A A A A A
Bible in one year
May 5

1 Samuel 12:1-25
1. Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn.
2. Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.
3. Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.
4. Agus thubhairt iadsan, Cha do rinn thu foill oirnne, cha mhò a ghabh thu nì air bith o làimh aon duine.
5. Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh-sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.
6. Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.
7. A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.
8. Nuair a thàinig Iàcob a‑steach don Eiphit, agus a ghlaodh ur n‑athraichean ris an Tighearna, an sin chuir an Tighearna dan ionnsaigh Maois agus Aaron, a thug ur n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, agus a thug orra còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.
9. Agus nuair a dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannard armailt Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh rìgh Mhòaib; agus chog iad nan aghaidh.
10. Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.
11. Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.
12. Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.
13. A‑nis uime sin, feuch an rìgh a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna rìgh os ur cionn.
14. Ma bhios eagal an Tighearna oirbh, agus ma nì sibh seirbhis dha, agus ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, agus nach dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh sibh fhèin tèarainte, agus mar an ceudna an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn an dèidh an Tighearna ur Dia.
15. Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.
16. A‑nis uime sin seasaibh agus faicibh an nì mòr seo, a nì an Tighearna fa chomhair ur sùl.
17. Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin.
18. Agus ghairm Samuel air an Tighearna; agus chuir an Tighearna a‑nuas tàirneanach agus uisge air an là sin: agus ghabh an sluagh uile eagal mòr ron Tighearna, agus ro Shamuel.
19. Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.
20. Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;
21. Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:)
22. Oir cha trèig an Tighearna a shluagh, air sgàth a mhòr-ainme fhèin; do bhrìgh gum bu toil leis an Tighearna ur dèanamh nur sluagh dha fhèin.
23. Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.
24. A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.
25. Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh.

1 Samuel 13:1-23
1. Bha Saul deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna os cionn Israeil.
2. An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.
3. Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.
4. Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.
5. Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.
6. Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.
7. Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.
8. Agus dh’fheith e seachd làithean, gu ruig an t‑àm àraidh a shuidhich Samuel: ach cha tàinig Samuel gu Gilgal: agus sgapadh an sluagh uaithe.
9. Agus thubhairt Saul, Thugaibh am ionnsaigh an seo ìobairt-loisgte, agus tabhartasan-sìthe. Agus thug e suas an ìobairt-loisgte.
10. Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha.
11. Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;
12. Uime sin thubhairt mi, A‑nis thig na Philistich a‑nuas orm gu Gilgal, agus cha do chuir mi athchuinge a dh’ionnsaigh an Tighearna: rinn mi èiginn uime sin orm fhèin, agus thug mi suas an ìobairt-loisgte.
13. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.
14. Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut.
15. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniàmin: agus ghabh Saul àireamh an t‑sluaigh a bha an làthair maille ris, mu thimcheall sia ceud fear.
16. Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas.
17. Agus thàinig an luchd-millidh a‑mach à camp nam Philisteach nan trì cuideachdan: thionndaidh aon chuideachd dhiubh don t‑slighe a dh’ionnsaigh Ophrah, gu tìr Shauil:
18. Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet-horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich.
19. A‑nis cha d’fhuaireadh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gun dèan na h‑Eabhraidhich dhaibh fhèin claidheamhan no sleaghan:)
20. Uime sin chaidh na h‑Israelich uile sìos a dh’ionnsaigh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phiocaid.
21. Gidheadh bha eighe aca airson nam piocaidean, agus airson nan soc, agus airson nan trì-mheurach, agus airson nan tuaghan, agus a gheurachadh nam bior.
22. Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan.
23. Agus chaidh freiceadan nam Philisteach a‑mach gu bealach Mhichmais.

Salm 56:1-13
1. Don àrd-fhear-ciùil air Ionatelim-rechocim. Michtam le Daibhidh nuair a ghlac na Philistich e ann an Gat. Dèan iochd orm, a Dhè, oir b’àill le duine mo shlugadh suas; tha e gam shàrachadh gach là le cogadh.
2. B’àill lem eascairdean mo shlugadh suas gach là, oir is lìonmhor iad a tha a’ cogadh rium o ionad àrd.
3. Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.
4. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
5. Gach là tha iad a’ fiaradh mo bhriathran; tha an smuaintean uile am aghaidh a‑chum uilc.
6. Tha iad a’ cruinneachadh le chèile, tha iad gam falach fhèin; tha iad a’ toirt fa‑near mo cheuman nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama.
7. Le eucoir an tèid iad as? Ann ad fheirg tilg sìos na slòigh, a Dhè.
8. Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar?
9. An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.
10. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; anns an Tighearna molaidh mi a fhacal.
11. Ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
12. Ormsa, a Dhè, tha do bhòidean; ìocaidh mi cliù dhut;
13. Oir shaor thu m’anam on bhàs, agus mar an ceudna mo chasan o thuisleadh, a‑chum gun gluaisinn ann ad fhianais, a Dhè, ann an solas nam beò.

Gnàth-fhacal 15:21-23
21. Is adhbhar aoibhneis amaideachd dhàsan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach.
22. Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.
23. Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!

Lùcas 22:47-71
47. Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.
48. Ach thubhairt Iosa ris, A Iùdais, a bheil thu le pòig a’ brath Mac an Duine?
49. Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall-san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh?
50. Agus bhuail aon dhiubh seirbhiseach an àrd-shagairt, agus gheàrr e dheth a chluas dheas.
51. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i.
52. An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn?
53. Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair-se, agus cumhachd an dorchadais.
54. An sin rug iad air, agus thug iad leo e do thaigh an àrd-shagairt. Agus lean Peadar am fad uaithe e.
55. Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon.
56. Ach chunnaic cailinn àraidh e na shuidhe aig an teine, agus air dhi amharc gu geur air, thubhairt i, Bha am fear seo mar an ceudna maille ris.
57. Agus dh’àich esan e, ag ràdh, A bhean, chan aithne dhomh e.
58. Agus beagan na dhèidh sin chunnaic neach eile e, agus thubhairt e, Is ann dhiubh thusa mar an ceudna. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan ann.
59. Agus mu thimcheall ùine aon uaire na dhèidh sin, chòmhdaich neach eile air, ag ràdh, Gu fìrinneach bha am fear seo mar an ceudna maille ris; oir is Galilèach e.
60. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach.
61. Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean.
62. Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt.
63. Agus rinn na daoine a chùm Iosa fanaid air, ga bhualadh.
64. Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu.
65. Agus labhair iad mòran de nithean eile gu toibheumach na aghaidh.
66. Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.
67. Ag ràdh, An tusa Crìosd? Innis dhuinn. Agus thubhairt e riu, Ma dh’innseas mi dhuibh, cha chreid sibh:
68. Agus ma dh’fheòraicheas mi nì air bith, cha toir sibh freagradh dhomh, agus cha leig sibh as mi.
69. On àm seo bidh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè.
70. An sin thubhairt iad uile, An tusa mas eadh Mac Dhè? Agus thubhairt e riu, Tha sibhse ag ràdh gur mi.
71. Agus thubhairt iad, Ciod tuilleadh am feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin i as a bheul fhèin.