Àireamh 5:1-31 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Aithn do chloinn Israeil, iad a chur a‑mach as a’ champ gach lobhar, agus gach neach air a bheil silteach, agus gach neach a tha air a shalachadh leis a’ mharbh: |
3. Araon fireannach agus boireannach cuiridh sibh a‑mach, an taobh a‑muigh den champ cuiridh sibh iad; a‑chum is nach truaill iad an campannan, anns a bheil mise a’ gabhail còmhnaidh. |
4. Agus rinn clann Israeil mar seo, agus chuir iad a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ: mar a labhair an Tighearna ri Maois, mar sin rinn clann Israeil. |
5. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
6. Abair ri cloinn Israeil, Nuair a nì fear no bean peacadh air bith a nì daoine, a dhèanamh easaontais an aghaidh an Tighearna, agus gu bheil an t‑anam sin ciontach; |
7. An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus nì e co‑leasachadh airson a eucorach anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e sin dhàsan air an do rinn e an eucoir. |
8. Ach mura bi aig an duine caraid sam bith gu co‑leasachadh a thoirt dha anns an eucoir, thugar an co‑leasachadh a nìthear don Tighearna airson na h‑eucorach don t‑sagart; a thuilleadh air reithe na rèite, leis an dèanar rèite air a shon. |
9. Agus gach tabhartas de nithean naomha chloinn Israeil uile, a bheir iad a‑chum an t‑sagairt, is leis-san iad. |
10. Agus nithean coisrigte gach duine, is leis-san iad: ge bè nì a bheir duine sam bith don t‑sagart, is leis e. |
11. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
12. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma thèid bean fir sam bith a thaobh, agus gun ciontaich i na aghaidh, |
13. Agus gun laigh fear gu collaidh leatha, agus gum bi sin falaichte o shùilean a fir-phòsda, agus gum bi e ceilte, agus gum bi i air a truailleadh, agus nach bi fianais sam bith na h‑aghaidh, agus gun i air a glacadh anns a’ chùis, |
14. Agus gun tig spiorad eud air, agus gu bheil e ag eudach air a mhnaoi, agus gun do thruailleadh i; no ma thàinig spiorad eud air, agus gu bheil e eudmhor ma mhnaoi, agus nach do thruailleadh i: |
15. An sin bheir an duine a bhean a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir e leis a tabhartas air a son, an deicheamh cuid de ephah de mhin eòrna; cha dòirt e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas eudaich a tha ann, tabhartas cuimhneachain, a’ toirt aingidheachd ann an cuimhne. |
16. Agus bheir an sagart am fagas i, agus cuiridh e i an làthair an Tighearna. |
17. Agus gabhaidh an sagart uisge naomh ann an soitheach creadha, agus gabhaidh an sagart cuid den duslach a bhios air ùrlar a’ phàillein, agus cuiridh e anns an uisge e. |
18. Agus cuiridh an sagart a’ bhean ann an làthair an Tighearna, agus rùisgidh e ceann na mnà, agus cuiridh e an tabhartas cuimhneachain na làmhan, eadhon an tabhartas eudaich: agus bidh aig an t‑sagart na làimh an t‑uisge searbh a mhallaicheas. |
19. Agus gabhaidh an sagart mionnan dhith, agus their e ris a’ mhnaoi, Mura do laigh fear sam bith leat, agus mura deachaidh tu a thaobh gu neòghlaine maille ri neach eile an àite d’fhir-phòsda, bi‑sa saor on uisge shearbh seo a mhallaicheas: |
20. Ach ma chaidh thu a thaobh gu neach eile an àite d’fhir-phòsda, agus gun do thruailleadh thu, agus gun do laigh fear eile leat a thuilleadh air d’fhear-pòsda; |
21. An sin gabhaidh an sagart mionnan mallachaidh den mhnaoi, agus their an sagart ris a’ mhnaoi, Gun dèanadh an Tighearna ad mhallachadh agus ad mhionnan thu am measg do shluaigh, nuair a bheir an Tighearna air do shliasaid lobhadh, agus air do bhroinn at; |
22. Agus thèid an t‑uisge seo a mhallaicheas a‑steach ad innibh, a thoirt air do bhroinn at, agus air do shliasaid lobhadh. Agus their a’ bhean, Amen, Amen. |
23. Agus sgrìobhaidh an sagart na mallachdan sin ann an leabhar, agus dubhaidh e a‑mach iad leis an uisge shearbh; |
24. Agus bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge searbh, a bheir am mallachadh, òl: agus thèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh. |
25. An sin gabhaidh an sagart an tabhartas-eudaich à làimh na mnà, agus luaisgidh e an tabhartas an làthair an Tighearna, agus bheir e seachad e air an altair. |
26. Agus gabhaidh an sagart làn glaice den tabhartas, eadhon a chuimhneachan, agus loisgidh e air an altair e, agus an dèidh sin bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge òl. |
27. Agus nuair a bheir e oirre an t‑uisge òl, an sin tàrlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire an aghaidh a fir-phòsda, gun tèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bidh a’ bhean na mallachadh am measg a sluaigh. |
28. Agus mura do thruailleadh a’ bhean, ach gu bheil i glan; an sin bidh i saor, agus fàsaidh i torrach. |
29. Is e seo lagh nan eud, nuair a thèid bean a thaobh gu fear eile an àit a fir-phòsda, agus a thruaillear i; |
30. No nuair a thig spiorad eud air fear, agus a tha e eudmhor ma mhnaoi, agus a chuireas e a’ bhean an làthair an Tighearna, agus a chuireas an sagart an gnìomh oirre an lagh seo uile; |
31. An sin bidh an duine saor on chionta, agus giùlainidh a’ bhean seo a cionta. |
Àireamh 6:1-27 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad fhèin a bhòideachadh bòid Nàsaraich, a‑chum iad fhèin a dhealachadh don Tighearna; |
3. O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon-geur fìona, no fìon-geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram. |
4. Uile làithean a dhealachaidh chan ith e a’ bheag a nìthear den chraoibh-fhìona, o na h‑eiteanan gus am plaosg. |
5. Uile làithean bòid a dhealachaidh, cha tig ealtainn air a cheann: gus an coileanar na làithean anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, bidh e naomh; agus leigidh e le ciabhan gruag a chinn fàs. |
6. Anns na làithean sin uile anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, cha tig e am fagas do chorp marbh sam bith. |
7. Cha dèan e e fhèin neòghlan airson a athar, no airson a mhàthar, airson a bhràthar, no airson a pheathar, nuair a gheibh iad bàs; do bhrìgh gu bheil coisrigeadh a Dhè air a cheann. |
8. Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna. |
9. Agus ma gheibh duine gu h‑obann bàs làimh ris, agus gun do shalaich e ceann a choisrigidh, an sin bearraidh e a cheann ann an là a ghlanaidh, air an t‑seachdamh là bearraidh e e. |
10. Agus air an ochdamh là bheir e dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail. |
11. Agus ìobraidh an sagart fear dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte, agus nì e rèite air a shon, do bhrìgh gun do pheacaich e a‑thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e a cheann anns an là sin fhèin. |
12. Agus coisrigidh e don Tighearna làithean a dhealachaidh, agus bheir e leis uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-easaontais: ach bidh na làithean a chaidh seachad caillte, do bhrìgh gun do shalaicheadh a dhealachadh. |
13. Agus is e seo lagh an Nàsaraich: Nuair a choileanar làithean a dhealachaidh, bheirear e gu doras pàillean a choitheanail: |
14. Agus bheir e seachad a thabhartas don Tighearna, aon uan fireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-loisgte, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a‑chum ìobairt-shìthe; |
15. Agus basgaid de aran neo-ghortaichte, breacagan de fhlùr mìn measgte le ola, agus deàrnagan de aran neo-ghortaichte ungte le ola, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe. |
16. Agus bheir an sagart iad an làthair an Tighearna, agus ìobraidh e a ìobairt-pheacaidh, agus a ìobairt-loisgte. |
17. Agus ìobraidh e an reithe mar ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, maille ris a’ bhasgaid de aran neo-ghortaichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe. |
18. Agus bearraidh an Nàsarach ceann a dhealachaidh, aig doras pàillean a’ choitheanail; agus gabhaidh e gruag-cinn a dhealachaidh agus cuiridh e i anns an teine a tha fo ìobairt nan tabhartas-sìthe. |
19. Agus gabhaidh an sagart slinnean bruith an reithe, agus aon bhreacag neo-ghortaichte as a’ bhasgaid, agus aon deàrnag neo-ghortaichte: agus cuiridh e iad air làmhan an Nàsaraich, an dèidh do ghruaig a dhealachaidh a bhith air a bearradh. |
20. Agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna; tha seo naomh don t‑sagart maille ris an uchd luaisgte, agus maille ris an t‑slinnean thogte: agus an dèidh sin faodaidh an Nàsarach fìon òl. |
21. Is e seo lagh an Nàsaraich, a thug bòid, agus lagh a thabhartais don Tighearna airson a dhealachaidh, a thuilleadh air na gheibh a làmh: a rèir a bhòid a bhòidich e, mar sin is èiginn dha a dhèanamh, a rèir lagh a dhealachaidh. |
22. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
23. Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Air a’ mhodh seo beannaichidh sibh clann Israeil, ag ràdh riu, |
24. Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu: |
25. Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort, agus biodh e gràsmhor dhut: |
26. Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gun tugadh e sìth dhut. |
27. Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad. |
Salm 30:8-12 |
8. Ghlaodh mi riutsa, a Thighearna, agus air an Tighearna dh’aslaich mi. |
9. Ciod an tairbhe a tha ann am fhuil, nuair a thèid mi sìos don t‑sloc? Am mol an ùir thu? An cuir i an cèill d’fhìrinn? |
10. Eisd rium, a Thighearna, agus dèan tròcair orm. A Thighearna, bi‑sa ad fhear-cuideachaidh leam. |
11. Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach-saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas; |
12. A‑chum gun seinneadh mo ghlòir cliù dhut, agus nach biodh i na tosd. A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu. |
Gnàth-fhacal 11:1-3 |
1. Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna; ach is taitneach leis tomhaisean cearta. |
2. Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas. |
3. Seòlaidh ionracas nam fìrean iad; ach millidh fiaradh luchd-dòbheairt iad fhèin. |
Marcus 8:22-38 |
22. Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris. |
23. Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith. |
24. Agus dh’amhairc esan suas, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd. |
25. Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir. |
26. Agus chuir e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin e, ag ràdh, Na rach a‑steach don bhaile, agus na innis do neach air bith anns a’ bhaile e. |
27. Agus chaidh Iosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi: agus air an t‑slighe chuir e ceist air a dheisciobail, ag ràdh riu, Cò tha daoine ag ràdh as mise? |
28. Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean. |
29. Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd. |
30. Agus thug e sparradh dhaibh gun iad a dh’innse seo uime do neach sam bith. |
31. Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean. |
32. Agus labhair e a’ chainnt seo gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus thòisich e ra chronachadh. |
33. Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine. |
34. Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise. |
35. Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon-sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e. |
36. Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall? |
37. No ciod a bheir duine ann an èirig a anama? |
38. Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha. |