A A A A A
Bible in one year
May 6

1 Samuel 14:1-52
1. A‑nis air là àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e da athair.
2. Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear;
3. Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.
4. Agus eadar na bealaichean, air an d’iarr Ionatan dol thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nam Philisteach, bha creag gheur air aon taobh, agus creag gheur air an taobh eile: agus b’e ainm creige dhiubh Boses, agus ainm na creige eile Seneh.
5. Bha suidheachadh creige dhiubh o thuath fa chomhair Mhichmais, agus suidheachadh na creige eile o dheas fa chomhair Ghibeah.
6. Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.
7. Agus thubhairt fear-iomchair a airm ris, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; tionndaidh thu fhèin; feuch, tha mise maille riut a rèir do chridhe.
8. An sin thubhairt Ionatan, Feuch, thèid sinn thairis a dh’ionnsaigh nan daoine ud, agus nochdaidh sinn sinn fhèin dhaibh.
9. Ma their iad mar seo rinn, Fanaibh gus an tig sinn dur n‑ionnsaigh; an sin seasaidh sinne nar n‑àite, agus cha tèid sinn suas dan ionnsaigh.
10. Agus ma their iad mar seo, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh-ne; an sin thèid sinn suas, oir thug an Tighearna thairis iad dar làimh: agus bidh seo na chomharradh dhuinn.
11. Agus nochd iad le chèile iad fhèin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h‑Eabhraidhich a’ teachd a‑mach as na tuill anns an d’fhalaich iad iad fhèin.
12. Agus fhreagair fir an fhreiceadain Ionatan agus fear-iomchair a airm, agus thubhairt iad, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh-ne, agus nochdaidh sinne dhuibh nì. Agus thubhairt Ionatan ri fear-iomchair a airm, Thig a‑nìos am dhèidh; oir thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil.
13. Agus chaidh Ionatan suas air a làmhan agus air a chasan, agus fear-iomchair a airm na dhèidh: agus thuit iad ro Ionatan, agus mharbh fear-iomchair a airm na dhèidh.
14. Agus bha an ciad àr sin a rinn Ionatan agus fear-iomchair a airm mu thimcheall fichead fear, an taobh a‑staigh mar gum b’ann de leth-acair fhearainn, a dh’fhaodadh cuing dhamh a threabhadh ann an là.
15. Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.
16. Agus dh’amhairc luchd-faire Shauil ann an Gibeah Bheniàmin; agus, feuch, leagh am mòr-shluagh as, agus dh’fhalbh iad a’ bualadh sìos a chèile.
17. An sin thubhairt Saul ris an t‑sluagh a bha maille ris, Gabhaibh àireamh a‑nis agus faicibh cò a dh’fhalbh uainn. Agus, nuair a chaidh an àireamh, feuch, cha robh Ionatan agus fear-iomchair a airm an sin.
18. Agus thubhairt Saul ri Ahiah, Thoir an seo àirc Dhè; oir bha àirc Dhè anns an àm sin maille ri cloinn Israeil.
19. Agus nuair a bha Saul a’ labhairt ris an t‑sagart, chaidh a’ chonghair a bha ann am feachd nam Philisteach air a h‑aghaidh; agus thubhairt Saul ris an t‑sagart, Tarraing air a h‑ais do làmh.
20. Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann.
21. Agus na h‑Eabhraidhich a bha maille ris na Philistich roimhe sin, a chaidh suas maille riu don champ on tìr mun cuairt, thionndaidh iadsan mar an ceudna gu bhith leis na h‑Israelich, a bha maille ri Saul agus Ionatan.
22. Agus nuair a chuala na fir sin uile de Israel, a dh’fhalaich iad fhèin ann an sliabh Ephraim, gun do theich na Philistich, dhlùth-lean iadsan mar an ceudna nan dèidh anns a’ chath.
23. Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.
24. Agus thàinig fir Israeil am fagas air an là sin, agus chuir Saul an sluagh fo mhionnan, ag ràdh, Mallaichte gu robh am fear a dh’itheas biadh gu feasgar, a‑chum gun dìolar mi air mo naimhdean: agus cha do bhlais neach air bith den t‑sluagh biadh.
25. Agus thàinig an sluagh uile gu coille, agus bha mil air aghaidh na machrach.
26. Agus nuair a thàinig an sluagh don choille, feuch, shil a’ mhil sìos; ach cha do chuir duine sam bith a làmh a dh’ionnsaigh a bheòil; oir bha eagal nam mionnan air an t‑sluagh.
