmhnaird, a rèir facal an Tighearna Dia Israeil, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ionah mhic Amitai, am fàidh, a bha o Ghat-hepher.
26. Oir chunnaic an Tighearna àmhghar Israeil, gu robh e ro‑shearbh; oir cha robh neach air bith air a dhruideadh suas, agus cha d’fhàgadh neach air bith, agus cha robh fear-còmhnaidh ann aig Israel.
27. Agus cha dubhairt an Tighearna gun dubhadh e a‑mach ainm Israeil o bhith fo nèamh: ach shaor e iad le làimh Ierobòaim mhic Iòais.
28. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
29. Agus chaidil Ierobòam maille ra athraichean, maille ri rìghrean Israeil; agus rìghich Sachariah a mhac na àite.

Salm 73:10-20
10. Air an adhbhar sin tillidh a shluagh an seo, agus fàisgear uisgeachan cupain làin a‑mach dhaibh.
11. Agus their iad, Cionnas as aithne do Dhia, agus a bheil eòlas aig an Tì as àirde?
12. Feuch, is iad sin na daoine aingidh a tha a’ soirbheachadh anns an t‑saoghal; tha iad a’ càrnadh suas beartais.
13. Da‑rìribh, gu dìomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo làmhan ann an neochiontas.
14. Oir bhuaileadh mi air feadh an là, agus smachdaicheadh mi gach madainn.
15. Nan abrainn, Labhraidh mi mar seo, feuch, air ginealach do chloinne dhèanainn eucoir.
16. Nuair a smaoinich mi air seo a thuigsinn, bu chruaidh an gnothach e ann am shùilean,
17. Gus an deachaidh mi a‑steach do naomh-ionad Dhè: an sin thuig mi an crìoch-san.
18. Gu deimhinn, ann an àitean sleamhainn chuir thu iad; thilg thu sìos iad gu sgrios.
19. Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!
20. Mar aisling nuair a dhùisgeas neach, a Thighearna, anns a’ bhaile nì thu tarcais air an dealbh.

Gnàth-fhacal 18:18-19
18. Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.
19. Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.

Eòin 20:1-31
1. Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.
2. Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e.
3. Uime sin chaidh Peadar a‑mach, agus an deisciobal sin eile, agus thàinig iad a‑chum na h‑uaighe.
4. Agus ruith iad nan dithis cuideachd: agus ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e air tùs a‑chum na h‑uaighe.
5. Agus air cromadh sìos dha, chunnaic e an lìon-aodach na laighe; gidheadh cha deachaidh e a‑steach.
6. An sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn, agus chaidh e a‑steach don uaigh, agus chunnaic e an lìon-aodach na laighe;
7. Agus an nèapaigin a bha ma cheann, chan ann na laighe maille ris an lìon-aodach, ach air leth air a filleadh ann an aon àit.
8. An sin chaidh a‑steach mar an ceudna an deisciobal sin eile a thàinig air tùs a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic, agus chreid e.
9. Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh.
10. An sin dh’imich na deisciobail a‑rìs a‑chum an cuideachd fhèin.
11. Ach sheas Muire aig an uaigh a‑muigh, a’ gul: agus a’ gul dhi chrom i sìos, ag amharc a‑steach don uaigh,
12. Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe;
13. Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e.
14. Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann.
15. Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e.
16. Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir.
17. Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar-se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se.
18. Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe.
19. Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh.
20. Agus air dha seo a ràdh, nochd e dhaibh a làmhan agus a thaobh. An sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna.
21. An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Sìth dhuibh: mar a chuir an t‑Athair uaithe mise, mar sin tha mise gur cur-se uam.
22. Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh-se an Spiorad Naomh.
23. Cò air bith iad dom maith sibh am peacaidhean, tha iad maithte dhaibh; agus cò air bith iad don cùm sibh am peacaidhean gun am maitheadh, tha iad air an cumail.
24. Ach cha robh Tòmas, aon den dà‑fhear-dheug, den goirear Didimus, maille riu, nuair a thàinig Iosa.
25. Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.
26. Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh.
27. Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach.
28. Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia.
29. Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.
30. Agus rinn Iosa, gu fìrinneach, mòran de mhìorbhailean eile am fianais a dheisciobal, nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo.
31. Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.