A A A A A
Bible in one year
June 11

2 Rìgh 9:1-37
1. Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot-gilead.
2. Agus nuair a thig thu an sin, seallaidh tu an sin airson Iehu mhic Iehosaphait mhic Nimsi; agus thèid thu a‑steach, agus bheir thu air èirigh suas o mheasg a bhràithrean, agus bheir thu e do sheòmar cùil:
3. Agus gabhaidh tu an còrn ola, agus taomaidh tu air a cheann e, agus their thu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel; an sin fosglaidh tu an doras, agus teichidh tu, agus chan fhan thu.
4. Agus dh’imich an t‑òganach, am fàidh, gu Ramot-gilead.
5. Agus nuair a thàinig e, feuch, bha ceannardan an t‑slòigh nan suidhe; agus thubhairt e, Tha nì agam ri ràdh riut, a cheannaird. Agus thubhairt Iehu, Cò ris dhinn uile? Agus thubhairt esan, Riutsa, a cheannaird.
6. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel.
7. Agus buailidh tu taigh Ahaib do thighearna, agus dìolaidh mise fuil mo sheirbhiseach na fàidhean, agus fuil uile sheirbhisich an Tighearna, air làimh Iesebeil.
8. Agus sgriosar taigh Ahaib uile, agus gearraidh mi as o Ahab esan a nì uisge ri balla, agus esan a dhruidear suas agus a dh’fhàgar ann an Israel.
9. Agus nì mi taigh Ahaib mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah.
10. Agus ithidh na madraidh Iesebel ann an cuibhreann Iesreeil, agus cha bhi neach air bith ann a dh’adhlaiceas i. Agus dh’fhosgail e an doras, agus theich e.
11. An sin thàinig Iehu a‑mach a dh’ionnsaigh seirbhisich a thighearna, agus thubhairt iad ris, A bheil gach nì gu math? Carson a thàinig am fear cuthaich seo ad ionnsaigh? Agus thubhairt esan riu, Is aithne dhuibh an duine, agus a chainnt.
12. Agus thubhairt iadsan, Is breug e; innis dhuinn a‑nis. Agus thubhairt esan, Mar seo agus mar seo labhair e rium ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel.
13. An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh.
14. Uime sin rinn Iehu mac Iehosaphait mhic Nimsi ceannairc an aghaidh Ioraim: (a‑nis bha Ioram a’ gleidheadh Ramot-gilead, e fhèin agus Israel uile, an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria:
15. Ach thill rìgh Ioram gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha, nuair a chog e ri Hasael rìgh Shiria). Agus thubhairt Iehu, Mas e ur toil e, na rachadh neach air bith a‑mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol ga innse ann an Iesreel.
16. Agus mharcaich Iehu ann an carbad, agus chaidh e gu Iesreel; oir bha Ioram na laighe an sin: agus thàinig Ahasiah rìgh Iùdah a‑nuas a dh’fhaicinn Ioraim.
17. Agus sheas fear-faire air an tùr ann an Iesreel, agus chunnaic e buidheann Iehu nuair a bha e a’ teachd, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn buidhne. Agus thubhairt Ioram, Gabh marcaiche, agus cuir nan coinneamh e, agus abradh e, An e sìth a tha ann?
18. Agus chaidh fear a’ marcachd air each na choinneamh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus thubhairt Iehu, Ciod do ghnothach-sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh. Agus dh’innis am fear-faire, ag ràdh, Thàinig an teachdaire dan ionnsaigh, ach chan eil e a’ tighinn air ais.
19. Agus chuir e uaithe fear eile a’ marcachd air each, agus thàinig e dan ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus fhreagair Iehu, Ciod do ghnothach-sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh.
20. Agus dh’innis am fear-faire, ag ràdh, Thàinig e eadhon dan ionnsaigh, agus chan eil e a’ teachd air ais: agus tha an siubhal cosmhail ri siubhal Iehu mhic Nimsi; oir tha e a’ siubhal gu dian.
21. Agus thubhairt Ioram, Ullaich. Agus dh’ullaich e a charbad. Agus chaidh Ioram rìgh Israeil, agus Ahasiah rìgh Iùdah, a‑mach, gach fear dhiubh na charbad, agus chaidh iad a‑mach an coinneamh Iehu, agus thachair iad air ann an cuibhreann Nàboit an t‑Iesreeleach.
22. Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor?
23. An sin thionndaidh Ioram a làmhan agus theich e, agus thubhairt e ri Ahasiah, Tha foill ann, O Ahasiah.
24. Agus tharraing Iehu bogha le a uile neart, agus bhuail e Ioram eadar a ghàirdeanan, agus chaidh an t‑saighead a‑mach tro a chridhe, agus chrom e sìos na charbad.
25. An sin thubhairt Iehu ri Bidcar a cheannard, Tog agus tilg e ann an cuibhreann-fearainn Nàboit an t‑Iesreeleach: oir is cuimhne leam, nuair a bha mise agus thusa a’ marcachd cuideachd an dèidh Ahaib, a athair, gun do chuir an Tighearna an t‑eallach seo air;
26. Gu cinnteach chunnaic mi an‑dè fuil Nàboit, agus fuil a mhac, arsa an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a’ chuibhreann seo, arsa an Tighearna. A‑nis, matà, tog agus tilg e anns a’ chuibhreann-fhearainn, a rèir facal an Tighearna.
27. Agus nuair a chunnaic Ahasiah rìgh Iùdah seo, theich e rathad taigh an liosa: agus lean Iehu na dhèidh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh ri Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin.
28. Agus thug a sheirbhisich leo e ann an carbad gu Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e na àit-adhlacaidh, maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh.
29. Agus anns an aon-bhliadhna-deug de Ioram mac Ahaib, thòisich Ahasiah air rìoghachadh os cionn Iùdah.
30. Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig.
31. Agus nuair a bha Iehu a’ teachd a‑steach air a’ gheata, thubhairt i, An robh sìth aig Simri, a mharbh a thighearna?
32. Agus thog esan a aghaidh suas a dh’ionnsaigh na h‑uinneig, agus thubhairt e, Cò a tha leamsa, cò? Agus dh’amhairc dithis no triùir de chaillteanaich a‑mach air.
33. Agus thubhairt e, Tilgibh a‑nuas i. Agus thilg iadsan sìos i; agus chrathadh cuid de a fuil air a’ bhalla, agus air na h‑eich, agus shaltair iad fo an casan i.
34. Agus chaidh e a‑steach, agus dh’ith agus dh’òl e, agus thubhairt e, Rachaibh a‑nis a dh’fhaicinn na mnà mallaichte sin, agus adhlaicibh i; oir is nighean rìgh i.
35. Agus chaidh iad ga h‑adhlacadh, ach cha d’fhuair iad dhith ach an claigeann, agus na casan, agus basan a làmh.
36. Agus thill iad, agus dh’innis iad dha: agus thubhairt esan, Is e seo facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich Eliah an Tisbitheach, ag ràdh, Ann an cuibhreann Iesreeil, ithidh na madraidh feòil Iesebeil:
37. Agus bidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhreann Iesreeil, air chor is nach abair iad, Is i seo Iesebel.

2 Rìgh 10:1-36
1. Agus bha aig Ahab deich agus trì-fichead mac ann an Samaria. Agus sgrìobh Iehu litrichean, agus chuir e do Shamaria iad, a dh’ionnsaigh uachdaran Iesreeil, a dh’ionnsaigh nan seanair, agus dan ionnsaigh-san a thog clann Ahaib, ag ràdh,
2. A‑nis nuair a thig an litir seo dur n‑ionnsaigh, o tha mic ur tighearna maille ribh, agus carbadan agaibh, agus eich, agus baile daingnichte, agus airm,
3. Amhaircibh a‑mach eadhon air a shon-san as fheàrr agus as iomchaidh de mhic ur tighearna, agus cuiribh e air rìgh-chathair a athar, agus cogaibh airson taigh ur tighearna.
4. Ach bha eagal ro‑mhòr orrasan, agus thubhairt iad, Feuch, cha do sheas dà rìgh roimhe, agus cionnas a sheasas sinne?
5. Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean-sa, dèan e.
