A A A A A
Bible in one year
May 23

2 Samuel 17:1-29
1. Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Leig dhomh a‑nis dà‑mhìle-dheug fear a thaghadh a‑mach, agus èiridh mi, agus thèid mi air tòir Dhaibhidh a‑nochd:
2. Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin.
3. Agus bheir mi air an ais an sluagh uile ad ionnsaigh-sa: tha an duine a tha thu ag iarraidh mar gun tilleadh an t‑iomlan: agus bidh an sluagh uile ann an sìth.
4. Agus thaitinn a’ chainnt ri Absalom, agus ri seanairean Israeil uile.
5. Agus thubhairt Absalom, Gairm a‑nis mar an ceudna air Husai an t‑Arcach, agus cluinneamaid mar an ceudna ciod a their esan.
6. Agus thàinig Husai a dh’ionnsaigh Absaloim, agus labhair Absalom ris, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Ahitophel: an dèan sinn a rèir a fhacail, no nach dèan? Labhair thusa.
7. Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eil a’ chomhairle a thug Ahitophel math air an uair seo.
8. Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath-ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear-cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh.
9. Feuch, tha e a‑nis am falach ann an sloc-eigin, no ann an àit-eigin eile: agus tachraidh, nuair a thuiteas cuid dhiubh an toiseach, ge bè neach a chluinneas e, gun abair e, Tha àr am measg an t‑sluaigh a tha a’ leantainn Absaloim.
10. Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris.
11. Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.
12. Agus thig sinn air ge bè àit am faighear e, agus tuitidh sinn air mar a thuiteas an drùchd air an talamh: agus chan fhàgar dheth fhèin, agus de na fir uile a tha maille ris, eadhon aon.
13. Agus ma thèid e a‑steach do bhaile, an sin bheir fir Israeil uile cùird leo a dh’ionnsaigh a’ bhaile sin, agus tàirngidh sinn e don abhainn, gus nach fàgar an sin aon chlach bheag.
14. Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.
15. An sin thubhairt Husai ri Sadoc agus ri Abiatar na sagartan, Mar seo agus mar seo chomhairlich Ahitophel Absalom agus seanairean Israeil; agus mar seo agus mar seo chomhairlich mise.
16. A‑nise uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh ag ràdh, Na fan a‑nochd ann an còmhnardan an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gun sluigear suas an rìgh, agus an sluagh uile a tha maille ris.
17. Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh ri En‑rogel; (oir chan fhaodadh iad a bhith air am faicinn a’ dol a‑steach don bhaile:) agus chaidh cailinn agus dh’innis i dhaibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh.
18. Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chèile gu luath, agus thàinig iad gu taigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar na chùirt, agus chaidh iad sìos an sin.
19. Agus ghabh a’ bhean còmhdach agus sgaoil i e air beul an tobair, agus chuir i gràn meilte air; agus cha d’aithnicheadh an nì.
20. Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.
21. Agus nuair a dh’fhalbh iad, thàinig iadsan a‑nìos as an tobar, agus chaidh iad agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh, agus thubhairt iad ri Daibhidh, Eiribh, agus rachaibh gu grad thar an uisge; oir mar seo chomhairlich Ahitophel nur n‑aghaidh-se.
22. Agus dh’èirich Daibhidh, agus an sluagh uile a bha maille ris, agus chaidh iad thar Iòrdan gu solas na maidne, gus nach robh aon dhiubh nach deachaidh thar Iòrdan.
23. Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.
24. An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris.
25. Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib.
26. Agus champaich Israel agus Absalom ann am fearann Ghilead.
27. Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Mahanaim, thug Sobi mac Nahais o Rabah chloinn Amoin, agus Machir mac Amieil o Loidebar, agus Barsillai an Giledach o Rogelim,
28. Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eòrna, agus min mhìn, agus gràn cruadhaichte, agus pònair, agus gall-pheasair, agus peasair chruadhaichte,
29. Agus mil, agus ìm, agus caoraich, agus càise cruidh airson Dhaibhidh, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, a‑chum an ithe, oir thubhairt iad. Tha an sluagh acrach, agus sgìth, agus ìotmhor anns an fhàsach.

2 Samuel 18:1-33
1. Agus dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn.
2. Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.
3. Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile.
4. Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean.
5. Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim.
6. Agus chaidh an sluagh a‑mach don mhachair an aghaidh Israeil: agus bha an cath ann an coille Ephraim.
7. Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh; agus bha an sin air an là sin àr mòr fichead mìle fear:
8. Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh.
9. Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe.
10. Agus chunnaic duine àraidh seo, agus dh’innis e do Ioab, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi Absalom crochte ann an craoibh dharaich.
11. Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn-sa dhut deich seceil airgid agus crios?
12. Agus thubhairt an duine ri Ioab, Ged gheibhinn-sa mìle secel airgid ann am làimh, cha chuirinn mo làmh a‑mach an aghaidh mac an rìgh: oir nar n‑èisdeachd dh’àithn an rìgh dhutsa, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Gleidhibh dhomh an t‑òganach Absalom.
13. No dhèanainn eucoir an aghaidh m’anama fhèin: oir chan eil nì air bith am falach air an rìgh, agus sheasadh tusa fhèin am aghaidh.
14. An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich.
15. Agus chuartaich deichnear òganach a bha ag iomchar arm Ioaib Absalom, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e.
16. Agus shèid Ioab an trompaid, agus thill an sluagh o ruagadh Israeil, oir chùm Ioab air an ais an sluagh.
17. Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.
18. A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim.
19. An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.
20. Agus thubhairt Ioab ris, Cha toir thu sgeul leat an‑diugh, ach bheir thu sgeul leat là eile: ach an‑diugh cha toir thu sgeul leat, a chionn gu bheil mac an rìgh marbh.
21. Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e.
22. An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut?
23. Ach gidheadh, arsa esan, leig dhomh ruith. Agus thubhairt e ris, Ruith. Agus ruith Ahimaas rathad a’ chòmhnaird, agus chaidh e seachad air Cusi.
24. Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar.
25. Agus ghlaodh am fear-faire, agus dh’innis e don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ma tha e na aonar, tha sgeul aige na bheul. Agus dh’imich e air aghaidh, agus thàinig e am fagas.
26. Agus chunnaic am fear-faire duine eile a’ ruith; agus ghlaodh am fear-faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith na aonar. Agus thubhairt an rìgh, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgeòil.
27. Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd.
28. Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh.
29. Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.
30. Agus thubhairt an rìgh ris, Tionndaidh a lethtaobh, agus seas an seo. Agus thionndaidh e a lethtaobh, agus sheas e.
31. Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh.
32. Agus thubhairt an rìgh ri Cusi, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearna an rìgh, agus iadsan uile a dh’èirich suas ad aghaidh a dhèanamh do chroin, mar a tha an t‑òganach sin.
33. Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Salm 66:16-20
16. Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.
17. Ghlaodh mi ris lem bheul, agus dh’àrdaicheadh e lem theangaidh.
18. Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium.
19. Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh.
20. Beannaichte gu robh Dia, nach do thionndaidh m’ùrnaigh uaithesan agus a thròcair uamsa.

Gnàth-fhacal 16:31-32
31. Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.
32. Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd-bhaile.

Eòin 7:28-53
28. An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi, air nach eil eòlas agaibhse.
29. Ach tha eòlas agamsa air; oir is ann uaithe a tha mi, agus chuir esan uaithe mi.
30. An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.
31. Agus chreid mòran den t‑sluagh ann, agus thubhairt iad, Nuair a thig Crìosd, an dèan e nas mò de mhìorbhailean na iad sin a rinn an duine seo?
32. Chuala na Pharasaich gu robh an sluagh a’ borbhanaich nan nithean seo ma thimcheall: agus chuir na Pharasaich agus na h‑àrd-shagartan maoir ga ghlacadh.
33. An sin thubhairt Iosa, Fhathast tamall beag tha mise maille ribh, agus an sin tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi.
34. Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns am bi mi, chan urrainn sibhse teachd.
35. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?
36. Ciod i a’ chainnt seo a thubhairt e, Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns a bheil mise, chan urrainn sibhse teachd?
37. Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.
38. An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò.
39. (Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)
40. Uime sin, nuair a chuala mòran den t‑sluagh a’ chainnt seo, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am Fàidh.
41. Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd?
42. Nach dubhairt an sgriobtar gun tig Crìosd de shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?
43. Air an adhbhar sin dh’èirich eas-aonachd am measg an t‑sluaigh air a shon-san.
44. Agus b’àill le cuid dhiubh a ghlacadh; ach cha do chuir duine air bith làmh ann.
45. An sin thàinig na maoir a‑chum nan ard-shagart agus nam Pharasach; agus thubhairt iadsan riu, Carson nach tug sibh leibh e?
46. Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo.
47. An sin fhreagair na Pharasaich iad, A bheil sibhse mar an ceudna air ur mealladh?
48. An do chreid aon air bith de na h‑uachdarain ann, no de na Pharasaich?
49. Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas an lagha, tha iad mallaichte.
50. Thubhairt Nicodèmus riu (esan a thàinig da ionnsaigh anns an oidhche, air dha a bhith na aon dhiubh),
51. A bheil ar lagh-ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?
52. Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh.
53. Agus dh’imich gach aon da thaigh fhèin.