27. Ach cha chuala Ionatan nuair a chuir a athair an sluagh fo na mionnan: uime sin shìn e a‑mach bàrr na slaite a bha na làimh, agus thum e i ann an cìr mheala, agus chuir e a làmh gu a bheul, agus shoillsicheadh a shùilean.
28. An sin fhreagair fear den t‑sluagh agus thubhairt e, Chuir d’athair an sluagh fo mhionnan teann, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine a dh’itheas biadh an‑diugh. Agus bha an sluagh air fannachadh.
29. An sin thubhairt Ionatan, Chuir m’athair an tìr fo bhuaireas: faicibh, guidheam oirbh, cionnas a tha mo shùilean-sa air an soillseachadh, do bhrìgh gun do bhlais mi beagan den mhil seo.
30. Cia mò gu mòr, nam biodh an sluagh air ithe gu saor an‑diugh de chreich an naimhdean, a fhuair iad? Oir nach biodh a‑nis àr na bu mhò am measg nam Philisteach?
31. Agus bhuail iad air an là sin na Philistich o Mhichmas gu Aialon: agus bha an sluagh air fannachadh gu mòr.
32. Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich, agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil.
33. Agus dh’innis iad do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha an sluagh a’ peacachadh an aghaidh an Tighearna, le ithe maille ris an fhuil. Agus thubhairt esan, Pheacaich sibh: caraichibh am ionnsaigh an‑diugh clach mhòr.
34. Agus thubhairt Saul, Sgaoilibh sibh fhèin am measg an t‑sluaigh, agus abraibh riu, Thugaibh am ionnsaigh an seo gach duine a dhamh, agus gach duine a chaora, agus marbhaibh iad an seo agus ithibh; agus na peacaichibh an aghaidh an Tighearna le ithe maille ris an fhuil. Agus thug an sluagh uile gach duine a dhamh leis air an oidhche sin, agus mharbh iad an sin iad.
35. Agus thog Saul altair don Tighearna. B’i sin a’ chiad altair a thog e don Tighearna.
36. Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an dèidh nam Philisteach anns an oidhche, agus creachamaid iad gu solas na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dèan gach nì as math leat. An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagas an seo a dh’ionnsaigh Dhè.
37. Agus dh’iarr Saul comhairle air Dia, An tèid mi sìos an dèidh nam Philisteach? An toir thu thairis iad do làimh Israeil? Ach cha do fhreagair e e air an là sin.
38. Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagas an seo, sibhse uile mhaithean an t‑sluaigh, agus biodh fhios agaibh, agus faicibh, càit an robh am peacadh seo an‑diugh.
39. Oir mar as beò an Tighearna a shaor Israel, ged robh e ann am mhac Ionatan, gu cinnteach gheibh e bàs. Ach cha do fhreagair duine e den t‑sluagh uile.
40. An sin thubhairt e ri Israel uile, Bithibh-se air aon taobh, agus bidh mise agus mo mhac Ionatan air an taobh eile. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Dèan an nì as math leat.
41. Uime sin thubhairt Saul ris an Tighearna Dia Israeil, Thoir seachad crannchur cothromach. Agus ghabhadh Saul agus Ionatan; ach chaidh an sluagh as.
42. Agus thubhairt Saul, Tilgibh crannchur eadar mise agus mo mhac Ionatan. Agus ghabhadh Ionatan.
43. An sin thubhairt Saul ri Ionatan, Innis dhomh ciod a rinn thu. Agus dh’innis Ionatan dha, agus thubhairt e, Gu deimhinn le bàrr na slaite a bha am làimh bhlais mi beagan meala, agus, feuch, am faigh mi bàs?
44. Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain.
45. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.
46. An sin chaidh Saul suas o leantainn nam Philisteach: agus dh’fhalbh na Philistich dan àite fhèin.
47. Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.
48. Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h‑Amalecich, agus shaor e Israel à làimh na muinntir a bha gam milleadh.
49. A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.
50. Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair-athar Shauil.
51. Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil.
52. Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile làithean Shauil: agus nuair a chìtheadh Saul fear làidir sam bith no fear treun sam bith, ghabhadh e da ionnsaigh e.

