A A A A A
Bible in one year
April 10

Iosua 9:1-27
1. Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo:
2. Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn.
3. Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,
4. Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon-shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas;
5. Agus brògan a bha sean agus càraichte air an casan, agus seann aodach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath.
6. Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn.
7. Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?
8. Agus thubhairt iad ri Iosua, Is sinne do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, Cò sibh? Agus cia as a thàinig sibh?
9. Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,
10. Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot;
11. Uime sin labhair ar seanairean agus uile luchd-àiteachaidh ar dùthcha rinn, ag ràdh, Gabhaibh lòn nur làimh airson an turuis, agus rachaibh nan coinneamh, agus abraibh riu, Is sinne ur seirbhisich: agus a‑nis dèanaibh coicheangal rinn.
12. An t‑aran seo againn ghabh sinn teth airson ar lòin a‑mach as ar taighean, anns an là anns an tàinig sinn a‑mach gu dol dur n‑ionnsaigh-se; ach a‑nis, feuch, tha e tioram agus liath:
13. Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe.
14. Agus ghabh na daoine dem biadh, agus cha d’iarr iad comhairle o bheul an Tighearna.
15. Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.
16. Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.
17. Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.
18. Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran.
19. Ach thubhairt na h‑uachdarain uile ris a’ cho-chruinneachadh uile, Mhionnaich sinn dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil; agus uime sin chan fhaod sinn beantainn riu.
20. Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh.
21. Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.
22. Agus ghairm Iosua orra, agus labhair e riu, ag ràdh, Carson a mheall sibh sinn, ag ràdh, Tha sinn ro‑fhada uaibh, nuair a tha sibh a chòmhnaidh nar measg?
23. A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè.
24. Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.
25. Agus a‑nis, feuch, tha sinn ad làimh: mar a mheasar math agus ceart leatsa a dhèanamh rinn, dèan.
26. Agus mar seo rinn e riu, agus shaor e iad à làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh iad iad.
27. Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.

Iosua 10:1-43
1. Agus nuair a chuala Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;
2. Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.
3. Uime sin chuir Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh,
4. Thigibh a‑nìos am ionnsaigh-sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil.
5. Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.
6. Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.
7. Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh-cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile.
8. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.
9. Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal.
10. Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.
11. Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan-meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.
12. An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.
13. Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad fhèin air an naimhdean. Nach eil seo sgrìobhte ann an leabhar Iaseir? Agus stad a’ ghrian am meadhon nèimh, agus cha do rinn i cabhag gu dol fodha mu thimcheall là iomlain.
14. Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil.
15. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal;
16. Ach theich na còig rìghrean ud, agus dh’fhalaich iad iad fhèin ann an uaimh ann am Macedah.
17. Agus dh’innseadh do Iosua, ag ràdh, Fhuaireadh na còig rìghrean falaichte ann an uaimh ann am Macedah.
18. Agus thubhairt Iosua, Caraichibh clachan mòra air beul na h‑uamha, agus cuiribh daoine làimh rithe gan gleidheadh.
19. Agus na stadaibh-se, ach rachaibh air tòir ur naimhdean, agus buailibh iadsan as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a‑steach dam bailtean; oir thug an Tighearna ur Dia iad thairis dur làimh.
20. Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte.
21. Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil.
22. An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h‑uamha, agus thugaibh a‑mach am ionnsaigh na còig rìghrean ud as an uaimh.
23. Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a‑mach na còig rìghrean ud da ionnsaigh as an uaimh, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, agus rìgh Egloin.
24. Agus nuair a thug iad a‑mach na rìghrean sin gu Iosua, ghairm Iosua air fir Israeil uile, agus thubhairt e ri ceannardan nam fear-cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagas, cuiribh ur casan air muinealan nan rìgh sin. Agus thàinig iad am fagas, agus chuir iad an casan air am muinealan.
25. Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh.
26. Agus an dèidh sin bhuail Iosua iad, agus mharbh e iad, agus chroch e iad air còig croinn: agus bha iad an crochadh air na croinn gu feasgar.
27. Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo.
28. Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.
29. An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.
30. Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.
31. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e na aghaidh agus chog e na aghaidh.
32. Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac e e air an dara là, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a rèir nan uile nithean a rinn e air Libnah.
33. An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.
34. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh:
35. Agus ghlac iad e air an là sin fhèin, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur anns an là sin, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Lachis.
36. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus chog iad na aghaidh:
37. Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann.
38. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e na aghaidh:
39. Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh.
40. Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.
41. Agus bhuail Iosua iad o Chadeis-barnea gu ruig Gàsa, agus tìr Ghòsein uile gu ruig Gibeon.
42. Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil.
43. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal.

Salm 44:1-3
1. Don àrd-fhear-ciùil, airson mic Chòrah. Maschil. A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.
2. Led làimh thilg thu a‑mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan; chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orrasan soirbheachadh.
3. Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh.

Gnàth-fhacal 13:24-25
24. An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth.
25. Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh.

Lùcas 10:1-24
1. An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.
2. Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd-obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
3. Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh-allaidh.
4. Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.
5. Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.
6. Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
7. Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.
8. Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair:
9. Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh.
10. Ach ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus nach gabh iad ribh, air dhuibh dol a‑mach air a shràidean, abraibh,
11. Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.
12. Ach tha mise ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom anns an là ud na don bhaile sin.
13. Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.
14. Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse.
15. Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu.
16. Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.
17. Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.
18. Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.
19. Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
20. Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.
21. Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.
22. Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
23. Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn:
24. Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.