6. Agus sgrìobh e dan ionnsaigh litir an dara uair, ag ràdh, Mas leamsa sibh, agus ma dh’èisdeas sibh rim ghuth, gabhaibh cinn mic ur tighearna, agus thigibh am ionnsaigh-sa mun tràth seo a‑màireach gu Iesreel: (a‑nis bha mic an rìgh, deich agus trì-fichead fear, maille ri daoine mòra a’ bhaile a thog iad).
7. Agus nuair a thàinig an litir dan ionnsaigh, ghabh iad mic an rìgh, agus mharbh iad deich agus trì-fichead fear, agus chuir iad an cinn ann am basgaidean, agus chuir iad da ionnsaigh iad gu Iesreel.
8. Agus thàinig teachdaire, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Thug iad leo cinn mic an rìgh. Agus thubhairt esan, Cuiribh iad nan dà dhùn aig dol a‑steach a’ gheata gu madainn.
9. Agus anns a’ mhadainn chaidh e a‑mach agus sheas e, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile, Tha sibhse ionraic: feuch, rinn mise ceannairc an aghaidh mo thighearna, agus mharbh mi e; ach cò a bhuail iad seo uile?
10. Biodh fhios agaibh a‑nis, nach tuit lide de fhacal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thaigh Ahaib; oir rinn an Tighearna an nì sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah.
11. Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd-dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige.
12. Agus dh’èirich e, agus dh’imich e, agus chaidh e do Shamaria. Agus nuair a bha e aig taigh-bearraidh nam buachaillean air an t‑slighe,
13. Thachair Iehu air bràithrean Ahasiah rìgh Iùdah, agus thubhairt e, Cò sibhse? Agus thubhairt iadsan, Is sinne bràithrean Ahasiah, agus tha sinn a’ dol sìos a chur fàilte air cloinn an rìgh, agus air cloinn na bànrighinn.
14. Agus thubhairt esan, Glacaibh beò iad. Agus ghlac iad beò iad, agus mharbh iad iad aig sloc an taigh-bhearraidh, dà‑fhichead agus dithis fhear; agus cha d’fhàg e duine beò dhiubh.
15. Agus nuair a dh’fhalbh e as a sin, thachair e air Iehonadab mac Rechaib a’ teachd na choinneamh; agus chuir e fàilte air, agus thubhairt e ris, A bheil do chridhe-sa dìreach, mar a tha mo chridhe-sa led chridhe-sa? Agus thubhairt Iehonadab, Tha. Ma tha, arsa esan, thoir dhomh do làmh. Agus thug e dha a làmh, agus thog e suas e da ionnsaigh don charbad.
16. Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud airson an Tighearna. Agus thug e air marcachd na charbad.
17. Agus thàinig e do Shamaria, agus bhuail e iadsan uile a mhair de Ahab ann an Samaria, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e ri Eliah.
18. Agus chruinnich Iehu an sluagh uile, agus thubhairt e riu, Rinn Ahab beagan seirbhis do Bhàal, ach nì Iehu mòran seirbhis dha.
19. A‑nis, matà, gairmibh am ionnsaigh-sa fàidhean Bhàail uile, a sheirbhisich uile, agus a shagartan uile; na biodh duine dhiubh air chall; oir tha ìobairt mhòr agam ra dèanamh do Bhàal: ge bè neach a bhios air chall, cha mhair e beò. Ach rinn Iehu seo ann an seòltachd, a‑chum gun sgriosadh e luchd-adhraidh Bhàail.
20. Agus thubhairt Iehu, Gairmibh fèill naomh do Bhàal. Agus ghairm iad i.
21. Agus chuir Iehu fios air feadh Israeil uile, agus thàinig uile luchd-adhraidh Bhàail; cha d’fhàgadh duine dhiubh nach tàinig: ach chaidh iad a‑steach do thaigh Bhàail, agus lìonadh taigh Bhàail o cheann gu ceann.
22. Agus thubhairt e ris-san a bha os cionn seòmar nan culaidh, Thoir a‑mach culaidhean do uile luchd-adhraidh Bhàail. Agus thug e a‑mach dhaibh culaidhean.