1 Samuel 15:1-35
1. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Chuir an Tighearna mi gu thusa ungadh ad rìgh os cionn a shluaigh, os cionn Israeil: a‑nis uime sin èisd ri briathran an Tighearna.
2. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.
3. A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.
4. Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chèile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear de Iùdah.
5. Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall-fhalach anns a’ ghleann.
6. Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.
7. Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.
8. Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh.
9. Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur.
10. An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Shamueil, ag ràdh,
11. Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.
12. Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.
13. Agus thàinig Samuel gu Saul; agus thubhairt Saul ris, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna; choilean mise àithne an Tighearna.
14. Agus thubhairt Samuel, Ciod as ciall matà do mhèilich nan caorach seo ann am chluasan, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn?
15. Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.
16. An sin thubhairt Samuel ri Saul, Fuirich, agus innsidh mi dhut ciod a thubhairt an Tighearna riumsa a‑nochd. Agus thubhairt e ris, Abair romhad.
17. Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.
18. Agus chuir an Tighearna thu air thuras, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich, na h‑Amalecich, agus cog nan aghaidh gus an cuir thu as dhaibh.
19. Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna?
20. Agus thubhairt Saul ri Samuel, Seadh, dh’èisd mi ri guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t‑slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag, rìgh Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h‑Amalecich:
21. Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal.
22. Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.
23. Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.
24. Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth.
25. A‑nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna.
26. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.
27. Agus nuair a thionndaidh Samuel mun cuairt gu falbh, rug e air oir a fhallainge, agus reubadh i.
28. Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa.
29. Agus mar an ceudna cha dèan Neart Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gun gabhadh e aithreachas.
30. An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia.
31. Agus thill Samuel an dèidh Shauil; agus rinn Saul adhradh don Tighearna.
32. An sin thubhairt Samuel, Thugaibh an seo am ionnsaigh-sa Agag rìgh nan Amaleceach: agus thàinig Agag da ionnsaigh gu suilbhir. Agus thubhairt Agag, Gu cinnteach chaidh searbhas a’ bhàis seachad.
33. Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.
34. An sin dh’imich Samuel gu Ramah; agus chaidh Saul suas da thaigh gu Gibeah Shauil.
35. Agus cha tàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu là a bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn airson Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e Saul na rìgh air Israel.

Salm 57:1-3
1. Don àrd-fhear-ciùil, Al‑taschit. Michtam le Daibhidh nuair a theich e o làthair Shauil don uaimh. Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.
2. Eighidh mi ris an Dia as àirde, ri Dia a choileanas nithean air mo shon.
3. Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh don fhear lem b’àill mo shlugadh suas. Selah. Cuiridh Dia a‑mach a thròcair agus a fhìrinn.

Gnàth-fhacal 15:24-25
24. Tha slighe na beatha shuas don duine ghlic, a‑chum dol as o ifrinn shìos.
25. Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich.

Lùcas 23:1-25
1. Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat.
2. Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.
3. Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh.
4. An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.
5. Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.
6. Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine.
7. Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin.
8. Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis.
9. An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.
10. Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.
11. Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
12. Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile.
13. Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh,
14. Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;
15. No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs.
16. Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e.
17. (Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.)
18. Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:
19. (Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.)
20. Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil.
21. Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e.
22. Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
23. Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart.
24. Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad.
25. Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.