A A A A A
Bible in one year
May 3

1 Samuel 8:1-22
1. A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil.
2. Agus b’e ainm a chiad-ghin mic Ioel, agus ainm a dhara mic Abiah: bha iad nam britheamhan ann am Beer-sèba.
3. Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.
4. An sin chruinnich uile sheanairean Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah.
5. Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.
6. Ach mhì-thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna.
7. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.
8. A rèir nan uile obraichean a rinn iad on là anns an tug mi a‑nìos iad as an Eiphit gu ruig an là‑an‑diugh, leis an do thrèig iad mi, agus an do rinn iad seirbhis do dhiathan eile, mar seo tha iad a’ dèanamh mar an ceudna riutsa.
9. A‑nis uime sin èisd rin guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianais nan aghaidh, agus cuiridh tu an cèill dhaibh lagh an rìgh a rìoghaicheas os an cionn.
10. Agus dh’innis Samuel uile bhriathran an Tighearna don t‑sluagh, a bha ag iarraidh rìgh air.
11. Agus thubhairt e, Seo mar a bhios lagh an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn: Gabhaidh e ur mic, agus òrdaichidh e dha fhèin iad a‑chum a charbad, agus gu bhith nam marcaichean aige, agus gu ruith ro a charbadan;
12. Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.
13. Agus gabhaidh e ur nigheanan a dhèanamh ola-ungaidh cùbhraidh, agus gu bhith nam ban-chòcairean, agus nam ban-fhuineadairean.
14. Agus gabhaidh e ur n‑achaidhean agus ur fìonliosan, agus ur liosan-ola, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, agus bheir e iad da òglaich.
15. Agus gabhaidh e an deicheamh de ur sìol, agus de ur fìonliosan, agus bheir e da luchd-dreuchd e, agus da òglaich.
16. Agus gabhaidh e ur n‑òglaich-se agus ur banoglaich, agus na h‑òganaich as fheàrr agaibh, agus ur n‑asail, agus cuiridh e a‑chum a obrach fhèin iad.
17. Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige.
18. Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.
19. Gidheadh, dhiùlt an sluagh èisdeachd ri guth Shamueil, agus thubhairt iad, Chan eadh; ach bidh rìgh againne os ar cionn:
20. Agus bidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar rìgh breith oirnn, agus thèid e a‑mach romhainn, agus cuiridh e ar cathan.
21. Agus chuala Samuel uile bhriathran an t‑sluaigh, agus dh’aithris e iad ann an cluasan an Tighearna.
22. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd rin guth, agus dèan rìgh dhaibh. Agus thubhairt Samuel ri fir Israeil, Rachaibh, gach duine dhibh, da bhaile fhèin.

1 Samuel 9:1-27
1. Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.
2. Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile.
3. Agus chailleadh asail Chis, athair Shauil; agus thubhairt Cis ra mhac, Saul, Thoir leat a‑nis aon de na h‑òganaich, agus èirich, falbh, iarr na h‑asail.
4. Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.
5. Agus nuair a thàinig iad gu tìr Shuph, thubhairt Saul ra òganach a bha maille ris, Thig agus tilleamaid, air eagal gun leig m’athair dheth a chùram mu na h‑asail, agus gum bi smuairean air mar timcheall-ne.
6. Agus thubhairt esan ris, Feuch a‑nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile seo, agus is duine urramach e; thig gach nì a their e gu cinnteach gu crìch: a‑nis matà rachamaid an sin; theagamh gun innis e dhuinn ar slighe air an còir dhuinn gluasad.
7. An sin thubhairt Saul ra òganach, Ach, feuch, ma thèid sinn, ciod a bheir sinn a dh’ionnsaigh òglach Dhè? Oir chaitheadh an t‑aran nar soithichean, agus chan eil tìodhlac ann gu a thoirt a dh’ionnsaigh òglach Dhè: ciod matà a nì sinn?
8. Agus fhreagair an t‑òganach Saul a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha agam an seo am làimh an ceathramh cuid de shecel airgid: sin bheir mi do òglach Dhè, agus innsidh e dhuinn ar slighe.
9. (O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)
10. An sin thubhairt Saul ra òganach, Is math a labhair thu; thig, imicheamaid: agus dh’imich iad don bhaile, far an robh òglach Dhè.
11. Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?
12. Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd.
13. Nuair a thèid sibh a‑steach don bhaile, air ball gheibh sibh e, mun tèid e suas don ionad àrd a dh’ithe: oir chan ith an sluagh gus an tig e, a chionn gum beannaich e an ìobairt, agus an dèidh sin ithidh iadsan a chuireadh. A‑nis uime sin rachaibh suas, oir mun àm seo gheibh sibh e.
14. Agus chaidh iad suas don bhaile: agus nuair a bha iad a’ dol a‑steach gu meadhon a’ bhaile, feuch, thàinig Samuel a‑mach nan coinneamh, gu dol suas don ionad àrd.
15. A‑nis dh’innis an Tighearna ann an cluais Shamueil là mun tàinig Saul, ag ràdh,
16. Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.
17. Agus nuair a chunnaic Samuel Saul, thubhairt an Tighearna ris, Feuch an duine mun do labhair mi riut: rìoghaichidh esan os cionn mo shluaigh.
18. An sin thàinig Saul am fagas do Shamuel anns a’ gheata, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil taigh an fhir-sheallaidh?
19. Agus fhreagair Samuel Saul, agus thubhairt e, Is mise am fear-seallaidh: gabh suas romham don ionad àrd, agus ithidh sibh maille riumsa an‑diugh; agus leigidh mi leat falbh anns a’ mhadainn, agus gach nì a tha ann ad chridhe innsidh mi dhut.
20. Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar?
21. Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?
22. Agus ghabh Samuel Saul agus a òganach, agus thug e a‑steach iad don t‑seòmar-chuirm, agus thug e àite-suidhe dhaibh aig ceann-toisich nan daoine a chaidh a chuireadh, agus iad mu thimcheall deich-fir-fhichead.
23. Agus thubhairt Samuel ris a’ chòcaire, Thoir dhomh a’ chuibhreann a thug mi dhut mun dubhairt mi riut, Cuir làimh riut i.
24. Agus thog an còcaire an slinnean, agus an nì a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an nì sin a dh’fhàgadh air do bheulaibh, agus ith: oir a dh’ionnsaigh an àma seo ghleidheadh dhut e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh don t‑sluagh. Agus dh’ith Saul maille ri Samuel air an là sin.
25. Agus nuair a thàinig iad a‑nuas on ionad àrd don bhaile, labhair Samuel ri Saul air mullach an taighe.
26. Agus dh’èirich iad gu moch: agus mu bhriseadh na fàire, ghairm Samuel air Saul gu mullach an taighe, ag ràdh, Eirich, a‑chum gun leig mi air falbh thu. Agus dh’èirich Saul, agus chaidh iad a‑mach le chèile, e fhèin agus Samuel.
27. Agus nuair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel ri Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh,) ach seas thusa tamall, agus cuiridh mi an cèill dhut facal Dhè.

