A A A A A
Bible in one year
March 29

Deuteronomi 19:1-21
1. Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam bailtean, agus nan taighean;
2. Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean am meadhon d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh.
3. Deasaichidh tu dhut fhèin slighe, agus roinnidh tu crìochan d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh, nan trì earrannan, a‑chum gum faod gach marbhaiche teicheadh an sin.
4. Agus is e seo cor a’ mharbhaiche, a theicheas an sin, a‑chum gum bi e beò: Ge bè a mharbhas a choimhearsnach gun fhios dha, do nach robh fuath aige roimhe:
5. Mar a tha nuair a thèid duine maille ra choimhearsnach don choille a ghearradh fiodha, agus a bheir a làmh buille leis an tuaigh a ghearradh sìos na craoibhe, agus a leumas an ceann bhàrr na coise, agus a thuiteas e air a choimhearsnach, air chor is gum bàsaich e; teichidh e a‑chum aoin de na bailtean sin, agus bidh e beò:
6. Air eagal gun lean dìoghaltair na fala am marbhaiche, am feadh is a tha a chridhe teth, agus gum beir e air, a chionn gu bheil an t‑slighe fada, agus gum marbh e e, ged nach robh e toillteanach air bàs, do bhrìgh nach robh fuath aige dha anns an àm a chaidh seachad.
7. Uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean.
8. Agus ma leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a mhionnaich e dod athraichean, agus ma bheir e dhut am fearann uile a gheall e a thoirt dod athraichean;
9. Ma bheir thu an aire na h‑àitheantan sin uile a dhèanamh, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a‑ghnàth na shlighean; an sin cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean eile a thuilleadh air na trì sin;
10. A‑chum nach dòirtear fuil neochiontach ad fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd, agus nach bi mar sin fuil ort.
11. Ach ma tha aig duine sam bith fuath da choimhearsnach, agus gun laigh e am plaid air a shon, agus gun èirich e suas na aghaidh, agus gum buail e gu marbhtach e, air chor is gum faigh e bàs, agus gun teich e gu aon de na bailtean sin;
12. An sin cuiridh seanairean a bhaile fhèin fios uapa, agus bheir iad as a sin e, agus bheir iad thairis e do làimh dìoghaltair na fala, a‑chum gum bàsaich e.
13. Cha ghabh do shùil truas ris: ach cuiridh tu air falbh cionta fala neo-chiontaich o Israel, a‑chum is gun èirich gu math dhut.
14. Chan atharraich thu crìoch fearann do choimhearsnaich, a shuidhich na sinnsirean ad oighreachd a shealbhaicheas tu, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh.
15. Chan èirich aon fhianais a‑mhàin suas an aghaidh duine airson eucoir sam bith, no airson peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianais, no aig beul trì fianaisean daingnichear a’ chùis.
16. Ma dh’èireas fianais bhrèige suas an aghaidh duine sam bith, a thoirt fianais na aghaidh air an euceart;
17. An sin seasaidh an dithis dhaoine aig a bheil an connsachadh, am fianais an Tighearna, an làthair nan sagart, agus nam britheamhan a bhios anns na làithean sin:
18. Agus nì na britheamhan rannsachadh geur; agus, feuch, mas fianais bhrèige an fhianais, agus gun tug e fianais bhrèige an aghaidh a bhràthar,
19. An sin nì sibh ris, mar a shaoil esan a dhèanamh ra bhràthair: mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as ur measg.
20. Agus cluinnidh iadsan a mhaireas agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad o sin a‑mach a shamhail seo de olc nur measg.
21. Agus cha ghabh do shùil truas; ach thèid anam airson anama, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise.

Deuteronomi 20:1-20
1. Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.
2. Agus nuair a dhlùthaicheas sibh ris a’ chath, an sin thig an sagart am fagas, agus labhraidh e ris an t‑sluagh,
3. Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;
4. Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.
5. Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh ris an t‑sluagh, ag ràdh, Cò e am fear a thog taigh nodha, agus nach do choisrig e? Rachadh e agus tilleadh e a‑chum a thaighe, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun coisrig fear eile e.
6. Agus cò e an duine a shuidhich fìonlios, agus nach d’ith fhathast dheth? Rachadh esan mar an ceudna, agus tilleadh e da thaigh, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun ith neach eile dheth.
7. Agus cò e an duine a rinn ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus nach do ghabh da ionnsaigh i? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun gabh neach eile i da ionnsaigh.
8. Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag-chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin.
9. Agus tàrlaidh, nuair a chuireas an luchd-riaghlaidh crìoch air labhairt ris an t‑sluagh, gun cuir iad ceannardan air na h‑armailtean gus an sluagh a thoirt air an aghaidh.
10. Nuair a thig thu am fagas do bhaile gu cogadh na aghaidh, an sin gairmidh tu sìth dha.
11. Agus tàrlaidh, ma bheir e freagradh na sìthe dhut, agus ma dh’fhosglas e dhut, an sin tàrlaidh, gum bi an sluagh uile a gheibhear ann fo chìs dhut, agus gun dèan iad seirbhis dhut.
12. Agus mura dèan e sìth dhut, ach gun cog e riut, an sin cuiridh tu gu cruaidh na aghaidh.
13. Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia thairis dod làimh e, buailidh tu gach fireannach ann le faobhar a’ chlaidheimh:
14. Ach na mnathan, agus a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus na h‑uile nithean a tha anns a’ bhaile, eadhon a chreach uile, gabhaidh tu dhut fhèin; agus ithidh tu creach do naimhdean, a thug an Tighearna do Dhia dhut.
15. Mar seo nì thu ris na bailtean sin uile a tha ro‑fhada uat, nach eil de bhailtean nan cinneach sin.
16. Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail:
17. Ach sgriosaidh tu gu tur iad, eadhon na Hitich, agus na h‑Amoraich, na Canàanaich, agus na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut:
18. A‑chum nach teagaisg iad dhut a dhèanamh a rèir an uile ghràinealachd, a rinn iad dan diathan; mar sin pheacaicheadh sibh an aghaidh an Tighearna ur Dia.
19. Nuair a chuireas tu gu cruaidh an aghaidh baile rè ùine fhada, a’ dèanamh cogaidh na aghaidh a‑chum a ghlacadh, cha chuir thu as da chraobhan le tuagh a bhualadh orra: oir faodaidh tu ithe dhiubh, agus cha gheàrr thu sìos iad (oir is i craobh na machrach beatha duine) a‑chum an gnàthachadh ann an cur an aghaidh a’ bhaile.
20. A‑mhàin na craobhan as aithne dhut fhèin nach craobhan bìdh iad, sgriosaidh agus gearraidh tu sìos iad; agus togaidh tu daingnichean an aghaidh a’ bhaile a chogas riut, gus an ceannsaich thu e.

Salm 38:1-8
1. Salm le Daibhidh, a chur an cuimhne. A Thighearna, na cronaich mi ann ad chorraich, agus na smachdaich mi ann an teas d’fheirge;
2. Oir shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm.
3. Chan eil fallaineachd am fheòil airson d’fheirge; chan eil sìth am chnàmhan airson mo pheacaidh.
4. Oir chaidh m’euceartan thar mo chinn; mar èire thruim tha iad ro throm air mo shon.
5. Tha mo chreuchdan lobhte, breun airson m’amaideachd.
6. Tha mi cràiteach; chromadh sìos mi gu mòr; air feadh an là uile tha mi ag imeachd gu dubhach;
7. Oir tha mo leasraidh làn de ghalar grànda, agus chan eil fallaineachd am fheòil.
8. Tha mi lag agus ro‑bhrùite; tha mi a’ bùireadh trìd mì‑shuaimhneas mo chridhe.

Gnàth-fhacal 12:23-25
23. Ceilidh duine ciallach eòlas; ach foillsichidh cridhe nan amadan amaideachd.
24. Riaghlaidh làmh nan dìcheallach; ach bidh làmh na leisge fo chìs.
25. Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e.

Lùcas 4:31-44
31. Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid:
32. Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd.
33. Agus bha anns an t‑sionagog duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus ghlaodh e le guth mòr,
34. Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.
35. Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air.
36. Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.
37. Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt.
38. Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair-chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.
39. Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.
40. Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
41. Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.
42. Agus air teachd don là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail: agus bha an sluagh ga iarraidh, agus thàinig iad da ionnsaigh, agus b’àill leo a chumail, a‑chum nach rachadh e uapa.
43. Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.
44. Agus shearmonaich e ann an sionagogan Ghalile.