A A A A A
Bible in one year
May 11

1 Samuel 24:1-22
1. Agus nuair a bha Saul air tilleadh o leantainn nam Philisteach, dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ann am fàsach En‑gedi.
2. An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh-ghobhar.
3. Agus thàinig e a dh’ionnsaigh mainnirean nan caorach làimh ris an t‑slighe, far an robh uaimh: agus chaidh Saul a‑steach a chòmhdachadh a chas: agus dh’fhan Daibhidh agus a dhaoine ann an taobhan na h‑uamha.
4. Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal.
5. Agus na dhèidh sin bhuail cridhe Daibhidh e, a chionn gun do gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil.
6. Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.
7. Agus chaisg Daibhidh a dhaoine leis na briathran sin, agus cha do leig e leo èirigh an aghaidh Shauil. Ach dh’èirich Saul suas as an uaimh, agus dh’imich e air a shlighe.
8. Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.
9. Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Carson a tha thu ag èisdeachd ri briathran dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron?
10. Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.
11. Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.
12. Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh-sa ort.
13. Mar a their gnàth-fhacal nan sean-fhear, O na h‑aingidh thig aingidheachd; ach cha bhi mo làmh-sa ort.
14. Cò an dèidh an tàinig rìgh Israeil a‑mach? Cò air a bheil thu an tòir? An dèidh coin mhairbh, an dèidh deargainne?
15. Uime sin biodh an Tighearna na bhritheamh, agus thugadh e breith eadar mise agus thusa, agus faiceadh e, agus tagradh e mo chùis, agus saoradh e mi as do làimh.
16. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na briathran sin a labhairt ri Saul, an sin thubhairt Saul, An e seo do ghuth, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thog Saul suas a ghuth, agus ghuil e.
17. Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.
18. Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi.
19. Oir nuair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhutsa airson na rinn thu dhòmhsa an‑diugh.
20. Agus a‑nis, feuch, tha fhios agam gum bi thu gu cinnteach ad rìgh, agus gun daingnichear rìoghachd Israeil ad làimh:
21. Uime sin mionnaich dhòmhsa air an Tighearna nach geàrr thu as mo shliochd am dhèidh, agus nach sgrios thu m’ainm à taigh m’athar.
22. Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaigh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas don daingneach.

1 Samuel 25:1-44
1. Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.
2. Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.
3. A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh-thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib.
4. Agus chuala Daibhidh anns an fhàsach gu robh Nàbel a’ lomairt a chaorach.
5. Agus chuir Daibhidh uaithe deichnear òganach; agus thubhairt Daibhidh ris na h‑òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsaigh Nàbeil, agus cuiribh fàilte air am ainm-sa.
6. Agus mar seo their sibh, Slàn gu robh thu: agus sìth gu robh dhut fhèin, agus sìth dod thaigh, agus sìth do gach nì a tha agad.
7. Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean-sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel.
8. Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.
9. Agus nuair a thàinig òganaich Dhaibhidh, labhair iad ri Nàbel a rèir nam briathran sin uile ann an ainm Dhaibhidh, agus bha iad nan tosd.
10. Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.
11. An gabh mise matà m’aran, agus m’uisge, agus m’fheòil a mharbh mi airson mo luchd-lomairt, agus an tabhair mi e do dhaoine nach aithne dhomh cia as a tha iad?
12. Uime sin thionndaidh òganaich Dhaibhidh air an slighe, agus thill iad, agus thàinig iad agus dh’innis iad dha a rèir nam briathran sin uile.
13. Agus thubhairt Daibhidh ra dhaoine, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air: agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an dèidh Dhaibhidh mu thimcheall ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an àirneis.
14. Ach dh’innis fear de na h‑òganaich do Abigail bean Nàbeil, ag ràdh, feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighistir, agus thug e ana-cainnt dhaibh.
15. Ach bha na daoine ro‑mhath dhuinn, agus cha do rinneadh cron oirnn, cha mhò a dh’ionndrainn sinn nì sam bith rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu, nuair a bha sinn anns an fhearann.
16. Bha iad nam balla dhuinn araon a dh’oidhche agus a là, rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu ag ionaltradh nan caorach.
17. A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.
18. An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud buileann arain, agus dà shearraig fhìona, agus còig caoraich air an deasachadh, agus còig tomhaisean de shìol cruadhaichte, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus dà cheud meall de fhìgean; agus chuir i air asail iad.
19. Agus thubhairt i ra h‑òganaich, Rachaibh air ur n‑aghaidh romham: feuch, tha mi a’ teachd nur dèidh: ach cha d’innis i sin da fear Nàbel.
20. Agus nuair a bha i a’ marcachd air an asail, agus a’ teachd a‑nuas ann am fasgadh an t‑slèibh, feuch, thàinig Daibhidh agus a dhaoine a‑nuas na còmhdhail; agus choinnich i iad.
21. A‑nis thubhairt Daibhidh, Gu cinnteach is ann gu dìomhain a ghlèidh mise gach nì a bha aig an fhear seo anns an fhàsach, air chor is nach d’ionndrainneadh nì air bith de gach nì a bhuineadh dha; oir dhìol esan olc dhòmhsa an èirig maith.
22. Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla.
23. Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,
24. Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.
25. Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat.
26. A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.
27. Agus a‑nis am beannachadh seo, a thug do bhanoglach a dh’ionnsaigh mo thighearna, thugar e eadhon do na h‑òganaich a tha a’ siubhal an cois mo thighearna.
28. Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.
29. Gidheadh dh’èirich duine gu dol air do thòir, agus a dh’iarraidh d’anama: ach bidh anam mo thighearna air a cheangal suas ann an ceanglachan na beatha aig an Tighearna do Dhia; agus anaman do naimhdean, iadsan tilgidh e a‑mach, mar à meadhon croinn-tabhaill.
30. Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil,
31. Cha bhi seo a‑chum doilgheis dhut, no a‑chum oilbheum cridhe dom thighearna, gun do dhòirt thu fuil gun adhbhar, agus gun do dhìol mo thighearna e fhèin: ach nuair a bhuineas an Tighearna gu math rim thighearna, an sin cuimhnich air do bhanoglaich.
32. Agus thubhairt Daibhidh ri Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, a chuir thusa an‑diugh am choinneamh-sa:
33. Agus beannaichte gu robh do chomhairle, agus beannaichte gu robh thu fhèin, a chùm mise an‑diugh o theachd a dhòrtadh fala, agus o mi fhèin a dhìoladh lem làimh fhèin.
34. Oir gu deimhinn, mar as beò an Tighearna Dia Israeil, a chùm mise o chron a dhèanamh ort, mura biodh tu air dèanamh cabhaig, agus air teachd am choinneamh, gu cinnteach chan fhàgte do Nàbel gu solas na maidne neach sam bith a nì uisge ri balla.
35. Uime sin ghabh Daibhidh as a làimh na thug i da ionnsaigh, agus thubhairt e rithe, Gabh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh do thaighe: faic, dh’èisd mi rid ghuth, agus ghabh mi rid ghnùis.
36. Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.
37. Ach anns a’ mhadainn, nuair a chaidh am fìon à Nàbel, agus a dh’innis a bhean dha na nithean sin, bhàsaich a chridhe an taobh a‑staigh dheth, agus bha e mar chloich.
38. Agus mu thimcheall deich làithean na dhèidh sin bhuail an Tighearna Nàbel, agus fhuair e bàs.
39. Agus nuair a chuala Daibhidh gun d’fhuair Nàbel bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nàbeil agus a chùm a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearna aingidheachd Nàbeil air a cheann fhèin. Agus chuir Daibhidh teachdairean uaithe, agus labhair e ri Abigail, a‑chum a gabhail dha fhèin na mnaoi.
40. Agus nuair a thàinig seirbhisich Dhaibhidh a dh’ionnsaigh Abigail gu Carmel, labhair iad rithe, ag ràdh, Chuir Daibhidh sinn ad ionnsaigh a‑chum do ghabhail thuige ad mhnaoi.
41. Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.
42. Agus rinn Abigail cabhag, agus dh’èirich i, agus mharcaich i air asail, agus còignear ghruagach aice ag imeachd na dèidh; agus lean i teachdairean Dhaibhidh, agus bha i na mnaoi aige.
43. Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel; agus bha iad mar an ceudna le chèile nam mnathan aige.
44. Oir thug Saul a nighean Michal, bean Dhaibhidh, do Phalti mac Lais, a bha de Ghalim.