Salm 55:9-15
9. Sgrios, a Thighearna, agus roinn an teanga, oir chunnaic mi fòirneart agus connsachadh anns a’ bhaile.
10. A là agus a dh’oidhche tha iad a’ dol mun cuairt air, air a bhallachan; agus tha euceart agus aimhleas na mheadhon.
11. Tha aingidheachd na mheadhon, agus cha dealaich foill agus cealg ra shràidean.
12. Oir cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh’fhuilinginn e; cha b’e fear lem b’fhuathach mi a dh’àrdaich e fhèin am aghaidh, no dh’fhalaichinn mi fhèin uaith:
13. Ach thusa, fear a bu choimpire dhomh fhèin, fear m’iùil agus fear m’eòlais!
14. Le chèile ghabh sinn comhairle bhlasda; gu taigh Dhè dh’imich sinn cuideachd.
15. Gabhadh am bàs sealbh orra, rachadh iad sìos don uaigh; oir tha uilc nan àite-còmhnaidh, nam meadhon.

Gnàth-fhacal 15:15-17
15. Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a‑ghnàth an cridhe ait.
16. Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis.
17. Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.

Lùcas 22:1-23
1. A‑nis dhruid riu fèill an arain neo-ghortaichte, den goirear a’ chàisg.
2. Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra.
3. An sin chaidh Sàtan ann an Iùdas don co‑ainm Iscariot, a bha de àireamh an dà‑fhir-dheug.
4. Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh.
5. Agus bha iad subhach, agus rinn iad coicheangal airgead a thoirt dha.
6. Agus gheall esan, agus dh’iarr e àm iomchaidh air a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair.
7. An sin thàinig là an arain neo-ghortaichte, anns am b’èiginn an t‑uan-càisge a mharbhadh.
8. Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i.
9. Agus thubhairt iadsan ris, Càit an àill leat sinn a dh’ullachadh?
10. Agus thubhairt e riu, Feuch, air dhuibh dol a‑steach don bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giùlan soitheach uisge; leanaibh e don taigh anns an tèid e a‑steach.
11. Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?
12. Agus feuchaidh e dhuibh àrd-sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin.
13. Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg.
14. Agus an tràth a thàinig an uair, shuidh e sìos, agus an dà‑abstol-dheug maille ris.
15. Agus thubhairt e riu, Le mòr-thogradh mhiannaich mi a’ chàisg seo ithe maille ribh ro dhomh fulang:
16. Oir tha mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh gus an coileanar i ann an rìoghachd Dhè.
17. Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e:
18. Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè.
19. Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
20. Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.
21. Ach feuch, làmh an tì a bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd.
22. Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e.
23. Agus thòisich iadsan air fiosrachadh eatorra fhèin, cò aca a bha gus an nì seo a dhèanamh.