Deuteronomi 27:1-26 |
1. Agus dh’àithn Maois agus seanairean Israeil don t‑sluagh, ag ràdh, Gleidhibh na h‑àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuibh an‑diugh. |
2. Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad. |
3. Agus sgrìobhaidh tu orra uile bhriathran an lagha seo, nuair a thèid thu thairis, a‑chum is gun tèid thu a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut. |
4. Uime sin nuair a thèid sibh thar Iòrdan, cuiridh sibh suas na clachan sin, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, ann an sliabh Ebail, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad. |
5. Agus an sin togaidh tu suas altair don Tighearna do Dhia, altair de chlachan: cha tog thu suas inneal iarainn sam bith orra. |
6. De chlachan slàna togaidh tu altair an Tighearna do Dhia, agus bheir thu suas oirre ìobairtean-loisgte don Tighearna do Dhia. |
7. Agus ìobraidh tu ìobairtean-sìthe, agus ithidh tu an sin, agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia. |
8. Agus sgrìobhaidh tu air na clachan uile bhriathran an lagha seo gu ro‑shoilleir. |
9. Agus labhair Maois, agus na sagartan, na Lèbhithich, ri Israel uile, ag ràdh, Thoir an aire, agus èisd, O Israeil; air an là‑an‑diugh rinneadh thu ad shluagh don Tighearna do Dhia. |
10. Uime sin èisdidh tu ri guth an Tighearna do Dhia, agus nì thu a àitheantan, agus a reachdan, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh. |
11. Agus dh’àithn Maois don t‑sluagh air an là sin fhèin, ag ràdh, |
12. Seasaidh iad seo air sliabh Gheridsim a bheannachadh an t‑sluaigh, nuair a thèid sibh thar Iòrdan: Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Iòseph, agus Beniàmin: |
13. Agus seasaidh iad seo air sliabh Ebail a mhallachadh: Reuben, Gad, agus Aser, agus Sebulun, Dan, agus Naphtali. |
14. Agus labhraidh na Lèbhithich, agus their iad ri daoine Israeil uile le guth àrd: |
15. Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen. |
16. Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen. |
17. Mallaichte gu robh esan a dh’atharraicheas crìoch fearann a choimhearsnaich: agus their an sluagh uile, Amen. |
18. Mallaichte gu robh esan a chuireas an dall air seachran anns an t‑slighe: agus their an sluagh uile, Amen. |
19. Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen. |
20. Mallaichte gu robh esan a laigheas le mnaoi a athar, a chionn gu bheil e a’ leigeadh ris còmhdach a athar: agus their an sluagh uile, Amen. |
21. Mallaichte gu robh esan a laigheas le ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen. |
22. Mallaichte gu robh esan a laigheas le a phiuthair, nighean a athar, no nighean a mhàthar: agus their an sluagh uile, Amen. |
23. Mallaichte gu robh esan a laigheas le a mhàthair-chèile: agus their an sluagh uile, Amen. |
24. Mallaichte gu robh esan a bhuaileas a choimhearsnach gu h‑uaigneach: agus their an sluagh uile, Amen. |
25. Mallaichte gu robh esan a ghabhas duais airson duine neo-chiontach a mharbhadh: agus their an sluagh uile, Amen. |
26. Mallaichte gu robh esan nach daingnich uile bhriathran an lagha seo a‑chum an dèanamh: agus their an sluagh uile, Amen. |
Deuteronomi 28:1-68 |
1. Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn. |
2. Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia. |
3. Beannaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus beannaichte bidh tu anns a’ mhachair. |
4. Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. |
5. Beannaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. |
6. Beannaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus beannaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. |
7. Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean. |
8. Aithnidh an Tighearna am beannachadh ort ad thaighean-tasgaidh, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh; agus beannaichidh e thu anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut. |
9. Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean. |
10. Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad. |
11. Agus nì an Tighearna saoibhir thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh do thalmhainn, anns an talamh a mhionnaich an Tighearna dod athraichean a thabhairt dhut. |
12. Fosglaidh an Tighearna dhut a dheagh ionmhas, na nèamhan a thoirt uisge dod fhearann na àm, agus a bheannachadh uile obraichean do làimhe; agus bheir thu an iasad do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu an iasad. |
13. Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad. |
14. Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh. |
15. Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort. |
16. Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair. |
17. Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. |
18. Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. |
19. Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. |
20. Cuiridh an Tighearna ort mallachadh, mì‑shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, gu a dhèanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid as dhut gu h‑obann, airson aingidheachd do ghnìomharan leis an do thrèig thu mise. |
21. Bheir an Tighearna air a’ phlàigh leantainn riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh. |
22. Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar-dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut. |
23. Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann. |
24. Nì an Tighearna uisge d’fhearainn na luaithre agus na dhuslach: o nèamh thig e a‑nuas ort, gus an sgriosar thu. |
25. Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn. |
26. Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad. |
27. Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas. |
28. Buailidh an Tighearna thu le cuthach, agus le doille, agus le uamhann cridhe. |
29. Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu. |
30. Nì thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan. |
31. Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus chan ith thu dheth: bheirear air falbh d’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha toirear air a h‑ais dhut i: bheirear do chaoraich dod naimhdean, agus cha bhi neach agad a bheir uapa iad. |
32. Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh. |
33. Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh: |
34. Air chor is gum bi thu air mhì-chèill, airson sealladh do shùl a chì thu. |
35. Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn. |
36. Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich. |
37. Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu. |
38. Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e. |
39. Suidhichidh tu fìonliosan agus deasaichidh tu iad, ach chan òl thu den fhìon, cha mhò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad. |
40. Bidh croinn-ola agad air feadh do chrìochan uile, ach chan ung thu thu fhèin leis an ola: oir tilgidh do chrann-ola a thoradh. |
41. Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas. |
42. Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast. |
43. Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal. |
44. Bheir e an iasad dhut, agus cha toir thusa an iasad dha: bidh esan na cheann, agus bidh tusa ad earball. |
45. Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut: |
46. Agus bidh iad ort mar chomharradh agus mar iongantas, agus air do shliochd a‑chaoidh. |
47. A chionn nach do rinn thu seirbhis don Tighearna do Dhia le gàirdeachas, agus le subhachas cridhe, airson pailteas nan uile nithean; |
48. Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut. |
49. Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt: |
50. Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg: |
51. Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut. |
52. Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut. |
53. Agus ithidh tu toradh do chuirp fhèin, feòil do mhac agus do nigheanan, a thug an Tighearna do Dhia dhut, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu: |
54. Air chor is an duine a tha maoth nur measg, agus ro‑shòghmhor, gum bi a shùil olc a‑thaobh a bhràthar, agus a‑thaobh bean a uchd fhèin, agus a‑thaobh iarmad a chloinne a dh’fhàgas e: |
55. Air chor is nach toir e do aon dhiubh a’ bheag de fheòil a chloinne a dh’itheas e; a chionn nach fàgar a’ bheag aige anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu ad gheatachan uile. |
56. A’ bhean mhaoth agus shòghmhor nur measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a‑thaobh mùirn agus maothalachd, bidh a sùil olc a‑thaobh fear-pòsda a h‑uchd, agus a‑thaobh a mic, agus a‑thaobh a h‑ighinn, |
57. Agus a‑thaobh a’ mhaothrain a thig a‑mach o eadar a casan, agus a‑thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhaidh nan uile nithean an diamhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do nàmhaid thu ad gheatachan. |
58. Mura toir thu an aire uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a‑chum gum bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich seo ort, AN TIGHEARNA DO DHIA: |
59. An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. |
60. A bhàrr air seo, bheir e ort uile ghalaran na h‑Eiphit, ron robh eagal ort; agus leanaidh iad riut. |
61. Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu. |
62. Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia. |
63. Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. |
64. Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich. |
65. Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn. |
66. Agus bidh do bheatha crochte ann an amharas fad chomhair; agus bidh eagal ort a là agus a dh’oidhche, agus cha bhi cinnt air bith agad ded bheatha. |
67. Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu. |
68. Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach. |
Salm 39:12-13 |
12. Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna, agus èisd rim ghlaodh; rim dheòir na bi ad thosd; oir is coigreach mi maille riut, agus fear-cuairt, mar m’athraichean uile. |
13. O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò! |
Gnàth-fhacal 13:7-8 |
7. Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige. |
8. Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan. |
Lùcas 6:27-49 |
27. Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh; |
28. Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh. |
29. Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna. |
30. Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i. |
31. Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh-se mar an ceudna dhaibhsan. |
32. Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan aig a bheil gràdh dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir gràdhaichidh peacaich fhèin an dream aig a bheil gràdh dhaibh. |
33. Agus ma nì sibh math don mhuinntir a nì math dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir nì peacaich an nì seo fhèin mar an ceudna. |
34. Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs. |
35. Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc. |
36. Bithibh-se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach. |
37. Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirear maitheanas dhuibh. |
38. Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs. |
39. Agus labhair e cosamhlachd riu, Am faod an dall dall a threòrachadh? Nach tuit iad le chèile ann an sloc? |
40. Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir: ach ge bè neach a tha coileanta, bidh e mar a mhaighistir. |
41. Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin? |
42. No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde. |
43. Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh. |
44. Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fheàrr-dhris. |
45. Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul. |
46. Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh? |
47. Gach neach a thig am ionnsaigh-sa, agus a chluinneas mo bhriathran, agus a nì iad, feuchaidh mi dhuibh cò ris as cosmhail e: |
48. Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig. |
49. Ach an tì a chluinneas agus nach dèan, is cosmhail e ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait, air an do bhuail an sruth gu dian, agus air ball thuit e: agus bu mhòr tuiteam an taighe sin. |