Salm 60:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil air Susan-edut. Michtam le Daibhidh, a‑chum teagaisg, nuair a chog e an aghaidh Aram-naharaim agus an aghaidh Aram-sobah, agus a thill Ioab agus a bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn dà‑mhìle-dheug. A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!
2. Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànaich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh.
3. Nochd thu dod shluagh nithean cruaidhe; thug thu oirnn fìon a’ bhuaireis òl.
4. Thug thu bratach dhaibhsan don eagal thu, gu bhith air a togail suas air sgàth na fìrinn. Selah.
5. A‑chum gun teasairgear iadsan as ionmhainn leat, saor thusa led dheas-làimh, agus èisd rium.

Gnàth-fhacal 16:3-3
3. Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.

Eòin 1:29-51
29. Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!
30. Is e seo an tì mun dubhairt mi, Tha fear a’ teachd am dhèidh aig a bheil barrachd orm; oir bha e romham.
31. Agus cha robh aithne agamsa air: ach a‑chum gum biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a’ baisteadh le uisge.
32. Agus thug Eòin fianais, ag ràdh, Chunnaic mi an Spiorad a’ teachd a‑nuas mar chalaman o nèamh, agus ghabh e còmhnaidh air.
33. Agus cha b’aithne dhòmhsa e: ach an tì a chuir mi a bhaisteadh le uisge, thubhairt esan rium, Ge bè air am faic thu an Spiorad a’ teachd a‑nuas agus a’ gabhail còmhnaidh, is e sin an tì a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.
34. Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.
35. Air an là màireach a‑rìs sheas Eòin agus dithis de a dheisciobail;
36. Agus air dha amharc air Iosa, agus e ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dhè!
37. Agus chuala an dithis dheisciobal e a’ labhairt, agus lean iad Iosa.
38. Agus air tionndadh do Iosa, chunnaic e iad ga leantainn, agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan ris, Rabbi (is e sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, A Mhaighistir), càit a bheil thu a’ gabhail còmhnaidh?
39. Thubhairt e riu, Thigibh agus faicibh. Thàinig iad agus chunnaic iad càit an robh e a’ gabhail còmhnaidh, agus dh’fhan iad maille ris air an là sin: oir bha e mu thimcheall na deicheamh uaire.
40. B’e Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, aon den dithis a chuala Eòin a’ labhairt, agus a lean esan.
41. Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Crìosd.
42. Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Peadar.
43. Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise.
44. A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair.
45. Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph.
46. Agus thubhairt Natànael ris, Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic.
47. Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh, anns nach eil cealg!
48. Thubhairt Natànael ris, Cionnas as aithne dhut mi? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann-fhìge, chunnaic mise thu.
49. Fhreagair Natànael agus thubhairt e ris, Rabbi, is tusa Mac Dhè; is tu Rìgh Israeil.
50. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A chionn gun dubhairt mi riut, chunnaic mi thu fon chrann-fhìge, a bheil thu a’ creidsinn? Chì thu nithean as mò na iad seo.
51. Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.