23. Agus chaidh Iehu agus Iehonadab mac Rechaib a‑steach do thaigh Bhàail, agus thubhairt e ri luchd-adhraidh Bhàail, Rannsaichibh agus faicibh nach bi an seo maille ribh neach air bith de sheirbhisich an Tighearna, ach luchd-adhraidh Bhàail a‑mhàin.
24. Agus nuair a chaidh iad a‑steach a thoirt suas ìobairtean agus thabhartasan-loisgte, shuidhich Iehu ceithir-fichead fear leis a‑muigh, agus thubhairt e, Ma thèid fear air bith as de na daoine a thug mise thairis dur làimh, thèid anam an neach a leigeas as e airson a anama-san.
25. Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail.
26. Agus thug iad a‑mach na dealbhan à taigh Bhàail, agus loisg iad iad.
27. Agus bhris iad sìos dealbh Bhàail, agus bhris iad sìos taigh Bhàail, agus rinn iad e na thaigh-salchair gus an là‑an‑diugh.
28. Mar seo sgrios Iehu Bàal a‑mach à Israel.
29. Gidheadh ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoigh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan.
30. Agus thubhairt an Tighearna ri Iehu, A chionn gun do rinn thu gu math anns an nì sin a dhèanamh a tha ceart ann am shùilean-sa, agus gun do rinn thu ri taigh Ahaib a rèir gach nì a bha ann am chridhe-sa, suidhidh do mhic den cheathramh ginealach air rìgh-chathair Israeil.
31. Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh.
32. Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Israel a ghearradh goirid: agus bhuail Hasael iad ann an uile chrìochan Israeil;
33. O Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, fearann Ghilead uile, na Gadaich, agus na Reubenich, agus na Manasaich, o Aroer (a tha làimh ri sruth Arnoin), eadhon Gilead agus Basan.
34. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehu, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine uile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
35. Agus chaidil Iehu maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria: agus rìghich Iehoahas a mhac na àite.
36. Agus b’i an ùine a rìghich Iehu os cionn Israeil ann an Samaria, ochd-bliadhna-fichead.

Salm 72:17-20
17. Bidh a ainm-san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm-san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e.
18. Beannaichte gu robh an Tighearna Dia, Dia Israeil, an tì a‑mhàin a nì nithean iongantach!
19. Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!
20. Chrìochnaicheadh ùrnaighean Dhaibhidh mhic Iese.

Gnàth-fhacal 18:14-15
14. Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?
15. Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.

Eòin 19:1-22
1. An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e.
2. Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime,
3. Agus thubhairt iad, Fàilte ort, a rìgh nan Iùdhach! Agus bhuail iad lem basan e.
4. An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
5. An sin thàinig Iosa a‑mach, agus an crùn droighinn air, agus an fhallaing phurpair uime. Agus thubhairt Pilat riu, Feuch an duine!
6. Uime sin, nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na maoir e, ghlaodh iad, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Thubhairt Pilat riu, Gabhaibh-se e, agus ceusaibh e: oir chan eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
7. Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha-ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.
8. Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, bu mhò a bha a dh’eagal air;
9. Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.
10. An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil?
11. Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.
12. Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair.
13. Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac-ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata.
14. Agus b’e là ullachadh na càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire: agus thubhairt e ris an h‑Iùdhaich, Feuch ur rìgh!
15. Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh-se? Fhreagair na h‑àrd-shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar.
16. An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.
17. Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn-cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota.
18. An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa anns a’ mheadhon.
19. Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann-cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH.
20. Uime sin leugh mòran de na h‑Iùdhaich an tiodal seo: oir bha an t‑àit anns an do cheusadh Iosa fagas don bhaile: agus bha an sgrìobhadh an Eabhra, an Grèigis, agus an Laidinn.
21. An sin thubhairt àrd-shagartan nan Iùdhach ri Pilat, Na sgrìobh, Rìgh nan Iùdhach; ach gun dubhairt e fhèin, Is mi rìgh nan Iùdhach.
22. Fhreagair Pilat, An nì a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.