Àireamh 15:1-41 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum fearann ur n‑àiteachan-còmhnaidh, a tha mise a’ tabhairt dhuibh, |
3. Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte no ìobairt, gu bòid a choileanadh, no mar thabhartas saor-thoile, no nur n‑àrd-fhèillean, a dhèanamh fàile chùbhraidh don Tighearna, den sprèidh no den treud: |
4. An sin bheir esan a bheir seachad a thabhartas don Tighearna, seachad tabhartas-bìdh den deicheamh cuid de fhlùr, measgte maille ris a’ cheathramh cuid de hin ola. |
5. Agus bheir thu seachad an ceathramh cuid de hin fìona mar thabhartas-dibhe, maille ris an tabhartas-loisgte no an ìobairt, airson aon uain. |
6. No airson reithe, bheir thu seachad mar thabhartas-bìdh, dà dheicheamh cuid de fhlùr, measgte leis an treas cuid de hin ola. |
7. Agus a‑chum tabhartais-dibhe, bheir thu seachad an treas cuid de hin fìona, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. |
8. Agus nuair a bheir thu seachad tarbh òg mar ìobairt-loisgte, no mar ìobairt gu bòid a choileanadh, no mar ìobairt-shìth don Tighearna, |
9. An sin bheirear maille ris an tarbh òg, tabhartas-bìdh de thrì deich codaichean de fhlùr, measgte le leth hin ola. |
10. Agus bheir thu seachad a‑chum tabhartais-dibhe leth hin fìona, a‑chum tabhartais a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. |
11. Mar seo nìthear airson aon tairbh, no airson aon reithe, no airson uain, no minn. |
12. A rèir an àireimh a bheir sibh seachad, mar sin nì sibh do gach aon, a rèir an àireimh. |
13. Gach neach a rugadh anns an dùthaich, nì e na nithean sin air a’ mhodh seo, ann an tabhartas a thoirt seachad a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. |
14. Agus ma bhios coigreach air chuairt maille ribh, no cò air bith e a bhios nur measg nur ginealaichean, agus gun toir e seachad tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna; mar a nì sibhse, mar sin nì esan. |
15. Bidh aon reachd dhuibhse a tha den cho-chruinneachadh, agus mar an ceudna don choigreach a tha air chuairt maille ribh, reachd sìorraidh nur ginealaichean: mar a tha sibhse, mar sin bidh an coigreach an làthair an Tighearna. |
16. Aon lagh, agus aon mhodh, bidh agaibhse, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt maille ribh. |
17. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
18. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann da bheil mise gur tabhairt, |
19. An sin tàrlaidh, nuair a dh’itheas sibh de aran an fhearainn, gun toir sibh suas tabhartas-togte don Tighearna. |
20. Bheir sibh suas breacag den chiad chuid de ur taois, mar thabhartas-togte; mar a thogas sibh tabhartas-togte an ùrlair-bhualaidh, mar sin togaidh sibh i. |
21. Den chiad chuid de ur taois bheir sibh don Tighearna tabhartas-togte, nur ginealaichean. |
22. Agus ma rinn sibh mearachd, agus nach do ghlèidh sibh na h‑àitheantan sin uile a labhair an Tighearna ri Maois, |
23. Eadhon gach nì a dh’àithn an Tighearna dhuibh le làimh Mhaois, on là sin anns an tug an Tighearna àithne do Mhaois, agus o sin suas air feadh ur ginealaichean: |
24. An sin tàrlaidh, ma rinneadh nì sam bith ann an aineolas, gun fhios don cho-chruinneachadh, gun toir an co‑chruinneachadh uile seachad aon tarbh òg a‑chum ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, maille ra thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe, a rèir a ghnàtha, agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh. |
25. Agus nì an sagart rèite airson co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus maithear dhaibh e, oir is aineolas a tha ann: agus bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna, agus an ìobairt-pheacaidh an làthair an Tighearna, airson an aineolais. |
26. Agus maithear e do cho-chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg; do bhrìgh gu robh an sluagh uile ann an aineolas. |
27. Agus ma pheacaicheas anam sam bith trìd aineolais, an sin bheir e leis gobhar den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-pheacaidh. |
28. Agus nì an sagart rèite airson an anama a pheacaicheas gu h‑aineolach, nuair a pheacaicheas e le aineolas an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite air a shon; agus maithear dha e. |
29. Bidh aon lagh agaibh air a shon-san a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a shon-san a rugadh am measg chloinn Israeil, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg. |
30. Ach an t‑anam a nì a’ bheag gu h‑an‑dàna (co‑dhiù a rugadh e anns an tìr, no is coigreach e) tha esan a’ toirt eas-urraim don Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh. |
31. Do bhrìgh gun do rinn e tàir air facal an Tighearna, agus gun do bhris e a àithne, gearrar an t‑anam sin as gu tur: bidh a aingidheachd air fhèin. |
32. Agus nuair a bha clann Israeil anns an fhàsach, fhuair iad duine a’ tional mhaidean air là na sàbaid. |
33. Agus thug iadsan a fhuair e a’ tional mhaidean a dh’ionnsaigh Mhaois e, agus a dh’ionnsaigh Aaroin, agus a dh’ionnsaigh a cho-chruinneachaidh uile. |
34. Agus chuir iad an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod a bu chòir a dhèanamh ris. |
35. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; clachaidh an co‑chruinneachadh uile e le clachan an taobh a‑muigh den champ. |
36. Agus thug an co‑chruinneachadh uile a‑mach as a’ champ e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. |
37. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
38. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dhèanamh fabhra dhaibh fhèin air iomallan an aodaich air feadh an ginealaichean, agus iad a chur air fabhra nan iomall còrd gorm. |
39. Agus bidh e dhuibh mar fhabhra, agus amhaircidh sibh air, a‑chum gun cuimhnich sibh uile àitheantan an Tighearna, agus gun dèan sibh iad; agus nach iarr sibh an dèidh ur cridhe agus ur sùl fhèin, nithean as àbhaist dhuibh dol nan dèidh le ana-miann: |
40. A‑chum is gun cuimhnich, agus gun dèan sibh m’àitheantan uile, agus gum bi sibh naomh dur Dia. |
41. Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia. |
Àireamh 16:1-35 |
1. Agus ghabh Corah mac Idsair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine: |
2. Agus dh’èirich iad suas an làthair Mhaois, maille ri daoine àraidh de chloinn Israeil, dà cheud agus leth-cheud ceannard den choitheanal, inbheach anns a’ cho-chruinneachadh, daoine iomraiteach. |
3. Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna? |
4. Agus nuair a chuala Maois e, thuit e air a aghaidh: |
5. Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha. |
6. Dèanaibh-se seo; gabhaibh dhuibh fhèin tùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile: |
7. Agus cuiribh teine annta, agus cuiribh tùis orra an làthair an Tighearna air an là màireach; agus an duine sin a roghnaicheas an Tighearna bidh esan naomh. Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, sibhse a mhaca Lèbhi. |
8. Agus thubhairt Maois ri Corah, Eisdibh, guidheam oirbh, sibhse a mhaca Lèbhi: |
9. An nì beag e nur barail-se gun do sgar Dia Israeil sibh o cho-chruinneachadh Israeil gu ur toirt am fagas dha fhèin, a dhèanamh seirbhis pàillean an Tighearna, agus a sheasamh am fianais a’ cho-chruinneachaidh a fhrithealadh dhaibh? |
10. Agus thug e thusa am fagas dha fhèin, agus do bhràithrean uile, mic Lèbhi, maille riut; agus a bheil sibh ag iarraidh na sagartachd mar an ceudna? |
11. Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh? |
12. Agus chuir Maois teachdairean uaithe a ghairm Dhatain agus Abiraim, mic Eliaib, a thubhairt, Cha tèid sinn suas. |
13. An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn? |
14. A thuilleadh air seo, cha tug thu sinn gu fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne, cha mhò a thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìonliosan: an cuir thu a‑mach sùilean nan daoine sin? Cha tèid sinne suas. |
15. Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh. |
16. Agus thubhairt Maois ri Corah, Bi thusa agus do chuideachd uile an làthair an Tighearna, thusa, agus iadsan, agus Aaron a‑màireach: |
17. Agus gabhaibh gach duine a thùiseir, agus cuiribh tùis annta, agus thugaibh an làthair an Tighearna gach duine a thùiseir, dà cheud agus leth-cheud tùiseir; thusa mar an ceudna, agus Aaron, gach aon dhibh a thùiseir. |
18. Agus ghabh gach duine dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine annta, agus chuir iad tùis orra, agus sheas iad ann an doras pàillean a’ choitheanail maille ri Maois agus ri Aaron. |
19. Agus chruinnich Corah an co‑chruinneachadh uile nan aghaidh gu doras pàillean a’ choitheanail: agus thaisbeineadh glòir an Tighearna don cho-chruinneachadh uile. |
20. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, |
21. Sgaraibh sibh fhèin o mheasg a’ cho-chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla. |
22. Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile? |
23. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
24. Labhair ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Rachaibh suas o thimcheall pàillean Chorah, Dhatain agus Abiraim. |
