A A A A A
Bible in one year
March 28

Deuteronomi 17:1-20
1. Chan ìobair thu don Tighearna do Dhia tarbh, no caora, anns a bheil gaoid, no mì‑mhaise sam bith: oir is gràinealachd sin don Tighearna do Dhia.
2. Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh,
3. Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;
4. Agus gun d’innseadh dhut e, agus gun cuala tu e, agus gun do rannsaich thu gu math, agus, feuch, gur fìor e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin ann an Israel;
5. An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad.
6. Aig beul dà fhianais, no trì fianaisean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianais.
7. Bidh làmhan nam fianaisean air an toiseach, ga chur gu bàs; agus na dhèidh sin làmhan an t‑sluaigh uile: mar sin cuiridh tu an t‑olc air falbh o ur measg.
8. Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia:
9. Agus thig thu a‑chum nan sagart, nan Lèbhitheach, agus a‑chum a’ bhritheimh a bhios anns na làithean sin, agus fiosraichidh tu; agus nochdaidh iad dhut facal a’ bhreitheanais:
10. Agus nì thu a rèir na breithe a nochdas muinntir an àite sin (a thaghas an Tighearna) dhut, agus bheir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a theagaisgeas iad dhut:
11. A rèir breith an lagha a theagaisgeas iad dhut, agus a rèir a’ bhreitheanais a dh’innseas iad dhut, nì thu: cha chlaon thu on bhreith a nochdas iad dhut, a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe.
12. Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.
13. Agus cluinnidh an sluagh uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad gu h‑an‑dàna nas mò.
14. Nuair a thig thu a‑chum an fhearainn a bheir an Tighearna do Dhia dhut, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann, agus a their thu, Cuiridh mi rìgh os mo chionn, mar na cinnich uile a tha mun cuairt orm:
15. Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.
16. Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.
17. Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.
18. Agus nuair a shuidheas e air rìgh-chathair a rìoghachd, an sin ath-sgrìobhaidh e dha fhèin an lagh seo ann an leabhar, as an leabhar sin a tha an làthair nan sagart, na Lèbhithich.
19. Agus bidh e aige, agus leughaidh e ann, uile làithean a bheatha: a‑chum gum fòghlaim e eagal an Tighearna a Dhia a bhith air, uile bhriathran an lagha seo a ghleidheadh, agus na reachdan seo, a‑chum an dèanamh:
20. A‑chum nach bi a chridhe air a thogail suas os cionn a bhràithrean, agus nach claon e on àithne a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe; air chor is gum buanaich e a làithean na rìoghachd, e fhèin agus a chlann ann am meadhon Israeil.

Deuteronomi 18:1-22
1. Cha bhi aig na sagartan, na Lèbhithich, eadhon uile threubh Lèbhi, roinn sam bith no oighreachd maille ri Israel: ithidh iad tabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, agus a oighreachd-san.
2. Uime sin cha bhi oighreachd sam bith aca am measg am bràithrean: is e an Tighearna fhèin an oighreachd, mar a thubhairt e riu.
3. Agus is e seo dlighe nan sagart on t‑sluagh, uapasan a dh’ìobras ìobairt, mas tarbh no caora e; agus bheir iad don t‑sagart an slinnean, agus na gialan, agus a’ mhaodal.
4. Mar an ceudna ciad-thoradh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad lomradh do chaorach bheir thu dha:
5. Oir thagh an Tighearna do Dhia e a‑mach as do threubhan uile, gu seasamh a‑chum frithealaidh ann an ainm an Tighearna, e fhèin agus a mhic gu bràth.
6. Agus ma thig Lèbhitheach o aon ded gheatachan a‑mach à Israel uile, far a bheil e air chuairt, agus ma thig e le uile thogradh a inntinn don ionad a thaghas an Tighearna;
7. An sin frithealaidh e ann an ainm an Tighearna a Dhia, mar a bhràithrean uile na Lèbhithich, a tha nan seasamh an sin an làthair an Tighearna.
8. Bidh aca uiread ri chèile ra ithe, a bhàrr air na thig air o reiceadh cuid a chloinne.
9. Nuair a thig thu don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, chan fhòghlaim thu a dhèanamh a rèir gràinealachd nan cinneach sin.
10. Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,
11. No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh.
12. Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.
13. Bidh tusa coileanta maille ris an Tighearna do Dhia.
14. Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.
15. Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhut od mheadhon fhèin, od bhràithrean, cosmhail riumsa: ris-san èisdidh sibh;
16. A rèir nan uile nithean a dh’iarr thu on Tighearna do Dhia ann an Hòreb, ann an là a’ cho-chruinneachaidh, ag ràdh, Na cluinneam-sa a‑rìs guth an Tighearna mo Dhia, agus na faiceam an teine mòr seo nas mò, a‑chum nach bàsaich mi.
17. Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Is math a labhair iad an nì a labhair iad.
18. Togaidh mise suas fàidh dhaibh o mheasg am bràithrean, cosmhail riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathran na bheul, agus labhraidh e riu gach nì a dh’àithneas mi dha.
19. Agus tàrlaidh, an duine nach èisd rim bhriathran-sa a labhras e am ainm, iarraidh mi uaithe e:
20. Ach am fàidh aig am bi de dhànadas facal a labhairt am ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no a labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin.
21. Agus ma their thu ann ad chridhe, Cionnas a dh’aithnicheas sinn am facal nach do labhair an Tighearna?
22. Nuair a labhras fàidh ann an ainm an Tighearna, mura tachair an nì, agus mura tig e gu crìch, is e sin an nì nach do labhair an Tighearna; gu h‑an‑dàna labhair am fàidh e: cha bhi eagal ort roimhe.

Salm 37:37-40
37. Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin.
38. Ach sgriosar luchd-easaontais faraon; gearrar as crìoch dhroch dhaoine.
39. Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd;
40. Agus cuidichidh an Tighearna leo, agus teasairgidh e iad; teasairgidh e iad o dhroch dhaoine, agus saoraidh e iad, a chionn gun d’earb iad as.

Gnàth-fhacal 12:20-22
20. Is cealg a bhios ann an cridhe luchd-deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.
21. Chan èirich aimhleas air bith don fhìrean; ach lìonar na h‑aingidh le olc.
22. Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd.

Lùcas 4:1-30
1. Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,
2. Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach.
3. Agus thubhairt an diabhal ris, Mas tu Mac Dhè, abair ris a’ chloich seo a bhith na h‑aran.
4. Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè.
5. Agus air don diabhal a thoirt gu beinn àird, nochd e dha uile rìoghachdan an domhain ann am mionaid aimsir.
6. Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam.
7. Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile.
8. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.
9. Agus thug e e gu Ierusalem, agus chuir e air binnein an teampaill e, agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo:
10. Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead;
11. Agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gum buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
12. Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia.
13. Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill.
14. Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh-san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.
15. Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine.
16. Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.
17. Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,
18. Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,
19. A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna.
20. Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur-amharc air.
21. Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan-se.
22. Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?
23. Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.
24. Agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach eil fàidh air bith taitneach na dhùthaich fhèin.
25. Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:
26. Ach cha do chuireadh Elias a dh’ionnsaigh aoin dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin, a‑chum mnà a bha na bantraich.
27. Agus bha mòran lobhar ann an Israel ri linn Eliseais am fàidh; agus cha do ghlanadh a h‑aon aca, ach Nàaman an Sirianach.
28. Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin;
29. Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn.
30. Ach air gabhail dhàsan tro am meadhon, dh’fhalbh e,