A A A A A
Bible in one year
April 15

Iosua 19:1-51
1. Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.
2. Agus bha aca nan oighreachd, Beer-sèbah, agus Sèbah, agus Moladah,
3. Agus Hasar-sual, agus Balah, agus Asem,
4. Agus Eltolad, agus Betul, agus Hormah,
5. Agus Siclag, agus Bet-maracabot, agus Hasar-susah,
6. Agus Bet-lebaot, agus Saruhen: trì mòr-bhailtean deug agus am bailtean beaga.
7. Ain, Remon, agus Eter, agus Asan: ceithir bailtean mòra lem bailtean beaga.
8. Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimcheall nam bailtean mòra sin, gu Balat-beer-ramat, mu dheas. B’i sin oighreachd treubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean.
9. A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd-san.
10. Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd-san gu Sarid.
11. Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;
12. Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot-taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,
13. Agus o sin a’ gabhail thairis air an làimh an ear gu Gitah-hepher, gu Itah-casin, agus a’ dol a‑mach gu Remon-metoar gu Neah;
14. Agus tha a’ chrìoch a’ dol mun cuairt mu thuath gu Hanaton; agus tha a dol a‑mach ann an gleann Iiphtah-el;
15. Agus Catat, agus Nahalal, agus Simron, agus Idalah, agus Betlehem: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga.
16. B’i sin oighreachd chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.
17. Thàinig an ceathramh crannchur a‑mach do Isachar, airson chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean.
18. Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem,
19. Agus Hapharim, agus Sihon, agus Anaharat,
20. Agus Rabit, agus Cision, agus Abes,
21. Agus Remet, agus Enganim, agus Enhadah, agus Bet-pases;
22. Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
23. B’i sin oighreachd treubh chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
24. Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean.
25. Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph,
26. Agus Alamelech, agus Amad, agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor-libnat;
27. Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet-dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah-el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet-emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì;
28. Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:
29. Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;
30. Umah mar an ceudna, agus Aphec, agus Rehob: dà mhòr-bhaile ar fhichead lem bailtean beaga.
31. Is i sin oighreachd treubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.
32. Thàinig an siathamh crannchur a‑mach do chloinn Naphtali, eadhon do chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean.
33. Agus bha an crìoch o Heleph, o Alon gu Sahananim, agus Adami, Neceb, agus Iabneel, gu Lacum; agus bha a dol a‑mach gu Iòrdan.
34. Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh an iar gu Asnot-tabor, agus a’ dol a‑mach o sin gu Hucoc, agus tha i a’ ruigheachd gu Sebulun air an taobh mu dheas, agus a’ ruigheachd gu Aser air an taobh an iar, agus gu bruachan Iòrdain leth ri èirigh na grèine.
35. Agus is iad na mòr-bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret,
36. Agus Adamah, agus Ramah, agus Hasor,
37. Agus Cedes, agus Edrei, agus En‑hasor,
38. Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
39. Is i sin oighreachd treubh chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
40. Agus thàinig an seachdamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean.
41. Agus b’i crìoch an oighreachd Sora, agus Estaol, agus Ir‑semes,
42. Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah,
43. Agus Elon, agus Timnatah, agus Ecron,
44. Agus Elteceh, agus Gibeton, agus Bàalat,
45. Agus Iehud, agus Bene-berac, agus Gat-rimon,
46. Agus Me‑iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho.
47. Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a‑mach ro ghann dhaibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann, agus thug iad Dan mar ainm air Lesem, a rèir ainm an athar Dan.
48. Is i sin oighreachd treubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.
49. Nuair a chuir iad crìoch air an fhearann a roinn mar oighreachd a rèir an crìochan, thug clann Israeil oighreachd do Iosua mac Nuin nam measg:
50. A rèir facal an Tighearna, thug iad dha am baile a dh’iarr e, eadhon Timnat-serah ann an sliabh Ephraim, agus thog e am baile, agus ghabh e còmhnaidh ann.
51. Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn.

Iosua 20:1-9
1. Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,
2. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh fhèin bailtean dìdein, mun do labhair mi ribh le làimh Mhaois;
3. A‑chum gun teich am marbhaiche, a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios dha, an sin: agus bidh iad nan dìdein dhuibh o dhìoghaltair na fala.
4. Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.
5. Agus nuair a thèid dìoghaltair na fala an tòir air, an sin cha toir iad suas am marbhaiche da làimh; a chionn gun do bhuail e a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir roimhe sin.
6. Agus gabhaidh e còmhnaidh anns a’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho-chruinneachaidh a‑chum breitheanais, agus gu bàs an àrd-shagairt a bhios ann anns na làithean sin: an sin tillidh am marbhaiche, agus thig e da bhaile fhèin, agus da thaigh fhèin, don bhaile on do theich e.
7. Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
8. Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.
9. B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg, a‑chum ge bè a mharbhadh neach ann an aineolas, gun teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fala, gus an seasadh e an làthair a’ cho-chruinneachaidh.

Salm 46:1-6
1. Don àrd-fhear-ciùil airson mic Chòrah. Oran air Alamot. Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.
2. Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge.
3. Ged bheuc na h‑uisgeachan, agus ged chuirear thar a chèile iad; ged chriothnaich na beanntan le a h‑ataireachd. Selah.
4. Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh-ionad pàilleanan an Tì as àirde.
5. Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn.
6. Ghabh na cinnich boile; ghluaiseadh na rìoghachdan; chuir e a‑mach a ghuth; leagh an talamh.

Gnàth-fhacal 14:7-11
7. Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais.
8. Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.
9. Nì amadain magadh den pheacadh; ach am measg nam fìrean tha deagh-ghean.
10. Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
11. Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.

Lùcas 12:32-59
32. Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.
33. Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.
34. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna.
35. Biodh ur leasraidh crioslaichte mun cuairt, agus ur lòchrain air an lasadh;
36. Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad-fhosgail iad dha.
37. Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
38. Agus ma thig e anns an dara faire, no ma thig e anns an treas faire, agus gum faigh e iad mar sin, is beannaichte na seirbhisich sin.
39. Agus biodh cinnt agaibh air a seo, nam biodh fhios aig fear an taighe cia an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e a thaigh a bhith air a tholladh troimhe.
40. Bithibh-se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.
41. Agus thubhairt Peadar ris, A Thighearna, an ann rinne a tha thu a’ labhairt a’ chosamhlachd seo, no ris na h‑uile?
42. Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
43. Is beannaichte an seirbhiseach sin a gheibh a thighearna, nuair a thig e, a’ dèanamh mar sin.
44. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn na bheil aige.
45. Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
46. Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich.
47. Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
48. Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.
49. Thàinig mise a chur teine air an talamh, agus ciod as àill leam, ma tha e cheana air fhadadh.
50. Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e!
51. A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.
52. Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir.
53. Bidh an t‑athair air a roinn an aghaidh a’ mhic, agus am mac an aghaidh an athar; a’ mhàthair an aghaidh na nighinn, agus an nighean an aghaidh na màthar; a’ mhàthair-chèile an aghaidh bean a mic, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile.
54. Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar, air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin.
55. Agus nuair a chì sibh a’ ghaoth a deas a’ sèideadh, their sibh, Bidh teas ann; agus tha e a’ tachairt.
56. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air aghaidh nan speur agus na talmhainn; ach cionnas nach eil sibh a’ toirt breith air an aimsir seo?
57. Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?
58. Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
59. Tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach as a sin, gus an ìoc thu eadhon a’ phèighinn dheireannach.