A A A A A
Bible in one year
March 8

Àireamh 13:1-33
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg.
3. Agus chuir Maois iad o fhàsach Phàrain, a rèir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil.
4. Agus is iad seo an ainmean: De threubh Reubein, Samua mac Shacuir.
5. De threubh Shimeoin, Saphat mac Hori.
6. De threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.
7. De threubh Isachair, Igal mac Iòseiph.
8. De threubh Ephraim, Hosèa mac Nuin.
9. De threubh Bheniàmin, Palti mac Raphu.
10. De threubh Shebuluin, Gadiel mac Shodi.
11. De threubh Iòseiph, eadhon de threubh Mhanaseh, Gadi mac Shusi.
12. De threubh Dhan, Amiel mac Ghemali.
13. De threubh Aseir, Setur mac Mhichaeil.
14. De threubh Naphtali, Nahbi mac Uopsi.
15. De threubh Ghad, Geuel mac Mhachi.
16. Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin.
17. Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanàain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas anns an t‑slighe seo mu dheas, agus gabhaibh suas a‑chum na beinne;
18. Agus faicibh am fearann, ciod e, agus an sluagh a tha nan còmhnaidh ann, a bheil iad làidir no anfhann, tearc no lìonmhor;
19. Agus ciod e am fearann anns a bheil iad a chòmhnaidh, a bheil e math no olc; agus ciod iad na bailtean anns a bheil iad nan còmhnaidh, an ann am bùthan, no ann an daingnichean làidir;
20. Agus ciod e an talamh, a bheil e reamhar no bochd, a bheil coille ann no nach eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh de thoradh an fhearainn. (A‑nis b’e an t‑àm àm nan ciad dhearcan-fìona abaich.)
21. Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.
22. Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
23. Agus thàinig iad gu sruth Escoil, agus gheàrr iad sìos as a sin geug le aon bhagaid fhìondhearc, agus ghiùlain iad i eadar dithis air luirg: agus thug iad leo de na pomgranatan, agus de na fìgean.
24. Thugadh sruth Escoil mar ainm air an àite sin, airson a’ bhagaid fhìon-dhearcan a gheàrr clann Israeil sìos as a sin.
25. Agus thill iad o rannsachadh an fhearainn an dèidh dà‑fhichead là.
26. Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.
27. Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsaigh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhinn tha e a’ sruthadh le bainne agus le mil; agus is e seo a thoradh.
28. Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin.
29. Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.
30. Agus chiùinich Càleb an sluagh an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh.
31. Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne.
32. Agus thug iad droch sgeul air an fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, ag ràdh, Am fearann tron deachaidh sinne ga rannsachadh, is fearann e a tha ag ithe suas a luchd-àiteachaidh, agus an sluagh uile a chunnaic sinn ann, is daoine iad de mheudachd mhòir.
33. Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.

Àireamh 14:1-45
1. Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin.
2. Agus rinn clann Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois, agus an aghaidh Aaroin; agus thubhairt an co‑chruinneachadh uile riu, Och nach d’fhuair sinn bàs ann an tìr na h‑Eiphit, no nach d’fhuair sinn bàs anns an fhàsach seo!
3. Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit?
4. Agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Dèanamaid dhuinn fhèin ceannard, agus tilleamaid don Eiphit.
5. An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh an làthair coitheanal co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile.
6. Agus reub Iosua mac Nuin, agus Càleb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a rannsaich am fearann, an aodach.
7. Agus labhair iad ri cuideachd chloinn Israeil uile, ag ràdh, Am fearann a chaidh sinne troimhe ga rannsachadh, is fearann ro‑mhath e.
8. Ma tha tlachd aig an Tighearna annainn, an sin bheir e sinn a dh’ionnsaigh an fhearainn seo, agus bheir e dhuinn e; fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne.
9. A‑mhàin na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluagh an fhearainn oirbh; oir is aran dhuinn iad: dh’fhalbh an dìon uapa, agus tha an Tighearna maille rinne; na biodh eagal oirbh romhpa.
10. Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.
11. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?
12. Buailidh mi iad leis a’ phlàigh, agus fògraidh mi iad, agus nì mi thusa ad chinneach nas mò, agus nas cumhachdaiche na iadsan.
13. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, An sin cluinnidh na h‑Eiphitich e (oir thug thusa a‑nìos an sluagh seo led chumhachd o bhith nam measg).
14. Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche.
15. A‑nis, ma mharbhas tu an sluagh seo uile mar aon duine, an sin labhraidh na cinnich a chuala iomradh ort, ag ràdh,
16. A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach.
17. Agus a‑nis, guidheam ort, biodh cumhachd mo Thighearna mòr, a rèir mar a labhair thu, ag ràdh,
18. Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.
19. Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis.
20. Agus thubhairt an Tighearna, Mhaith mi, a rèir d’fhacail:
21. Ach cho fìor is a tha mi beò, lìonar an talamh uile le glòir an Tighearna.
22. Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;
23. Gu cinnteach chan fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi dan athraichean, cha mhò a chì neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e:
24. Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aigesan spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e.
25. (A‑nis bha na h‑Amalecich agus na Canàanaich nan còmhnaidh anns a’ ghleann.) A‑màireach tillibh, agus rachaibh don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe.
26. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
27. Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho-chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh.
28. Abair riu, Cho fìor is a tha mi beò, arsa an Tighearna, mar a labhair sibh am èisdeachd, mar sin nì mi ribh.
29. Anns an fhàsach seo tuitidh ur colainnean: agus a’ mheud is a chaidh àireamh dhibh, a rèir ur n‑àireimh iomlain, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a rinn gearan am aghaidh,
30. Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.
31. Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.
32. Agus air ur son-se dheth, tuitidh ur colainnean anns an fhàsach seo.
33. Agus bidh ur clann air seachran anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, agus giùlainidh iad ur strìopachais, gus an caithear ur colainnean anns an fhàsach.
34. A rèir àireamh nan làithean anns an do rannsaich sibh am fearann, eadhon dà‑fhichead là (gach là airson bliadhna), giùlainidh sibh ur n‑euceartan, eadhon dà‑fhichead bliadhna, agus bidh fhios agaibh air mo bhriseadh-geallaidh-sa.
35. Thubhairt mise an Tighearna e agus gu cinnteach nì mi e don cho-chruinneachadh olc seo uile, a chruinnich am aghaidh: anns an fhàsach seo claoidhear iad, agus an sin gheibh iad bàs.
36. Agus na daoine a chuir Maois a rannsachadh an fhearainn, a thill, agus a thug air a’ cho-chruinneachadh uile gearan a dhèanamh na aghaidh, le droch sgeul a thoirt seachad air an fhearann,
37. Fhuair eadhon na daoine sin, a thug seachad droch sgeul air an fhearann, bàs leis a’ phlàigh an làthair an Tighearna.
38. Ach de na daoine sin a chaidh a rannsachadh an fhearainn, mhair Iosua mac Nuin agus Càleb mac Iephuneh beò.
39. Agus dh’innis Maois na briathran sin do chloinn Israeil uile: agus rinn an sluagh caoidh mhòr.
40. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad suas gu mullach an t‑slèibh, ag ràdh, Feuch, tha sinne an seo, agus thèid sinn suas don àit a gheall an Tighearna; oir pheacaich sinn.
41. Agus thubhairt Maois, Carson a‑nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? Ach cha soirbhich an nì seo leibh.
42. Na rachaibh suas, oir chan eil an Tighearna nur measg; a‑chum is nach buailear sibh an làthair ur naimhdean.
43. Oir tha na h‑Amalecich agus na Canàanaich an sin romhaibh, agus tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: a chionn gun do chlaon sibh on Tighearna, uime sin cha bhi an Tighearna maille ribh.
44. Ach ghabh iad de dhànadas orra dol suas gu mullach an t‑slèibh: gidheadh cha deachaidh àirc coicheangal an Tighearna, no Maois, a‑mach as a’ champ.
45. An sin thàinig na h‑Amalecich a‑nuas, agus na Canàanaich, a bha nan còmhnaidh anns an t‑sliabh sin, agus bhuail iad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah.

Salm 31:19-24
19. Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!
20. Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.
21. Beannaichte gu robh an Tighearna, oir nochd e gu h‑iongantach a choibhneas dhòmhsa ann am baile daingnichte.
22. Thubhairt mise am dheifir, Ghearradh as mi o fhianais do shùl; gidheadh dh’èisd thu ri guth m’aslachaidh nuair a dh’èigh mi riut.
23. Gràdhaichibh an Tighearna, sibhse uile a naoimh-san: gleidhidh an Tighearna na daoine treibhdhireach, agus dìolaidh e gu pailt dhàsan a nì gu h‑uaibhreach.
24. Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Gnàth-fhacal 11:15-15
15. Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd-urrais, bidh e tèarainte.

Marcus 10:32-52
32. Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;
33. Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;
34. Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.
35. Agus thàinig da ionnsaigh Seumas agus Eòin, mic Shebede, ag ràdh, A Mhaighistir, is àill leinn gun dèan thu dhuinne ge bè nì a dh’iarras sinn.
36. Agus thubhairt esan riu, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh?
37. Agus thubhairt iadsan ris, Deònaich dhuinne gun suidheamaid, a h‑aon air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad ghlòir.
38. Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise?
39. Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:
40. Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e.
41. Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr-chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin.
42. Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd-thighearnas orra; agus gu bheil aig an daoine mòra làn-ùghdarras orra.
43. Ach cha bhi e mar sin nur measg-se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh:
44. Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.
45. Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
46. Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce.
47. Agus nuair a chuala e gum b’e Iosa o Nàsaret a bha ann, thòisich e ri glaodhaich agus a ràdh, Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
48. Agus chronaich mòran e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu ro‑mhò a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
49. Agus sheas Iosa, agus dh’àithn e esan a ghairm da ionnsaigh: agus ghairm iad an dall, ag ràdh ris, Biodh misneach agad, èirich; tha e gad ghairm.
50. Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa.
51. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.
52. Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.