A A A A A
Bible in one year
March 6

Àireamh 9:1-23
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, anns a’ chiad mhìos den dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,
2. Cumadh, mar an ceudna, clann Israeil a’ chàisg na h‑àm suidhichte fhèin.
3. Anns a’ cheathramh-là‑deug den mhìos seo, air feasgar, cumaidh sibh i na h‑àm suidhichte fhèin, a rèir a h‑òrdaighean uile, agus a rèir a deas-ghnàthan uile, cumaidh sibh i.
4. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a chumail na càisge.
5. Agus chùm iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinài: a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil.
6. Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh le corp duine mhairbh, air chor is nach b’urrainn iad a’ chàisg a chumail air an là sin; agus thàinig iad an làthair Mhaois agus an làthair Aaroin air an là sin.
7. Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha sinne air ar salachadh le corp duine mhairbh: carson a chumar air ar n‑ais sinn, a‑chum is nach faod sinn tabhartas an Tighearna a thoirt seachad na àm suidhichte fhèin am measg chloinn Israeil?
8. Agus thubhart Maois riu, Seasaibh an sin, agus cluinnidh mise ciod a dh’àithneas an Tighearna dur taobh.
9. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
10. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma bhios duine sam bith dhibh, no de ur sliochd, air a shalachadh le corp marbh, no ma bhios e air thuras fad air astar, gidheadh cumaidh e a’ chàisg don Tighearna.
11. Anns a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le aran neo-ghortaichte, agus le lusan searbha ithidh iad i.
12. Chan fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, cha mhò a bhriseas iad cnàimh dhith: a rèir uile òrdaighean na càisge cumaidh iad i.
13. Ach an duine a tha glan, agus nach eil air thuras, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t‑anam sin fhèin as o a shluagh, a chionn nach tug e seachad tabhartas an Tighearna na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh.
14. Agus ma bhios coigreach air chuairt nur measg, agus gun cùm e a’ chàisg don Tighearna, a rèir òrdagh na càisge, agus a rèir a gnàtha, mar sin nì e: bidh aon òrdagh agaibh araon airson a’ choigrich, agus air a shon-san a rugadh anns an tìr.
15. Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.
16. Mar sin bha e a‑ghnàth: chòmhdaich an neul e anns an là, agus coslas teine anns an oidhche.
17. Agus nuair a thogadh an neul suas on phàillean, an sin gun dàil ghabh clann Israeil an turas: agus anns an ionad anns an do stad an neul, ann an sin champaich clann Israeil.
18. Air àithne an Tighearna ghabh clann Israeil an turas, agus air àithne an Tighearna champaich iad: am feadh is a dh’fhan an neul air a’ phàillean, dh’fhan iad nam bùthan.
19. Agus nuair a dh’fhan an neul air a’ phàillean mòran de làithean, an sin ghlèidh clann Israeil freasdal an Tighearna, agus cha d’imich iad.
20. Agus nuair a bha an neul beagan de làithean air a’ phàillean, a rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas.
21. Agus nuair a dh’fhan an neul o fheasgar gu madainn, agus a thogadh an neul suas anns a’ mhadainn, an sin ghabh iad an turas: ma b’ann anns an là no anns an oidhche a thogadh an neul suas, ghabh iad an turas.
22. No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas.
23. A rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas: ghlèidh iad freasdal an Tighearna, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.

Àireamh 10:1-36
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Dèan dhut fhèin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr nì thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choitheanail, agus a‑chum turas nan camp.
3. Agus nuair a shèideas iad leo, cruinnichidh an coitheanal uile iad fhèin ad ionnsaigh aig doras pàillean a’ choitheanail.
4. Agus mura sèid iad ach le aon trompaid, an sin cruinnichidh na ceannardan a tha nan cinn-fheadhna air mhìltean Israeil iad fhèin ad ionnsaigh.
5. Nuair a shèideas sibh caismeachd, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird an ear air an aghaidh.
6. Nuair a shèideas sibh caismeachd an dara uair, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird a deas air an aghaidh: sèididh iad caismeachd a‑chum an turasan.
7. Ach nuair a tha an coitheanal gu bhith air a chruinneachadh an ceann a chèile, sèididh sibh, ach cha sèid sibh caismeachd.
8. Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, leis na trompaidean; agus bidh iad dhuibh mar reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.
9. Agus ma thèid sibh gu cogadh nur dùthaich an aghaidh an nàmhaid a tha a’ dèanamh fòirneirt oirbh, an sin sèididh sibh caismeachd leis na trompaidean; agus cuimhnichear sibh an làthair an Tighearna ur Dia, agus saorar sibh o ur naimhdean.
10. Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia.
11. Agus thàrladh air an fhicheadamh là den dara mìos, anns an dara bliadhna, gun do thogadh suas an neul o uachdar pàillean na Fianais.
12. Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain.
13. Agus ghabh iad air tùs an turas a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.
14. Anns a’ chiad àite dh’imich bratach camp chloinn Iùdah, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib.
15. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Isachair bha Nàtaneel mac Shuair.
16. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shebuluin bha Eliab mac Helean.
17. Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein.
18. Agus ghluais bratach camp Reubein air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac Shedeuir.
19. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shimeoin bha Selumiel mac Shurisadai.
20. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Ghad bha Eliasaph mac Dheueil.
21. Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naoimh, agus chuireadh suas am pàillean air cheann dhaibh teachd.
22. Agus ghluais bratach camp chloinn Ephraim air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean: agus air ceann a shlòigh bha Elisama mac Amihuid.
23. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir.
24. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Bheniàmin bha Abidan mac Ghideoni.
25. Agus chaidh bratach treubh chloinn Dhan air a h‑aghaidh, a bha air deireadh nan camp uile air feadh an slògh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai.
26. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Aseir bha Pagiel mac Ocrain.
27. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Naphtali bha Ahira mac Enain.
28. B’iad sin turasan chloinn Israeil, a rèir an armailtean, nuair a ghluais iad air an aghaidh.
29. Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.
30. Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin.
31. Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidheam ort; oir tha fhios agad cionnas a champaicheas sinn anns an fhàsach, agus bidh tu dhuinn an àite shùl.
32. Agus tàrlaidh, ma thèid thu maille rinn, seadh, tàrlaidh ge bè math a nì Dia dhuinne, gun dèan sinne am math ceudna dhutsa.
33. Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh.
34. Agus bha neul an Tighearna orra anns an là, nuair a chaidh iad a‑mach as a’ champ.
35. Agus thàrladh, nuair a bha an àirc gu dol air a h‑aghaidh, gun dubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh a’ mhuinntir leis am fuathach thu romhad.
36. Agus nuair a stad i, thubhairt e, Till, a Thighearna, a‑chum nam mìltean de mhìltean Israeil.

Salm 31:6-14
6. Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas.
7. Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas ann ad thròcair, oir chunnaic thu m’àmhghar; b’aithne dhut m’anam ann an teanntachdan.
8. Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing.
9. Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi ann an teinn; tha mo shùil, m’anam agus mo chom air seargadh as le doilgheas.
10. Oir chlaoidheadh mo bheatha le bròn, agus mo bhliadhnachan le osnaich; airson m’euceirt thuit mo neart, agus chaitheadh mo chnàmhan.
11. Am measg mo naimhdean gu lèir bha mi am mhasladh, agus gu h‑àraidh dom choimhearsnaich, agus am adhbhar eagail dom luchd-eòlais; iadsan a chunnaic mi a‑muigh, theich iad uam.
12. Dhìochuimhnicheadh mi mar dhuine marbh a’ dol à cuimhne; tha mi mar shoitheach briste.
13. Oir chuala mi cùl-chàineadh mòran dhaoine; bha eagal air gach taobh nuair a ghabh iad comhairle le chèile am aghaidh, a dhealbh iad mo bheatha a thoirt uam.
14. Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia.

Gnàth-fhacal 11:7-11
7. Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid as da dhòchas; agus teirigidh dùil luchd-euceirt.
8. Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite.
9. Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan.
10. Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.
11. Le beannachadh nan ionraic àrdaichear baile; ach le beul nan aingidh leagar e.

Marcus 9:30-50
30. Agus dh’imich iad as a sin, agus chaidh iad tro Ghalile: agus cha b’àill leis a fhios seo a bhith aig aon neach.
31. Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.
32. Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth.
33. Agus thàinig e gu Capernàum; agus air dha a bhith anns an taigh, dh’fheòraich e dhiubh, Ciod e mun robh sibh a’ deasbaireachd eadaraibh fhèin air an t‑slighe?
34. Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh.
35. Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile.
36. Agus ghabh e leanabh, agus chuir e nam meadhon e: agus nuair a thog e suas na uchd e, thubhairt e riu.
37. Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo de leanaban ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi.
38. Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn-ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.
39. Ach thubhairt Iosa, Na bacaibh e; oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail am ainm-sa dom bheil e an comas olc a labhairt gu h‑ealamh umam.
40. Oir ge bè neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.
41. Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm-sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.
42. Agus ge bè a bheir adhbhar oilbheim do aon neach den mhuinntir bhig seo, a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge.
43. Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;
44. Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as.
45. Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;
46. Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as.
47. Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i: is fheàrr dhut dol a‑steach do rìoghachd Dhè air aon sùil, na dà shùil a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn;
48. Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as.
49. Oir saillear gach aon neach le teine, agus saillear gach aon ìobairt le salann.
50. Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh-bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile.