A A A A A
Bible in one year
April 17

Iosua 23:1-16
1. Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.
2. Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan:
3. Agus chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna ur Dia ris na cinnich sin uile air ur son-se: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chog air ur son.
4. Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhith nan oighreachd dur treubhan, o Iòrdan, maille ris na cinnich uile a gheàrr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar.
5. Agus an Tighearna ur Dia, fuadaichidh esan iad as ur fianais, agus iomainidh e iad a‑mach as ur sealladh; agus sealbhaichidh sibh am fearann aca, mar a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh.
6. Bithibh-se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:
7. A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh:
8. Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.
9. Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh-se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh.
10. Cuiridh aon fhear dhibh an teicheadh air mìle: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chogas air ur son, mar a gheall e dhuibh.
11. Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia.
12. No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh-se:
13. Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.
14. Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh.
15. Uime sin tàrlaidh, mar a thàinig na h‑uile nithean matha oirbh, a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh, mar sin gun toir an Tighearna oirbh na h‑uile nithean olca, gus an sgrios e sibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.
16. Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.

Iosua 24:1-33
1. Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd-riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.
2. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall na h‑aibhne, anns an t‑seann aimsir, chòmhnaich ur n‑athraichean, eadhon Tèrah, athair Abrahàim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile.
3. Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.
4. Agus thug mi do Isaac Iàcob agus Esau: agus thug mi do Esau sliabh Sheir ra shealbhachadh; ach chaidh Iàcob agus a chlann sìos don Eiphit.
5. Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.
6. Agus thug mi ur n‑athraichean as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsaigh na fairge; agus lean na h‑Eiphitich ur n‑athraichean le carbadan agus marc-shluagh gus a’ mhuir ruaidh.
7. Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.
8. Agus thug mi sibh do fhearann nan Amorach, a bha a chòmhnaidh air an taobh thall de Iòrdan; agus chog iad ribh: agus thug mi thairis iad dur làimh, agus shealbhaich sibh am fearann: oir sgrios mise iad as ur fianais.
9. An sin dh’èirich Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, agus chog e an aghaidh Israeil, agus chuir e fios, agus ghairm e Balàam mac Bheoir, a‑chum sibhse a mhallachadh.
10. Ach chan èisdinn-sa ri Balàam; uime sin da‑rìribh bheannaich e sibh: mar sin shaor mi sibh as a làimh.
11. Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.
12. Agus chuir mi a’ chonnsbeach romhaibh, a dh’fhuadaich iad a‑mach as ur fianais eadhon dà rìgh nan Amorach; ach chan ann led chlaidheamh, no led bhogha.
13. Agus thug mi dhuibh fearann anns nach do shaothraich sibh, agus bailtean nach do thog sibh, agus ghabh sibh còmhnaidh annta; de fhìonliosan agus de liosan-ola nach do shuidhich sibh, tha sibh ag ithe.
14. A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.
15. Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.
16. Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Guma fada e uainne an Tighearna a thrèigsinn, gu seirbhis a dhèanamh do dhiathan eile;
17. Oir an Tighearna ar Dia, is esan a thug a‑nìos sinne agus ar n‑athraichean à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa, agus a rinn na comharraidhean mòra sin nar sealladh, agus a ghlèidh sinn anns an uile shlighe air an d’imich sinn, agus am measg nan uile shlògh trìd an deachaidh sinn:
18. Agus dh’fhògair an Tighearna a‑mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h‑Amoraich a bha a chòmhnaidh anns an tìr; uime sin nì sinne mar an ceudna seirbhis don Tighearna, oir is esan ar Dia.
19. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean.
20. Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.
21. Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.
22. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn.
23. A‑nis uime sin cuiribh air falbh, (arsa esan,) na diathan coimheach a tha nur measg, agus aomaibh ur cridhe ris an Tighearna Dia Israeil.
24. Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Don Tighearna ar Dia nì sinn seirbhis, agus ra ghuth-san èisdidh sinn.
25. Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem.
26. Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.
27. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh-se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia.
28. Agus leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, gach duine da oighreachd fhèin.
29. Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.
30. Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-serah, a tha ann an sliabh Ephraim air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.
31. Agus rinn Israel seirbhis don Tighearna uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, agus dom b’aithne uile obraichean an Tighearna, a rinn e airson Israeil.
32. Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.
33. Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim.

Salm 47:1-9
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm airson mic Chòrah. Buailibh ur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gàirdeachais.
2. Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile.
3. Cuiridh e na slòigh fo ar smachd, agus na cinnich fo ar casan.
4. Taghaidh e ar n‑oighreachd dhuinn, òirdheirceas Iàcoib, a ghràdhaich e. Selah.
5. Chaidh Dia suas le caithreim, an Tighearna le fuaim trompaid.
6. Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh; seinnibh moladh dar Rìgh, seinnibh;
7. Oir is e Dia rìgh na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h‑eòlach.
8. Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh-chathair a naomhachd.
9. Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chèile, sluagh Dia Abrahàim; oir is le Dia sgiathan na talmhainn; tha e air àrdachadh gu mòr.

Gnàth-fhacal 14:14-14
14. Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math.

Lùcas 13:23-35
23. An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu,
24. Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.
25. On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?
26. An sin tòisichidh sibh air a ràdh, Dh’ith sinn agus dh’òl sinn ad làthair, agus theagaisg thu nar sràidean.
27. Ach their esan, Tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? Imichibh uam uile, a luchd-dèanamh na h‑eucoir.
28. An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.
29. Agus thig iad on àird an ear, agus on àird an iar, agus on àird a tuath agus deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè.
30. Agus, feuch, tha daoine air dheireadh a bhios air thoiseach, agus air thoiseach a bhios air dheireadh.
31. Air an là sin fhèin thàinig Pharasaich àraidh da ionnsaigh, ag ràdh ris, Gabh a‑mach agus imich à seo: oir tha toil aig Herod do mharbhadh.
32. Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.
33. Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.
34. A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh!
35. Feuch, dh’fhàgadh ur taigh fàs agaibh: agus gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach faic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an abair sibh, Is beannaichte an tì a thig ann an ainm an Tighearna.