1 Samuel 29:1-11 |
1. A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel. |
2. Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis. |
3. An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh? |
4. Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin? |
5. Nach e seo Daibhidh, mun do chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean? |
6. An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean-sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach. |
7. A‑nis matà till, agus imich ann an sìth, a‑chum nach dèan thu nì a tha olc ann an sùilean tighearnan nam Philisteach. |
8. Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh? |
9. Agus fhreagair Achis agus thubhairt e ri Daibhidh, Tha fhios agam gu bheil thu math; ann am shùilean-sa tha thu mar aingeal Dhè: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha tèid e suas maille rinne don chath. |
10. A‑nis matà èirich gu moch anns a’ mhadainn maille ri seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus cho luath is a dh’èireas sibh anns a’ mhadainn, agus a bhios solas agaibh, imichibh. |
11. Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine mocheirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel. |
1 Samuel 30:1-31 |
1. Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine; |
2. Agus thug iad leo nam braighdean na mnathan a bha ann: cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe. |
3. Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas. |
4. An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul na b’fhaide. |
5. Agus thugadh dà mhnaoi Dhaibhidh air falbh nam braighdean, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach. |
6. Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia. |
7. Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir am ionnsaigh an seo, guidheam ort, an èphod; agus thug Abiatar an èphod an sin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. |
8. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan. |
9. Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh. |
10. Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor. |
11. Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl; |
12. Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon-dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean. |
13. Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean. |
14. Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine. |
15. Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha. |
16. Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah. |
17. Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar an là màireach; agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhail, agus a theich. |
18. Agus shaor Daibhidh gach nì a thug na h‑Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi. |
19. Agus cha robh nì air bith a dhìth orra, aon chuid beag no mòr, mic no nigheanan, no creach, no nì air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach nì air ais. |
20. Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad ron sprèidh seo, agus thubhairt iad, Is i seo creach Dhaibhidh. |
21. Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh an dà cheud fear, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad Daibhidh a leantainn, agus air an tug iad fantainn aig an t‑sruth Besor: agus chaidh iad a‑mach an coinneamh an t‑sluaigh a bha maille ris: agus nuair a thàinig Daibhidh am fagas don t‑sluagh, chuir e fàilte orra. |
22. An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bheliail, dhiubhsan a chaidh maille ri Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille rinne, cha toir sinn dhaibh a’ bheag den chreich a shaor sinn, ach a‑mhàin do gach duine a bhean agus a chlann, a‑chum gun toir iad leo iad, agus gun imich iad. |
23. An sin thubhairt Daibhidh, Cha dèan sibh mar sin, mo bhràithrean, ris na thug an Tighearna dhuinn, a ghlèidh sinn, agus a thug a’ bhuidheann a thàinig nar n‑aghaidh thairis dar làimh. |
24. Agus cò a dh’èisdeas ribh anns a’ chùis seo? Ach mar chuibhreann an tì a thèid sìos don chath, mar sin bidh cuibhreann an tì a dh’fhanas maille ris an àirneis; bidh an cuibhreann co‑ionann. |
25. Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh. |
26. Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna: |
27. Dhaibhsan a bha ann am Betel, agus dhaibhsan a bha ann an Ramot mu dheas, agus dhaibhsan a bha ann an Iater, |
28. Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa, |
29. Agus dhaibhsan a bha ann an Rachal, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ierahmeeleach, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ceneach, |
30. Agus dhaibhsan a bha ann an Hormah, agus dhaibhsan a bha ann an Atach, |
31. Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich. |
1 Samuel 31:1-13 |
1. A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa. |
2. Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. |
3. Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus bhuail na fir-bhogha air; agus lotadh gu mòr e leis na fir-bhogha. |
4. An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air. |
5. Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a airm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs maille ris. |
6. Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus fear-iomchair a airm, agus a dhaoine uile air an là sin fhèin maille ri chèile. |
7. Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta. |
8. Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa. |
9. Agus gheàrr iad dheth a cheann, agus rùisg iad a armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach mun cuairt, ga chur an cèill ann an taigh an diathan brèige, agus am measg an t‑sluaigh. |
10. Agus chuir iad a armachd ann an taigh Astaroit: agus spàrr iad a chorp ri balla Bhet-sain. |
11. Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead an nì sin a rinn na Philistich ri Saul, |
12. Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet-sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad. |
13. Agus ghabh iad an cnàimhean, agus dh’adhlaic iad iad fo chraoibh ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean. |
Salm 61:5-8 |
5. Oir chuala tusa, a Dhè, mo bhòidean; thug thu oighreachd dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme. |
6. Cuir thusa làithean ri làithean an rìgh; biodh a bhliadhnachan mar linn agus linn. |
7. Maireadh e gu bràth am fianais Dhè; gleidheadh tròcair agus fìrinn e. |
8. Mar sin seinnidh mi cliù dod ainm gu bràth, a‑chum gun dìol mi mo bhòidean o là gu là. |
Gnàth-fhacal 16:7-9 |
7. Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris. |
8. Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd-a‑steach mòr gun cheartas. |
9. Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman. |
Eòin 3:19-36 |
19. Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas, a chionn gu robh an gnìomharan olc. |
20. Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh. |
21. Ach an tì a nì an fhìrinn, thig e a‑chum an t‑solais, a‑chum gum bi a obraichean follaiseach, gur ann an Dia a rinneadh iad. |
22. An dèidh sin thàinig Iosa agus a dheisciobail do thìr Iudèa; agus dh’fhan e an sin maille riu, agus bhaist e. |
23. Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad: |
24. Oir cha robh Eòin fhathast air a thilgeadh ann am prìosan. |
25. An sin dh’èirich ceist eadar deisciobail Eòin agus na h‑Iùdhaich, mu thimcheall glanaidh. |
26. Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais, feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh. |
27. Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh. |
28. Tha sibhse fhèin a’ toirt fianais dhòmhsa gun dubhairt mi, Cha mhi Crìosd, ach gun do chuireadh roimhe mi. |
29. An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh. |
30. Is èiginn dhàsan fàs, ach dhòmhsa a bhith air mo lùghdachadh. |
31. An tì a thig a‑nuas tha e os cionn nan uile: an tì a tha on talamh, tha e talmhaidh, agus labhraidh e air mhodh talmhaidh: an tì a thig o nèamh, tha e os cionn nan uile. |
32. Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais. |
33. An tì a ghabh ra fhianais-san, chuir e a sheula ris, gu bheil Dia fìor. |
34. An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha. |
35. Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na h‑uile nithean na làimh. |
36. An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air. |