A A A A A
Bible in one year
March 27

Deuteronomi 15:1-23
1. An ceann gach seachd bliadhna nì thu fuasgladh.
2. Agus is e seo modh an fhuasglaidh: Gach fear-fiacha a bheir nì sam bith air iasad da choimhearsnach, fuasglaidh e e; chan iarr e air ais e o a choimhearsnach, no o a bhràthair, a chionn gun goirear fuasgladh an Tighearna dheth.
3. O eilthireach faodaidh tu a iarraidh air ais; ach an nì as leat fhèin a tha aig do bhràthair, fuasglaidh do làmh e;
4. Ach a‑mhàin nuair nach bi uireasbhaidheach sam bith nur measg: oir beannaichidh an Tighearna gu mòr thu anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, ra shealbhachadh:
5. A‑mhàin ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt an aire gun dèan thu na h‑àitheantan seo uile a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh.
6. Oir beannaichidh an Tighearna do Dhia thu, mar a gheall e dhut; agus bheir thu air iasad do mhòran chinneach, ach cha ghabh thu air iasad: agus bidh uachdaranachd agad air mòran chinneach, ach cha bhi uachdaranachd acasan ortsa.
7. Ma bhios nur measg duine bochd, aon ded bhràithrean, an taobh a‑staigh aon ded gheatachan, ann ad fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, cha chruadhaich thu do chridhe, cha mhò a dhruideas tu do làmh od bhràthair bochd;
8. Ach fosglaidh tu do làmh gu farsaing dha, agus gu cinnteach bheir thu air iasad dha nas leòr airson a fheuma, den nì a tha a dh’easbhaidh air.
9. Thoir an aire nach bi smuain ad chridhe aingidh, ag ràdh, Tha an seachdamh bliadhna, bliadhna an fhuasglaidh, am fagas; agus gum bi do shùil olc an aghaidh do bhràthar bhochd, agus nach toir thu a’ bheag dha, agus gun glaodh e ris an Tighearna ad aghaidh, agus gum bi e na pheacadh dhut.
10. Bheir thu dha gu deimhinn, agus cha bhi doilgheas air do chridhe nuair a bheir thu dha; a chionn airson an nì seo gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ad obraichean uile, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh.
11. Oir cha bhi an tìr a‑chaoidh gun bhochd: uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Fosglaidh tu do làmh gu farsaing dod bhràthair, dod bhochd, agus dod uireasbhaidheach, ad dhùthaich.
12. Ma reicear riut do bhràthair Eabhraidheach, no ban-Eabhraidheach, agus gun dèan e seirbhis dhut sia bliadhna; an sin anns an t‑seachdamh bliadhna leigidh tu leis dol saor uat.
13. Agus nuair a chuireas tu e a‑mach saor uat, cha chuir thu air falbh e falamh:
14. Bheir thu dha gu pailt as do threud, agus as d’ùrlar, agus as d’fhìon-amar; as na nithean sin leis an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu, bheir thu dha.
15. Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.
16. Ach ma their e riut, Chan fhalbh mi uat (a chionn gur toigh leis thu agus do thaigh, do bhrìgh gu bheil e gu math agad);
17. An sin gabhaidh tu minidh, agus cuiridh tu tro a chluais e anns an doras, agus bidh e na sheirbhiseach dhut gu bràth: agus mar an ceudna rid bhanoglaich nì thu mar sin.
18. Na measar e cruaidh leat, nuair a chuireas tu uat saor e; oir bha e dà uair cho math dhutsa ri seirbhiseach tuarasdail, le seirbhis a dhèanamh dhut sia bliadhna: agus beannaichidh an Tighearna do Dhia thu anns gach nì a nì thu.
19. Gach ciad-ghin fireann a bheirear am measg do chruidh, agus am measg do threud, naomhaichidh tu don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith le ciad-ghin do bhoin, cha mhò a lomas tu ciad-ghin do chaorach.
20. Am fianais an Tighearna do Dhia ithidh tu e o bhliadhna gu bliadhna, anns an ionad a thaghas an Tighearna, thu fhèin agus do theaghlach.
21. Agus ma bhios gaoid sam bith ann, crùbaiche, no doille, no droch ghaoid sam bith, chan ìobair thu e don Tighearna do Dhia.
22. An taobh a‑staigh ded gheatachan ithidh tu e; ithidh an glan agus an neòghlan co‑ionnan dheth, mar den ruadh-bhoc, agus mar den fhiadh.
23. A‑mhàin a fhuil chan ith thu: air an talamh dòirtidh tu i mar uisge.

