A A A A A
Bible in one year
April 7

Iosua 3:1-17
1. Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.
2. Agus an ceann trì làithean, chaidh an luchd-riaghlaidh tron champ;
3. Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.
4. Gidheadh bidh astar eadar sibh agus i, mu thimcheall dà mhìle làmh-choille de thomhas: na tigibh am fagas dhi, a‑chum gum bi fios na slighe agaibh air am feum sibh imeachd; oir cha do ghabh sibh riamh roimhe an rathad seo.
5. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg.
6. Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.
7. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.
8. Agus bheir thu àithne do na sagartan a tha a’ giùlan àirc a’ choicheangail, ag ràdh, Nuair a bhios sibh air teachd gu oir uisge Iòrdain, ann an Iòrdan seasaidh sibh.
9. Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Thigibh an seo, agus èisdibh ri briathran an Tighearna ur Dia.
10. Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.
11. Feuch, tha àirc coicheangal Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis romhaibh do Iòrdan.
12. A‑nis uime sin gabhaibh dà‑fhear-dheug à treubhan Israeil, fear as gach treubh.
13. Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.
14. Agus nuair a dh’fhalbh an sluagh o am bùthan, gu dol thar Iòrdan, agus na sagartan a’ giùlan àirc a’ choicheangail ron t‑sluagh;
15. Agus nuair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iòrdan, agus a bha casan nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iòrdan a’ sruthadh thar a bruachan uile rè an fhogharaidh uile),
16. An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.
17. Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Iosua 4:1-24
1. Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thar Iòrdan, an sin labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,
2. Gabhaibh dhuibh fhèin dà‑fhear-dheug as an t‑sluagh, duine as gach treubh:
3. Agus àithnibh dhaibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o seo à meadhon Iòrdain, as an àit anns an do sheas casan nan sagart gu daingeann, dà‑chloich-dheug; agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois a‑nochd.
4. An sin ghairm Iosua air an dà‑fhear-dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear as gach treubh.
5. Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;
6. A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?
7. An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.
8. Agus rinn clann Israel amhail mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà‑chloich-dheug à meadhon Iòrdain, mar a labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo thairis iad don àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad.
9. Agus chuir Iosua suas dà‑chloich-dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.
10. Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.
11. Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh.
12. Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu:
13. Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho.
14. Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.
15. Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,
16. Aithn do na sagartan a tha a’ giùlan àirc na Fianais, iad a theachd a‑nìos à Iòrdan.
17. Agus dh’àithn Iosua do na sagartan, ag ràdh, Thigibh a‑nìos à Iòrdan.
18. Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.
19. Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.
20. Agus an dà‑chloich-dheug sin, a thug iad a‑mach à Iòrdan, chuir Iosua suas ann an Gilgal.
21. Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag ràdh, Nuair a dh’fhiosraicheas ur clann den athraichean anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na clachan seo?
22. An sin bheir sibh fios dur cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iòrdan seo air talamh tioram.
23. Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;
24. A‑chum gun aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a‑chum gum bi eagal an Tighearna ur Dia oirbh am feasd.

Salm 42:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil. Maschil, airson mic Chòrah. Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè.
2. Tha tart air m’anam an dèidh Dhè, an dèidh an Dè bheò; cuin a thig mi agus a nochdar mi am fianais Dhè?
3. Is iad mo dheòir as biadh dhomh a là agus a dh’oidhche, nuair a theirear rium gach là, Càit a bheil do Dhia?
4. Na nithean seo is cuimhne leam, agus tha mi a’ dòrtadh a‑mach m’anama leam fhèin, oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr-chuideachd, chaidh mi leo gu taigh Dhè, le fuaim gàirdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha a’ cumail là fèille.
5. Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.

Gnàth-fhacal 13:17-18
17. Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas.
18. Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram.

Lùcas 9:1-17
1. Agus ghairm e an dà‑fhear-dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.
2. Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan.
3. Agus thubhairt e riu, Na tugaibh nì air bith leibh a‑chum na slighe, bataichean, no màla, no aran, no airgead; cha mhò a bhios dà chòta aig gach fear agaibh.
4. Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach.
5. Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.
6. Agus chaidh iadsan a‑mach, agus ghabh iad tro na bailtean, a’ searmonachadh an t‑soisgeil, agus a’ leigheas anns gach àite.
7. Agus chuala Herod an tetrarc na h‑uile nithean a rinneadh leis: agus bha e ann an imcheist, do bhrìgh gun dubhairteadh le cuid gu robh Eòin air èirigh o na mairbh;
8. Agus le cuid gun d’fhoillsicheadh Elias; agus le cuid eile gu robh aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.
9. Agus thubhairt Herod, Thug mise an ceann de Eòin: ach cò e am fear seo mum bheil mi a’ cluinntinn a leithid seo de nithean? Agus dh’iarr e a fhaicinn.
10. Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.
11. Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.
12. Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear-dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.
13. Ach thubhairt esan riu, Thugaibh-se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.
14. Oir bha iad mu thimcheall còig mìle fear. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Cuiribh nan suidhe iad, leth-cheud anns gach cuideachd.
15. Agus rinn iad mar sin, agus chuir iad nan suidhe iad uile.
16. Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.
17. Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad uile: agus thogadh dà‑chliabh-dheug de bhiadh briste, a bha a dh’fhuidheall aca.