25. Agus dh’èirich Maois suas, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhatain agus Abiraim; agus lean seanairean Israeil e. |
26. Agus labhair e ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin, guidheam oirbh, o bhùthan nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh ri nì sam bith as leo, air eagal gun sgriosar sibh nam peacaidhean uile. |
27. Mar sin chaidh iad suas o phàillean Chorah, Dhatain, agus Abiraim, air gach taobh: agus thàinig Datan agus Abiram a‑mach, agus sheas iad ann an doras am bùthan, agus am mnathan, agus am mic, agus an clann bheag. |
28. Agus thubhairt Maois, Le seo bidh fhios agaibh gun do chuir an Tighearna mise a dhèanamh nan obraichean sin uile; oir cha do rinn mi iad as mo cheann fhèin. |
29. Ma gheibh na daoine sin bàs mar na h‑uile dhaoine eile, no ma dh’fhiosraichear iad a rèir fiosrachadh nan uile dhaoine, an sin cha do chuir an Tighearna mise uaithe. |
30. Ach ma nì an Tighearna gnìomh nuadh, agus gum fosgail an talamh a bheul, agus gun sluig e suas iad maille ris gach nì as leo, agus gun tèid iad sìos beò don t‑sloc, an sin tuigidh sibh gun do bhrosnaich na daoine sin an Tighearna. |
31. Agus thàrladh, nuair a sguir e de labhairt nam briathran sin uile, gun do sgoilt an talamh a bha fodhpa, o chèile: |
32. Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an taighean, agus na daoine uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile. |
33. Chaidh iad fhèin, agus gach nì a bhuin dhaibh, beò sìos don t‑sloc, agus dhruid an talamh orra: agus chaidh as dhaibh o mheasg a’ cho-chruinneachaidh. |
34. Agus theich Israel uile a bha man timcheall, ran glaodh: oir thubhairt iad, Air eagal gun sluig an talamh sinne suas mar an ceudna. |
35. Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an lethcheud fear a thug seachad tùis. |
Salm 32:1-5 |
1. Le Daibhidh. Maschil. Is beannaichte esan don do mhaitheadh a easaontas, da bheil a pheacadh air a fhalach. |
2. Is beannaichte an duine nach cuir an Tighearna euceart as a leth, agus aig nach eil cealg na spiorad. |
3. Nuair a bha mi am thosd, laigh aois air mo chnàmhan lem bhùireadh fad an là. |
4. Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah. |
5. Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah. |
Gnàth-fhacal 11:16-18 |
16. Gheibh bean ghràsail urram; agus cosnaidh daoine làidir saoibhreas. |
17. Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin. |
18. Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach. |
Marcus 11:1-19 |
1. Agus nuair a thàinig iad am fagas do Ierusalem, gu Betphage agus Betani, aig Sliabh nan Crann-ola, chuir e uaithe dithis de a dheisciobail. |
2. Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e. |
3. Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e. |
4. Agus dh’imich iad, agus fhuair iad an searrach ceangailte a‑muigh aig an doras, aig coinneachadh dà shlighe; agus dh’fhuasgail iad e. |
5. Agus thubhairt cuid dhiubhsan, a bha nan seasamh an sin, riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich? |
6. Agus thubhairt iadsan riu mar a dh’àithn Iosa dhaibh: agus leig iad uapa iad. |
7. Agus thug iad an searrach a‑chum Iosa, agus chuir iad am fallaingean air; agus shuidh esan air. |
8. Agus sgaoil mòran am fallaingean fhèin air an t‑slighe: agus gheàrr cuid eile geugan de na craobhan, agus sgaoil iad air an t‑slighe iad. |
9. Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna! |
10. Is beannaichte rìoghachd ar n‑athar Daibhidh, a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna; Hosanna anns na h‑àrdan! |
11. Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear-dheug. |
12. Agus air an là màireach, nuair a chaidh iad a‑mach à Betani, dh’fhàs e acrach. |
13. Agus air faicinn craoibh-fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann. |
14. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e. |
15. Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd-malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman; |
16. Agus chan fhulaingeadh e gun giùlaineadh neach sam bith soitheach tron teampall. |
17. Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh-sa leis na h‑uile chinnich? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e. |
18. Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd-shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal-san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg. |
19. Agus nuair a bha am feasgar air teachd, chaidh e a‑mach as a’ bhaile. |