Deuteronomi 16:1-22
1. Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.
2. Uime sin ìobraidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia, den treud agus den bhuar, anns an ionad a thaghas an Tighearna a‑chum a ainm a chur an sin.
3. Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha.
4. Agus chan fhaicear agad aran gortaichte ad chrìochan uile rè sheachd làithean: cha mhò a mhaireas a’ bheag den fheòil a dh’ìobras tu air feasgar anns a’ chiad là, rè na h‑oidhche gu madainn.
5. Chan fhaod thu a’ chàisg ìobradh an taobh a‑staigh aoin air bith ded gheatachan, a bheir an Tighearna do Dhia dhut:
6. Ach aig an àit a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann, an sin ìobraidh tu a’ chàisg air feasgar, aig dol fodha na grèine, anns an àm anns an tàinig thu a‑mach as an Eiphit.
7. Agus ròistidh agus ithidh tu i anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: agus tillidh tu anns a’ mhadainn, agus thèid thu dod bhùthan.
8. Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho-chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air.
9. Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh.
10. Agus cumaidh tu fèill nan seachdain don Tighearna do Dhia, le tìodhlac saor-thoil tabhartas do làimhe a bheir thu seachad a rèir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu.
11. Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.
12. Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit: agus coimheadaidh tu, agus nì thu na reachdan seo.
13. Cumaidh tu fèill nam pàillean seachd làithean an dèidh dhut d’arbhar a chruinneachadh a‑steach, agus d’fhìon.
14. Agus nì thu gàirdeachas ad fhèill, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan.
15. Seachd làithean cumaidh tu fèill àraidh don Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas an Tighearna: a chionn gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ad chinneas uile, agus ann an obraichean do làmh uile; uime sin nì thu gu deimhinn gàirdeachas.
16. Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo-ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh.
17. Bheir gach duine seachad mar as urrainn e, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia, a thug e dhut.
18. Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas.
19. Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.
20. An nì sin a tha uile-cheart leanaidh tu, a‑chum gum bi thu beò, agus gun sealbhaich thu am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut.
21. Cha suidhich thu dhut fhèin doire chraobhan sam bith làimh ri altair an Tighearna do Dhia, a nì thu dhut fhèin.
22. Cha mhò a chuireas tu suas dhut fhèin dealbh sam bith, nì as fuathach leis an Tighearna do Dhia.

Salm 37:30-36
30. Cuiridh beul an fhìrein an cèill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas.
31. Tha lagh Dhè na chridhe; cha shleamhnaich a cheuman.
32. Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh.
33. Chan fhàg an Tighearna e na làimh, agus cha dìt e e nuair a bheirear gu breith e.
34. Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e.
35. Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine.
36. Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e.

Gnàth-fhacal 12:17-19
17. Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh fianais bhreugach cealg.
18. Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice.
19. Bidh bilean na fìrinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga breugach ach car tiota.

Lùcas 3:1-38
1. A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,
2. Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd-shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.
3. Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;
4. Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
5. Bidh gach gleann air a lìonadh, agus gach beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na nithean cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh;
6. Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.
7. Uime sin thubhairt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach a‑chum a bhith air am baisteadh leis, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?
8. Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.
9. Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.
10. Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne?
11. Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.
12. Agus thàinig mar an ceudna cìs-mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?
13. Agus thubhairt esan riu, Na dèanaibh nì air bith os cionn na dh’òrdaicheadh dhuibh.
14. Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.
15. Agus air a bhith don phoball a’ feitheamh, agus na h‑uile dhaoine a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin mu thimcheall Eòin, am b’e Crìosd a bha ann;
16. Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;
17. Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh-tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.
18. Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.
19. Ach air do Herod an tetrarc a bhith air a chronachadh leis airson Heròdiais, bean a bhràthar Philip, agus airson gach olc a rinn Herod,
20. Chuir e seo ris gach olc eile, gun do dhruid e Eòin ann am prìosan.
21. Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,
22. Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
23. Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich-bliadhna-fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine) na mhac do Iòseph, mac Heli,
24. Mhic Mhatait, mhic Lèbhi, mhic Mhelchì, mhic Ianna, mhic Iòseiph,
25. Mhic Mhatatiais, mhic Amois, mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nage,
26. Mhic Mhaait, mhic Mhatatiais, mhic Shemei, mhic Iòseiph, mhic Iùdah,
27. Mhic Ioanna, mhic Rhesa, mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, mhic Neri,
28. Mhic Mhelchì, mhic Adi, mhic Chosaim, mhic Elmodaim, mhic Eir,
29. Mhic Iose, mhic Elieseir, mhic Ioreim, mhic Mhatait, mhic Lèbhi,
30. Mhic Shimeoin, mhic Iùdah, mhic Iòseiph, mhic Ionain, mhic Eliacim,
31. Mhic Mhelea, mhic Mhainain, mhic Mhatata, mhic Nàtain, mhic Dhaibhidh,
32. Mhic Iese, mhic Obeid, mhic Bhoos, mhic Shalmoin, mhic Naasoin,
33. Mhic Aminadaibh, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah,
34. Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir,
35. Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala,
36. Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,
37. Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain,
38. Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè.