A A A A A
Bible in one year
April 14

Iosua 17:1-18
1. Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad-ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear-cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.
2. Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.
3. Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheanan: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.
4. Agus thàinig iad am fagas an làthair Eleàsair, an sagart, agus an làthair Iosua mhic Nuin, agus an làthair nan uachdaran, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna do Mhaois oighreachd a thoirt dhuinne am measg ar bràithrean: uime sin a rèir àithne an Tighearna, thug e dhaibh oighreachd am measg bràithrean an athar.
5. Agus thuit air Manaseh deich cuibhreannan, a thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bha air an taobh eile de Iòrdan,
6. A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.
7. Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd-àiteachaidh En‑tapuah.
8. A‑nis bha aig Manaseh fearann Thapuah: ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu le cloinn Ephraim.
9. Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu sruth Chanah mu dheas den t‑sruth: bha bailtean sin Ephraim am measg bailtean Mhanaseh; bha mar an ceudna crìoch Mhanaseh air an taobh mu thuath den t‑sruth, agus bha a dol a‑mach aig an fhairge.
10. An taobh mu dheas bu le Ephraim, agus an taobh mu thuath bu le Manaseh, agus b’i an fhairge a chrìoch, agus choinnich iad a chèile ann an Aser air an taobh mu thuath, agus ann an Isachar air an taobh an ear.
11. Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan.
12. Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd-àiteachaidh nam bailtean sin fhògradh a‑mach; ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an tìr sin.
13. Gidheadh thàrladh, nuair a dh’fhàs clann Israeil làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhògair iad gu tur a‑mach iad.
14. Agus labhair clann Iòseiph ri Iosua, ag ràdh, Carson nach tug thu dhòmhsa ach aon chrannchur agus aon chuibhreann rin sealbhachadh, agus gur sluagh mòr mi, agus gun do bheannaich an Tighearna mi gus a seo?
15. Agus fhreagair Iosua iad, Mas sluagh mòr thu, imich suas don choilltich, agus geàrr sìos dhut fhèin àit an sin ann am fearann nam Peridseach agus nam famhairean, ma tha sliabh Ephraim ro chumhang dhut.
16. Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.
17. Agus labhair Iosua ri taigh Iòseiph, ri Ephraim, agus ri Manaseh, ag ràdh, Is sluagh mòr thu, agus tha cumhachd mòr agad; cha bhi agad aon chrannchur a‑mhàin.
18. Ach bidh an sliabh agadsa, oir is coille e; agus gearraidh tu sìos i: agus bidh a dhol a‑mach agad: oir fògraidh tu a‑mach na Canàanaich, ged tha carbadan iarainn aca, agus ged tha iad làidir.

Iosua 18:1-28
1. Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.
2. Agus bha fhathast am measg chloinn Israeil seachd treubhan nach d’fhuair an oighreachd.
3. Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh?
4. Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd-san, agus thig iad am ionnsaigh-sa a‑rìs.
5. Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.
6. Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.
7. Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.
8. Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh.
9. Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tron fhearann, agus tharraing iad e a rèir a bhailtean na sheachd earrannan, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua don champ aig Siloh.
10. Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.
11. Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph.
12. Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.
13. Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Luds, gu taobh Luds (is e sin Betel) ri deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot-adar, am fagas don t‑sliabh a tha air an taobh dheas de Bhet-horon ìochdarach.
14. Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet-horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar.
15. Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah.
16. Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair gleann mac Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En‑rogel.
17. Agus thàirngeadh i on taobh mu thuath, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu En‑semes, agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh Ghelilot, a tha thall fa chomhair uchdach Adumim, agus ghabh i sìos gu cloich Bhohain mhic Reubein.
18. Agus ghabh i air a h‑aghaidh a‑chum an taoibh thall fa chomhair Arabah mu thuath, agus chaidh i sìos gu Arabah;
19. Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet-hoglah mu thuath; agus bha dol a‑mach na crìche aig an lùib mu thuath den mhuir shalainn, aig ceann Iòrdain mu dheas. B’i sin a’ chrìoch mu dheas.
20. Agus b’i Iòrdan a’ chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, le a crìochan mun cuairt a rèir an teaghlaichean.
21. A‑nis b’iad bailtean mòra treubh chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean, Iericho agus Bet-hoglah, agus gleann Chesis,
22. Agus Bet-arabah, agus Semaraim, agus Betel,
23. Agus Abhim, agus Parah, agus Ophrah,
24. Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga.
25. Gibeon, agus Ramah, agus Beerot,
26. Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,
27. Agus Rechem, agus Irpeel, agus Taralah,
28. Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Salm 45:6-17
6. Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat cheartais slat-shuaicheantais do rìoghachd-sa.
7. Ghràdhaich thusa fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia-sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach.
8. De mhirr agus de alos agus de chasia, thèid fàile od thrusgan uile a‑mach à lùchairtean de fhiaclan elephant, leis an do chuireadh aoibhneas ort.
9. Tha nigheanan rìghrean am measg do bhan urramach; seasaidh do bhànrighinn air do dheaslàimh, ann an òr na h‑Ophir.
10. Eisd, a nighean, agus amhairc, agus aom do chluas; agus dìochuimhnich do shluagh fhèin agus taigh d’athar.
11. An sin gabhaidh an Rìgh mòr-thlachd ann ad àille; a chionn gur esan do Thighearna, thoir-sa urram dha.
12. Thig eadhon nighean Thìruis le tìodhlac; aslaichidh daoine saoibhir an t‑sluaigh do dheagh-ghean.
13. Uile ghlòrmhor tha nighean an rìgh a‑staigh; air obrachadh le òr tha a h‑aodach.
14. Ann an trusgan de obair-ghrèis bheirear i a‑chum an Rìgh; bheirear na maighdeannan na dèidh, a bana-chompanaich, a‑steach thugad.
15. Bheirear iad le aoibhneas agus le gàirdeachas; thèid iad a‑steach do lùchairt an Rìgh.
16. An àite d’athraichean bidh do mhic; nì thu iad nan uachdarain air an talamh uile.
17. Bheir mi air d’ainm a bhith air chuimhne anns gach linn a thig; uime sin molaidh an sluagh thu gu saoghal nan saoghal.

Gnàth-fhacal 14:6-6
6. Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.

Lùcas 12:1-31
1. Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.
2. Oir chan eil nì air bith falaichte, nach foillsichear: no uaigneach, air nach faighear fios.
3. Air an adhbhar sin, ge bè nì a labhair sibh anns an dorchadas, cluinnear e anns an t‑solas: agus an nì a labhair sibh anns a’ chluais ann an seòmraichean uaigneach, èighear e air mullach nan taighean.
4. Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.
5. Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh.
6. Nach eil còig gealbhain air an reic air dà fheòirling, agus chan eil aon dhiubh air a dhearmad am fianais Dhè?
7. Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
8. Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè.
9. Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichear esan am fianais ainglean Dhè.
10. Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.
11. Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:
12. Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh.
13. Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium.
14. Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear-roinn os ur cionn?
15. Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
16. Agus labhair e cosamhlachd riu, ag ràdh, Thug fearann duine shaoibhir àraidh bàrr pailt uaithe:
17. Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh?
18. Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.
19. Agus their mi rim anam, Anam, tha agad mòran de nithean matha air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach.
20. Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?
21. Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè.
22. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.
23. Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.
24. Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh-tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith?
25. Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?
26. Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile?
27. Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.
28. Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?
29. Uime sin na iarraibh-se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.
30. Oir na nithean seo uile tha cinnich an t‑saoghail ag iarraidh: ach tha fhios aig ur n‑Athair-se gu bheil feum agaibh air na nithean sin.
31. Ach iarraibh-se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh.