A A A A A
Bible in one year
March 26

Deuteronomi 13:1-18
1. Ma dh’èireas suas nur measg fàidh, no fear a chì aisling, agus gun toir e dhut comharradh no iongantas,
2. Agus gun tig an comharradh no an t‑iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid an dèidh dhiathan eile, nach b’aithne dhut, agus dèanamaid seirbhis dhaibh:
3. Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.
4. An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.
5. Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chì aisling, gu bàs; a chionn gun do labhair e a‑chum sibhse a chur air seachran on Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh à taigh na daorsa, a‑chum d’iomain a‑mach as an t‑slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhut imeachd; mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as do mheadhon.
6. Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean-phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;
7. Eadhon do dhiathan nan cinneach a tha mun cuairt oirbh, am fagas dhut, no fada uat, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh;
8. Chan aontaich thu leis, cha mhò a dh’èisdeas tu ris; cha mhò a ghabhas do shùil truas ris, cha mhò a chaomhnas no a cheileas tu e:
9. Ach cuiridh tu gu cinnteach gu bàs e; bidh do làmh fhèin an tùs air ga mharbhadh, agus an dèidh sin làmh an t‑sluaigh uile.
10. Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.
11. Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg.
12. Ma chluinneas tu ann an aon ded bhailtean, a thug an Tighearna do Dhia dhut gu còmhnaidh a ghabhail ann, neach air bith, ag ràdh,
13. Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;
14. An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg;
15. Gu cinnteach buailidh tu luchd-àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh.
16. Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò.
17. Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean;
18. Nuair a dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a dhèanamh an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia.

Deuteronomi 14:1-29
1. Is sibhse clann an Tighearna ur Dia: cha gheàrr sibh sibh fhèin, cha mhò a nì sibh lomadh air bith eadar ur sùilean airson mairbh:
2. Oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearna thu gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn.
3. Chan ith thu nì gràineil sam bith.
4. Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh: an damh, a’ chaora, agus a’ ghobhar.
5. Am fiadh, agus an ruadh-bhoc, agus an dathais, agus a’ ghobhar fhiadhaich, agus an t‑earr-gheal, agus an damh fiadhaich, agus an somar.
6. Agus gach beathach a roinneas an ionga, agus aig a bheil an ionga na dà roinn, agus a chnàmhas a’ chìr am measg nan ainmhidhean, sin ithidh sibh.
7. Gidheadh, iad seo chan ith sibh dhiubhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiubhsan a roinneas an ionga sgoilte, mar an càmhal, agus a’ mhaigheach, agus an coinean; oir cnàmhaidh iad a’ chìr, ach cha roinn iad an ionga: neòghlan tha iad dhuibh.
8. Agus a’ mhuc, a chionn, ged a roinneas i an ionga, nach cnàmh i a’ chìr, tha i neòghlan dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh.
9. Iad seo ithidh sibh dhiubhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan, ithidh sibh;
10. Agus gach nì air nach eil itean agus lannan, chan ith sibh: tha e neòghlan dhuibh.
11. Gach eun glan ithidh sibh.
12. Ach is iad seo iadsan de nach ith sibh: an iolair, agus an cnàimh-bhristeach, agus an iolair-uisge.
13. Agus an croman-gòbhlach, agus an clamhan, agus am fang a rèir a ghnè,
14. Agus gach fitheach a rèir a ghnè,
15. Agus a’ chailleach-oidhche, agus an t‑seabhag-oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a gnè,
16. Agus a’ chailleach-oidhche bheag, agus a’ chailleach-oidhche mhòr, agus an eala,
17. Agus am pelican, agus an iolair-fhionn, agus an sgarbh,
18. Agus a’ chorra-bhàn, agus a’ chorra-ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan-luachrach, agus an ialtag.
19. Agus tha gach nì snàigeach a dh’itealaicheas neòghlan dhuibh: chan ithear iad.
20. Gach eun glan ithidh sibh.
21. Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.
22. Bheir thu seachad gu ceart deicheamh uile chinneas do shìl, a bheir am fearann uaithe o bhliadhna gu bliadhna.
23. Agus ithidh tu am fianais an Tighearna do Dhia, anns an àit a thaghas e a‑chum a ainm a chur an sin, deicheamh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad-ghin do chruidh, agus do chaorach; a‑chum gum fòghlaim thu eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort a‑ghnàth.
24. Agus ma bhios an t‑slighe ro‑fhada dhut, air chor is nach urrainn thu a ghiùlan, a chionn an t‑àit a bhith fada uat, a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, nuair a bheannaicheas an Tighearna do Dhia thu;
25. An sin nì thu airgead dheth, agus ceanglaidh tu suas an t‑airgead ad làimh, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia:
26. Agus bheir thu an t‑airgead sin airson gach nì a mhiannaicheas d’anam, airson buair, no airson chaorach, no airson fìona, no airson dibhe làidir, no airson gach nì a mhiannaicheas d’anam: agus ithidh tu an sin an làthair an Tighearna do Dhia, agus nì thu gàirdeachas, thu fhèin, agus do theaghlach.
27. Agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, cha trèig thu e: oir chan eil roinn no oighreachd aige maille riut.
28. Aig crìch trì bliadhna bheir thu a‑mach uile dheicheamh do chinneis air a’ bhliadhna sin fhèin, agus taisgidh tu suas e an taobh a‑staigh ded gheatachan:
29. Agus thig an Lèbhitheach (a chionn nach eil roinn no oighreachd aige maille riut), agus an coigreach, agus an dìlleachdan agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus ithidh iad agus sàsaichear iad; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe a nì thu.

Salm 37:23-29
23. Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe.
24. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.
25. Bha mi òg, agus a‑nis tha mi sean; gidheadh chan fhaca mi am fìrean air a thrèigsinn, agus a shliochd ag iarraidh arain.
26. Tha e a‑ghnàth truacanta agus coingheallach, agus bidh a shliochd beannaichte.
27. Seachainn an t‑olc, agus dèan am math, agus gabh còmhnaidh gu bràth.
28. Oir is toigh leis an Tighearna breitheanas, agus cha trèig e a naoimh; gu bràth coimheadar iadsan, ach gearrar as sliochd nan aingidh.
29. Mealaidh na fìreanan an tìr, agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth.

Gnàth-fhacal 12:15-16
15. Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.
16. Aithnichear air ball fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach masladh.

Lùcas 2:25-52
25. Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.
26. Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna.
27. Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha,
28. An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e:
29. A‑nis, a Thighearna, tha thu a’ leigeadh dod sheirbhiseach siubhal ann an sìth, a rèir d’fhacail;
30. Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte,
31. A dh’ullaich thu ro ghnùis nan uile shluagh:
32. Solas a shoillseachadh nan Cinneach, agus glòir do phobaill Israel.
33. Agus ghabh Iòseph agus a mhàthair iongantas mu na nithean a labhradh uime.
34. Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:
35. Agus thèid claidheamh tro d’anam-sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran.
36. Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:
37. Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.
38. Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.
39. Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a rèir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dam baile fhèin Nàsaret.
40. Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air.
41. Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge.
42. Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille.
43. Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.
44. Ach air dhaibh a shaoilsinn gu robh e anns a’ chuideachd, dh’imich iad astar là; agus dh’iarr iad e am measg an càirdean agus an luchd-eòlais.
45. Agus nuair nach d’fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga iarraidh.
46. Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.
47. Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.
48. Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.
49. Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?
50. Agus cha do thuig iadsan an nì a labhair e riu.
51. Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.
52. Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh-ghean aig Dia agus aig daoine.