A A A A A
Bible in one year
May 13

1 Samuel 28:1-25
1. Agus anns na làithean sin chruinnich na Philistich an armailtean an ceann a chèile a‑chum cogaidh, a chur catha ri Israel: agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Biodh fhios gu cinnteach agad gun tèid thu a‑mach maille riumsa a‑chum catha, thu fhèin agus do dhaoine.
2. Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Gu deimhinn bidh fhios agad ciod a nì do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Uime sin nì mi fear-gleidhidh mo chinn dhìot gu bràth.
3. A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.
4. Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chèile, agus champaich iad ann an Gilbòa.
5. Agus nuair a chunnaic Saul feachd nam Philisteach, bha eagal air, agus chriothnaich a chridhe gu mòr.
6. Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.
7. An sin thubhairt Saul ra sheirbhisich, Iarraibh dhòmhsa bean aig a bheil leannan-sìdh, agus thèid mi da h‑ionnsaigh, agus fiosraichidh mi dhith. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch, tha bean aig a bheil leannan-sìdh ann an En‑dor.
8. Agus chuir Saul e fhèin ann an riochd eile, agus chuir e air aodach eile agus dh’imich e, agus dithis dhaoine maille ris, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh na mnà anns an oidhche; agus thubhairt e, Dèan fiosachd dhòmhsa, guidheam ort, leis an leannan-shìdh, agus tog suas dhomh esan a dh’ainmicheas mi dhut.
9. Agus thubhairt a’ bhean ris, Feuch, tha fhios agad ciod a rinn Saul, cionnas a gheàrr e as iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr: carson, matà, a tha thu a’ leagadh ribe airson m’anama, a‑chum mo chur gu bàs?
10. Agus mhionnaich Saul dhi air an Tighearna, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna, cha tachair olc sam bith dhut airson an nì seo.
11. An sin thubhairt a’ bhean, Cò a thogas mi a‑nìos dhut? Agus thubhairt esan, Tog a‑nìos dhomh Samuel.
12. Agus nuair a chunnaic a’ bhean Samuel, ghlaodh i le guth àrd; agus labhair a’ bhean ri Saul, ag ràdh, Carson a mheall thu mi, oir is tu Saul?
13. Agus thubhairt an rìgh rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean ri Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a‑nìos as an talamh.
14. Agus thubhairt e rithe, Ciod e a choslas? Agus thubhairt ise, Tha seann duine air teachd a‑nìos, agus e còmhdaichte le fallaing. Agus dh’aithnich Saul gum b’e Samuel a bha ann, agus chrom e e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd dha.
15. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi.
16. An sin thubhairt Samuel, Carson matà a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa, agus gun do dhealaich an Tighearna riut, agus gu bheil e a‑nis air fàs na nàmhaid dhut?
17. Agus rinn an Tighearna dha mar a labhair e tromhamsa; oir reub an Tighearna an rìoghachd as do làimh, agus thug e i dod choimhearsnach, do Dhaibhidh.
18. Do bhrìgh nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, agus nach do chuir thu an gnìomh a chorraich gharg an aghaidh Amaleic; uime sin rinn an Tighearna an nì seo riut air an là‑an‑diugh.
19. Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus a‑màireach bidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach.
20. An sin air ball thuit Saul sìnte air an talamh, agus bha e fo eagal ro‑mhòr airson briathran Shamueil, agus cha robh neart air bith ann; oir cha d’ith e aran rè an là no rè na h‑oidhche sin.
21. Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsaigh Shauil, agus chunnaic i gu robh e fo uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach gèill dod ghuth, agus chuir mi m’anam am làimh, agus dh’èisd mi rid bhriathran a labhair thu rium:
22. A‑nis uime sin, guidheam ort, èisd thusa mar an ceudna ri guth do bhanoglaich, agus cuiream greim arain fad chomhair, agus ith e, agus bidh neart agad, nuair a dh’imicheas tu air do shlighe.
23. Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e, Chan ith mi: ach cho-èignich a sheirbhisich agus mar an ceudna a’ bhean e; agus dh’èisd e rin guth: agus dh’èirich e on talamh, agus shuidh e air an leabaidh.
24. Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo-ghortaichte dhith:
25. Agus chuir i iad fa chomhair Shauil, agus fa chomhair a sheirbhiseach, agus dh’ith iad: an sin dh’èirich iad suas, agus dh’imich iad air an oidhche sin fhèin.

Salm 61:1-4
1. Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Salm le Daibhidh. Eisd, a Dhè, rim ghlaodh; thoir an aire dom ùrnaigh.
2. O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi,
3. Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid.
4. Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah.

Gnàth-fhacal 16:6-6
6. Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.

Eòin 3:1-18
1. Agus bha duine de na Pharasaich, dom b’ainm Nicodèmus, a bha na uachdaran air na h‑Iùdhaich:
2. Thàinig esan a‑chum Iosa anns an oidhche, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gur fear-teagaisg thu a thàinig o Dhia: oir chan urrainn duine air bith na mìorbhailean seo a dhèanamh a tha thusa a’ dèanamh, mura bi Dia maille ris.
3. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura beirear duine a‑rìs, nach urrainn e rìoghachd Dhè fhaicinn.
4. Thubhairt Nicodèmus ris, Cionnas a dh’fhaodas duine a bhith air a bhreith nuair tha e aosda? A bheil e comasach air dol a‑steach an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus a bhith air a bhreith?
5. Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
6. An nì sin a tha air a bhreith on fheòil, is feòil e; agus an nì sin a tha air a bhreith on Spiorad, is spiorad e.
7. Na gabh iongantas gun dubhairt mi riut, Is èiginn dhuibh a bhith air ur breith a‑rìs.
8. Tha a’ ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach chan eil fhios agad cia as a tha i a’ teachd, no càit a bheil i a’ dol: is ann mar sin a tha gach neach a tha air a bhreith on Spiorad.
9. Fhreagair Nicodèmus agus thubhairt e ris, Cionnas a dh’fhaodas na nithean seo a bhith?
10. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear-teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo?
11. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut gu bheil sinne a’ labhairt an nì as fios dhuinn, agus a’ toirt fianais air an nì sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianais.
12. Ma dh’innis mi dhuibh nithean talmhaidh, agus nach creid sibh, cionnas a chreideas sibh ma dh’innseas mi dhuibh nithean nèamhaidh?
13. Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh, Mac an Duine a tha air nèamh.
14. Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas:
15. A‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha mhaireannach aige.
16. Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
17. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan.
18. An tì a chreideas ann, cha dìtear e: ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhè.