A A A A A
Bible in one year
May 1

1 Samuel 4:1-21
1. Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.
2. Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear.
3. Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.
4. Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.
5. Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna don champ, dh’èigh Israel uile le iolaich mhòir, agus fhreagair an talamh don fhuaim.
6. Agus chuala na Philistich fuaim na h‑iolaich, agus thubhairt iad, Ciod as ciall do fhuaim na h‑iolaich mhòir seo ann an camp nan Eabhraidheach? Agus thuig iad gu robh àirc an Tighearna air teachd don champ.
7. Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan air teachd don champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne! oir cha robh a leithid seo de nì riamh roimhe ann:
8. Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.
9. Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philistich, a‑chum nach bi sibh nur tràillean aig na h‑Eabhraidhich, mar a bha iadsan nan tràillean agaibhse: bithibh matà fearail, agus cogaibh.
10. Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.
11. Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.
12. Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann.
13. Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile.
14. Agus nuair a chuala Eli fuaim na h‑èighich, thubhairt e, Ciod as ciall do fhuaim na conghair seo? Agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli.
15. A‑nis bha Eli ochd-bliadhna-deug agus ceithir-fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall, air chor is nach faiceadh e gu math.
16. Agus thubhairt an duine ri Eli, Is mise esan a thàinig a‑mach as an armailt, agus theich mise an‑diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic?
17. Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel ro na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t‑sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac, Hophni agus Phinehas, marbh, agus ghlacadh àirc Dhè.
18. Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna.
19. Agus bha a bhan-chliamhainn, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhith air a h‑asaid: agus nuair a chuala i an sgeul gun do ghlacadh àirc Dhè, agus gu robh a h‑athair-cèile marbh, agus a fear, chrom i i fhèin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair-chloinne oirre.
20. Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.
21. Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar-cèile agus a fir:)

1 Samuel 5:1-12
1. Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben-eser gu Asdod.
2. An sin ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad i do thaigh Dhàgoin, agus shuidhich iad i làimh ri Dàgon.
3. Agus nuair a dh’èirich muinntir Asdoid gu moch air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus ghabh iad Dàgon, agus chuir iad a‑rìs e na àite fhèin.
4. Agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus bha ceann Dhàgoin, agus dà bhois a làmh air an gearradh dheth aig an stairsnich: dh’fhàgadh a‑mhàin com Dhàgoin aige.
5. Uime sin cha saltair sagartan Dhàgoin, no neach air bith a thèid a‑steach do thaigh Dhàgoin, air stairsnich Dhàgoin ann an Asdod gus an là‑an‑diugh.
6. Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan.
7. Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia.
8. Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.
9. Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair.
10. Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.
11. Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.
12. Agus na daoine nach do bhàsaich bhuaileadh iad le neasgaidean fala; agus chaidh èigheach a’ bhaile suas gu nèamh.

Salm 54:1-7
1. Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Maschil le Daibhidh nuair a thàinig na Siphich agus a thubhairt iad ri Saul, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne? Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium.
2. Cluinn m’ùrnaigh, a Dhè; èisd ri briathran mo bheòil.
3. Oir dh’èirich coigrich am aghaidh, agus dh’iarr luchd-fòirneirt mo bheatha; cha do chuir iad Dia fan comhair. Selah.
4. Feuch, is e Dia m’fhear-cuideachaidh; tha an Tighearna dhiubhsan a chumas suas mo bheatha.
5. Dìolaidh e olc dom naimhdean; ad fhìrinn geàrr as iad.
6. Le saor thoil bheir mi ìobairt dhut; molaidh mi d’ainm, a Thighearna, oir tha e math.
7. Oir shaor thu mi as gach teinn; agus chunnaic mo shùil mo mhiann air mo naimhdean.

Gnàth-fhacal 15:12-13
12. Cha toigh le fear-fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsaigh dhaoine glice cha tèid e.
13. Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad.

Lùcas 21:1-19
1. Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite-coimhead an ionmhais.
2. Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth-fheòirling an sin.
3. Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile.
4. Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice.
5. Agus air do chuid dhiubh a bhith a’ labhairt mun teampall, mar a bha e air a dhèanamh maiseach le clachan sgiamhach, agus le tìodhlacan, thubhairt e,
6. A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos.
7. Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?
8. Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.
9. Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.
10. An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd:
11. Agus bidh crithean-talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh.
12. Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.
13. Agus tachraidh seo dhuibhse mar fhianais.
14. Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin:
15. Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.
16. Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs.
17. Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa.
18. Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn.
19. Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman.