Iosua 11:1-23 |
1. Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph, |
2. Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar; |
3. Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh. |
4. Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor. |
5. Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil. |
6. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine. |
7. Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra. |
8. Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò. |
9. Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine. |
10. Agus thill Iosua anns an àm sin air ais, agus ghlac e Hasor, agus bhuail e a rìgh leis a’ chlaidheamh: oir b’e Hasor roimhe sin ceann nan rìoghachdan sin uile. |
11. Agus bhuail iad na h‑anaman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh gan lèirsgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine. |
12. Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna. |
13. Ach a‑thaobh nam bailtean sin uile a sheas a‑ghnàth nan neart, cha do loisg Israel aon dhiubh sin, saor o Hasor a‑mhàin; sin loisg Iosua. |
14. Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail. |
15. Mar a dh’àithn an Tighearna da òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e nì gun dèanamh de na h‑uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. |
16. Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghòsein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann; |
17. O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad. |
18. Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile. |
19. Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd-àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath. |
20. Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. |
21. Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean. |
22. Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad. |
23. Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh. |
Iosua 12:1-24 |
1. A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear: |
2. Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: |
3. Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah: |
4. Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei, |
5. Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin: |
6. Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh. |
7. Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean: |
8. Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich: |
9. Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon; |
10. Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon; |
11. Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon; |
12. Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon; |
13. Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon; |
14. Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon; |
15. Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon; |
16. Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon; |
17. Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon; |
18. Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon; |
19. Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon; |
20. Rìgh Shimron-meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon; |
21. Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon; |
22. Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon; |
23. Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon; |
24. Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich-ar‑fhichead agus aon. |
Salm 44:4-19 |
4. Is tu fhèin mo Rìgh, a Dhè; àithn thusa saorsa do Iàcob. |
5. Tromhadsa buailidh sinn air naimhdean; trìd d’ainme-sa saltraidh sinn orrasan a dh’èireas nar naghaidh. |
6. Oir as mo bhogha chan earb mi, agus cha saor mo chlaidheamh mi. |
7. Ach shaor thusa sinn o ar naimhdean, agus nàraich thu iadsan aig an robh fuath dhuinn. |
8. A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm-sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah. |
9. Ach a‑nis thilg thu uat sinn, agus nàraich thu sinn, agus chan eil thu a’ dol a‑mach le ar n‑armailtean. |
10. Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh. |
11. Thug thu sinn mar chaoraich airson bìdh, agus am measg nan cinneach sgap thu sinn. |
12. Reic thu do shluagh gun fhiach, agus cha do mheudaich thu do mhaoin len luach. |
13. Rinn thu sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar ball-fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn. |
14. Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh. |
15. Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi, |
16. Airson guth an fhir a bheir masladh agus toibheum, airson fianais an nàmhaid agus an dìoghaltaich. |
17. Thàinig seo uile oirnn; gidheadh, cha do dhìochuimhnich sinn thu, agus cha do rinn sinn cealg ann ad choicheangal. |
18. Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cas od shlighe, |
19. Ged mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis. |
Gnàth-fhacal 14:1-2 |
1. Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin. |
2. Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air. |
Lùcas 10:25-42 |
25. Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach? |
26. Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu? |
27. Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin. |
28. Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò. |
29. Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach? |
30. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh. |
31. Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. |
32. Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile. |
33. Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth, |
34. Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth. |
35. Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh-òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e. |
36. Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn? |
37. Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna. |
38. Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e. |
39. Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail. |
40. Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam. |
41. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean: |
42. Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe. |