Instagram
English
A A A A A
Deuteronomi 31:1-30
1. Agus chaidh Maois agus labhair e na briathran seo ri Israel uile.
2. Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.
3. Thèid an Tighearna do Dhia e fhèin a‑null romhad; sgriosaidh esan na cinnich sin od làthair, agus sealbhaichidh tu iad: agus thèid Iosua a‑null romhad, mar a thubhairt an Tighearna.
4. Agus nì an Tighearna riu mar a rinn e ri Sihon, agus ri Og, rìghrean nan Amorach, agus ri fearann na muinntir sin a sgrios e.
5. Agus bheir an Tighearna thairis iad ro ur gnùis, a‑chum gun dèan sibh riu a rèir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh.
6. Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.
7. Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd.
8. Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.
9. Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.
10. Agus dh’àithn Maois dhaibh, ag ràdh, Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an àm òrdaichte bliadhna an fhuasglaidh, aig fèill nam pàillean,
11. Nuair a thig Israel uile gan taisbeanadh fhèin an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; leughaidh tu an lagh seo an làthair Israeil uile, nan èisdeachd.
12. Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;
13. Agus gun cluinn an clann do nach b’aithne a’ bheag, agus gum fòghlaim iad eagal an Tighearna ur Dia a bhith orra, am fad agus as beò dhuibh anns an fhearann da bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh.
14. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fhèin ann am pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun toir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd iad iad fhèin ann am pàillean a’ choitheanail.
15. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin anns a’ phàillean ann am meall neòil: agus sheas am meall neòil os cionn doras a’ phàillein.
16. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu.
17. Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?
18. Agus gu cinnteach falaichidh mise mo ghnùis anns an là sin, airson gach uilc a dh’obraich iad, a chionn gun do thionndaidh iad an dèidh dhiathan eile.
19. A‑nis uime sin sgrìobhaibh-se dhuibh fhèin an laoidh seo, agus teagaisgibh i do chloinn Israeil: cuir i nam beul, a‑chum gum bi an laoidh seo mar fhianais dhòmhsa an aghaidh chloinn Israeil.
20. Oir nuair a bheir mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi dan athraichean, a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, agus a dh’itheas iad agus a shàsaichear iad, agus a dh’fhàsas iad reamhar; an sin tionndaidhidh iad gu diathan eile, agus nì iad seirbhis dhaibh, agus brosnaichidh iad mi, agus brisidh iad mo choicheangal.
21. Agus tàrlaidh, nuair a thig mòran olc agus àmhgharan orra, gun labhair an laoidh seo mar fhianais nan aghaidh; oir cha dìochuimhnichear i à beul an sliochd: oir is aithne dhomh an smuaintean a tha iad a’ dealbh an‑diugh fhèin, mun tug mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi.
22. Sgrìobh uime sin Maois an laoidh seo air an là sin fhèin, agus theagaisg e i do chloinn Israeil.
23. Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut.
24. Agus nuair a chuir Maois crìoch air sgrìobhadh briathran an lagha seo ann an leabhar, gus an do chrìochnaicheadh iad;
25. An sin dh’àithn Maois do na Lèbhithich, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, ag ràdh,
26. Gabhaibh leabhar an lagha seo, agus cuiribh e aig taobh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, a‑chum gum bi e an sin mar fhianais ad aghaidh.
27. Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh is a tha mi fhathast beò maille ribh an‑diugh, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna; agus cia as mò na sin a bhios sibh an dèidh mo bhàis?
28. Cruinnichibh am ionnsaigh seanairean ur treubhan uile, agus ur luchd-riaghlaidh, a‑chum is gun labhair mi nan cluasan na briathran seo, agus gun gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianaisean nan aghaidh.
29. Oir tha fhios agam, an dèidh mo bhàis gun truaill sibh sibh fhèin gu tur, agus gun tèid sibh a thaobh on t‑slighe a dh’àithn mi dhuibh; agus thig olc oirbh anns na làithean deireannach, a chionn gun dèan sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair ur làmh.
30. Agus labhair Maois ann an cluasan uile cho-chruinneachadh Israeil briathran na laoidhe seo, gus an do chrìochnaicheadh iad.

Deuteronomi 32:1-52
1. Cluinnibh, O nèamhan, agus labhraidh mi; agus èisdeadh an talamh ri briathran mo bheòil.
2. Silidh mar an t‑uisge mo theagasg, tuitidh mar an drùchd mo chainnt; mar mhìn-uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur;
3. A chionn gum foillsich mi ainm an Tighearna: thugaibh-se mòrachd dar Dia-ne.
4. Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.
5. Thruaill iad iad fhèin, chan e an smal smal a chloinne-san: is ginealach coirbte agus fiar iad.
6. An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?
7. Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut.
8. Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil:
9. Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd-san.
10. Fhuair e ann am fearann fàs e, eadhon ann am fàsach falamh, làn ulfhartaich: threòraich e mun cuairt e, theagaisg e e, ghlèidh e mar ubhal a shùla e.
11. Mar a charaicheas iolair suas a nead, a dh’itealaicheas i os cionn a h‑àlaich, a sgaoileas i a‑mach a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathan;
12. Mar sin threòraich an Tighearna na aonar esan, agus cha robh Dia coigreach maille ris.
13. Thug e air marcachd air àitean àrda na talmhainn, a‑chum gun itheadh e toradh an fhearainn, agus thug e air mil a dheoghal as a’ charraig, agus ola as a’ charraig ailbhinn;
14. Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc.
15. Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte.
16. Bhrosnaich iad e gu eud le diathan eile, le gràinealachdan chuir iad corraich air.
17. Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.
18. Air a’ charraig a ghin thu tha thu mì‑chuimhneachail, agus tha thu dearmadach air an Dia a dhealbh thu.
19. Agus nuair a chunnaic an Tighearna e, ghabh e gràin dhiubh, airson brosnachadh a mhac agus a nigheanan.
20. Agus thubhairt e, Falaichidh mi mo ghnùis uapa, chì mi ciod as crìoch dhaibh: oir is ginealach ro‑choirbte iad, clann anns nach eil creideamh.
21. Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.
22. Oir tha teine air fhadadh am fheirg, agus loisgidh e gu ifrinn ìochdaraich, agus cuiridh e as don talamh le a thoradh, agus cuiridh e ri theine bunaitean nam beann.
23. Càrnaidh mi suas uilc orra, mo shaighdean caithidh mi orra.
24. Claoidhear iad le acras, agus cuirear as dhaibh le teas loisgeach, agus le sgrios searbh: fiaclan fhiadh-bheathaichean mar an ceudna cuiridh mi orra, maille ri nimh nathraichean an duslaich.
25. On leth a‑muigh sgriosaidh an claidheamh, agus on leth a‑staigh uamhann, araon an t‑òigfhear agus an òigh, an cìochran agus fear na gruaige lèithe.
26. Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltean, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine:
27. Mura biodh gu robh eagal orm ro chorraich an nàmhaid, air eagal gun giùlaineadh an eascairdean iad fhèin gu mì‑chubhaidh, air eagal gun abradh iad, Is i ar làmh àrd-ne, agus chan e an Tighearna, a rinn seo uile.
28. Oir is cinneach gun chomhairle iad, cha mhò a tha tuigse annta.
29. O gum biodh iad glic, gun tuigeadh iad seo, gun tugadh iad fa‑near an crìoch dheireannach!
30. Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?
31. Oir mar ar carraig-ne chan eil an carraig-san, air bhith dar naimhdean fhèin nam britheamhan.
32. Oir de fhìonain Shòdoim tha am fìonain-san, agus de mhachraichean Ghomorrah: is fìondhearcan mairbhteach am fìondhearcan, tha am bagaidean searbh:
33. Is e nimh nan dràgon am fìon, agus puinsean an‑iochdmhor nan nathraichean nimhe.
34. Nach eil seo air a thasgadh suas agam, air a sheulachadh am ionmhasan?
35. Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.
36. Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.
37. Agus their e, Càit a bheil an diathan, a’ charraig as an d’earb iad;
38. A dh’ith saill an ìobairtean, a dh’òl fìon an tabhartais-dibhe? — èireadh iad suas, agus cuidicheadh iad leibh; biodh iad dhuibh nan dìdean.
39. Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.
40. Oir togaidh mi suas mo làmh gu nèamh, agus their mi, Is beò mise gu sìorraidh.
41. Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.
42. Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas feòil; eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid.
43. Dèanaibh gàirdeachas, O chinnich, maille ra shluagh-san: oir dìolaidh e fuil a sheirbhiseach, agus nì e dìoghaltas air a eascairdean, agus bidh e tròcaireach da thìr, agus da shluagh fhèin.
44. Agus thàinig Maois, agus labhair e uile bhriathran na laoidhe seo ann an èisdeachd an t‑sluaigh, e fhèin agus Hosèa mac Nuin.
45. Agus chuir Maois crìoch air na briathran sin uile a labhairt ri Israel uile:
46. Agus thubhairt e riu, Socraichibh ur cridhe air na facail uile air a bheil mise a’ toirt fianais nur measg air an là‑an‑diugh, a dh’àithneas sibh dur cloinn a choimhead, a‑chum gun dèan iad uile bhriathran an lagha seo.
47. Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh.
48. Agus labhair an Tighearna ri Maois anns an là sin fhèin, ag ràdh,
49. Imich suas don bheinn seo Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhòaib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh de thìr Chanàain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh;
50. Agus gheibh thu bàs anns an t‑sliabh don tèid thu suas, agus cruinnichear thu a‑chum do dhaoine; mar a fhuair Aaron do bhràthair bàs ann an sliabh Hor, agus a chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine:
51. A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah-Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil.
52. Gidheadh chì thu am fearann fad chomhair; ach cha tèid thu a‑steach don fhearann a tha mi a’ tabhairt do chloinn Israeil.

Salm 40:6-12
6. Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu.
7. An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi a’ teachd; ann an ròla an leabhair tha e sgrìobhte ormsa.
8. Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.
9. Rinn mi sgeul air d’fhìreantachd anns a’ choitheanal mhòr; feuch, cha do chaisg mi mo bhilean, a Thighearna; is aithne dhut.
10. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr.
11. A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi.
12. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi.

Gnàth-fhacal 13:11-12
11. Lùghdaichear saoibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e.
12. Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.

Lùcas 7:31-50
31. Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail?
32. Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.
33. Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.
34. Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.
35. Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.
36. Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.
37. Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.
38. Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.
39. Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.
40. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e.
41. Bha aig fear-fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile lethcheud.
42. Agus do bhrìgh nach robh aca nì leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon. Innis dhòmhsa uime sin, cò dhiubh as mò a ghràdhaicheas e?
43. Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith.
44. Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.
45. Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.
46. Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.
47. Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.
48. Agus thubhairt e rithe, Tha do pheacaidhean air am maitheadh.
49. Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean?
50. Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.