2 Samuel 5:1-25 |
1. An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil. |
2. Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel. |
3. Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel. |
4. Bha Daibhidh deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna. |
5. Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah. |
6. Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo. |
7. Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh. |
8. Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais-uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh. |
9. Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh. |
10. Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris. |
11. Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh. |
12. Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel. |
13. Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh. |
14. Agus is iad seo an ainmean-san, a rugadh dha ann an Ierusalem: Samuah, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, |
15. Agus Ibner, agus Elisua, agus Nepheg, agus Iaphia, |
16. Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphalet. |
17. Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach. |
18. Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. |
19. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh. |
20. Agus thàinig Daibhidh gu Bàal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal-perasim mar ainm air an àite sin. |
21. Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad. |
22. Agus thàinig na Philistich a‑nìos a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. |
23. Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur. |
24. Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach. |
25. Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba gus an tig thu gu Gaser. |
2 Samuel 6:1-23 |
1. Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich-mìle-fichead. |
2. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban. |
3. Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè. |
4. Agus dh’imich Ahio ron àirc. |
5. Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan. |
6. Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i. |
7. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè. |
8. Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres-usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh. |
9. Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh-sa? |
10. Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach. |
11. Agus dh’fhan àirc an Tighearna ann an taigh Obed-edoim an Giteach trì mìosan: agus bheannaich an Tighearna Obed-edom agus a thaigh uile. |
12. Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas. |
13. Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar. |
14. Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich. |
15. Agus thug Daibhidh agus uile thaigh Israeil a‑nìos àirc an Tighearna le iolaich, agus le fuaim trompaide. |
16. Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe. |
17. Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe. |
18. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh. |
19. Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho-chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin. |
20. Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin! |
21. Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna. |
22. Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram. |
23. Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis. |
Salm 63:1-11 |
1. Salm le Daibhidh nuair a bha e ann am fàsach Iùdah. A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge; |
2. A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir. |
3. A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut. |
4. Mar sin beannaichidh mi thu, an cian as beò mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan. |
5. Mar le smior agus le saill sàsaichear m’anam, agus le bilean aoibhneach molaidh mo bheul thu; |
6. An uair a chuimhnicheas mi ort air mo leabaidh, a bheachd-smaoinicheas mi ort ann am fairean na h‑oidhche. |
7. A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas. |
8. Tha m’anam a’ dlùth-leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi. |
9. Ach iadsan a dh’iarras m’anam a‑chum a sgrios, thèid iad do ionadan ìochdarach na talmhainn. |
10. Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad. |
11. Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug. |
Gnàth-fhacal 16:16-17 |
16. Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead? |
17. Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam. |
Eòin 5:1-23 |
1. Na dhèidh seo bha fèill nan Iùdhach ann; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem. |
2. A‑nis tha ann an Ierusalem, làimh ri geata nan caorach, lochan ris an abrar anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig taighean-fasgaidh. |
3. Annta sin bha nan laighe mòr-bhuidheann de dhaoine easlan, dall, bacach, seargte, a’ feitheamh ri carachadh an uisge. |
4. Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air. |
5. Agus bha duine àraidh an sin, a bha ochd-bliadhna-deug ar fhichead ann an easlaint. |
6. Nuair a chunnaic Iosa esan na laighe, agus fhios aige gu robh e a‑nis ùine fhada mar sin, thubhairt e ris, Am miann leat a bhith air do dhèanamh slàn? |
7. Fhreagair an duine easlan e, A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a chuirear an t‑uisge troimhe chèile, a chuireas anns an lochan mi: ach am feadh tha mise a’ teachd, tha neach eile a’ dol sìos romham. |
8. Thubhairt Iosa ris, Eirich, tog do leabaidh, agus imich. |
9. Agus air ball rinneadh an duine slàn, agus thog e a leabaidh, agus dh’imich e: agus bha an t‑sàbaid ann air an là sin. |
10. Uime sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris an tì a shlànaicheadh, Is i an t‑sàbaid a tha ann; chan eil e dligheach dhut do leabaidh a ghiùlan. |
11. Fhreagair e iad, An tì a rinn slàn mi, thubhairt esan rium, Tog do leabaidh agus imich. |
12. An sin dh’fheòraich iad dheth, Cò an duine a thubhairt riut, Tog do leabaidh agus imich? |
13. Agus cha robh fhios aig an tì a shlànaicheadh cò e: oir chaidh Iosa as a shealladh, air do mhòr-shluagh a bhith anns an àite. |
14. Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut. |
15. Dh’imich an duine, agus dh’innis e do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa a rinn slàn e. |
16. Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur-leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid. |
17. Ach fhreagair Iosa iad, Tha m’Athair ag obrachadh gus a‑nis, agus tha mise ag obrachadh. |
18. Uime sin bu mhò a dh’iarr na h‑Iùdhaich a mharbhadh, a chionn nach e a‑mhàin gun do bhris e an t‑sàbaid, ach gun dubhairt e mar an ceudna gum b’e Dia a Athair-san, ga dhèanamh fhèin co‑ionann ri Dia. |
19. Air an adhbhar sin fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil am Mac comasach air nì sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach an nì a chì e an t‑Athair a’ dèanamh: oir ge bè nithean a nì esan, na nithean sin fhèin nì am Mac mar an ceudna. |
20. Oir is ionmhainn leis an Athair am Mac, agus tha e a’ foillseachadh dha nan uile nithean a tha e fhèin a’ dèanamh: agus foillsichidh e dha obraichean as mò na iad seo, air chor is gum bi iongantas oirbhse. |
21. Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis. |
22. Oir chan eil an t‑Athair a’ toirt breith air duine sam bith; ach thug e gach uile bhreitheanas don Mhac: |
23. A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e. |