A A A A A
Bible in one year
March 24

Deuteronomi 9:1-29
1. Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;
2. Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?
3. Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.
4. Na labhair ann ad chridhe, an dèidh don Tighearna do Dhia an tilgeadh a‑mach romhad, ag ràdh, Airson m’fhìreantachd fhèin thug an Tighearna a‑steach mi a shealbhachadh an fhearainn seo; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna gam fògradh a‑mach od làthair.
5. Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair-sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob.
6. Tuig, uime sin, nach ann airson d’fhìreantachd-sa, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut an fhearainn mhaith seo ra shealbhachadh; oir is sluagh rag-mhuinealach thu.
7. Cuimhnich, na dìochuimhnich cionnas a bhrosnaich thu an Tighearna do Dhia gu feirg anns an fhàsach: on là anns an deachaidh tu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an tàinig sibh don àite seo, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna.
8. Mar an ceudna ann an Hòreb bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg, air chor is gu robh corraich air an Tighearna ribh a‑chum ur sgrios.
9. Nuair a chaidh mise suas don t‑sliabh a ghabhail nan clàr cloiche, eadhon clàir a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh, an sin dh’fhan mi anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge:
10. Agus thug an Tighearna dhomh dà chlàr chloiche, sgrìobhte le meur Dhè; agus orra bha sgrìobhte a rèir nan uile bhriathran a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho-chruinneachaidh.
11. Agus thàrladh, an ceann dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, gun tug an Tighearna dhòmhsa an dà chlàr chloiche, eadhon clàir a’ choicheangail.
12. Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sìos gu luath as a seo; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach as an Eiphit, iad fhèin: chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh; rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte.
13. A bhàrr air seo, labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.
14. Leig dhomh, a‑chum is gun sgrios mi iad, agus gun dubh mi a‑mach an ainm o bhith fo nèamh; agus nì mi dhìotsa cinneach as cumhachdaiche agus as mò na iadsan.
15. Mar sin thill mi, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus bha an sliabh a’ losgadh le teine; agus bha dà chlàr a’ choicheangail am dhà làimh.
16. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, bha sibh air peacachadh an aghaidh an Tighearna ur Dia, rinn sibh laogh leaghte dhuibh fhèin: bha sibh air tionndadh a thaobh gu grad as an t‑slighe a dh’àithn an Tighearna dhuibh.
17. Agus ghlac mi an dà chlàr, agus thilg mi as mo dhà làimh iad, agus bhris mi iad fa chomhair ur sùl.
18. Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
19. (Oir bha eagal na feirge orm, agus na ro‑chorraich leis an robh an Tighearna feargach nur n‑aghaidh-se a‑chum ur sgrios.) Ach dh’èisd an Tighearna rium anns an àm sin mar an ceudna.
20. Agus bha ro‑fhearg air an Tighearna ri Aaron a‑chum a sgrios: agus rinn mi ùrnaigh, mar an ceudna, airson Aaroin anns an àm sin fhèin.
21. Agus ghabh mi ur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an do rinneadh mìn e mar dhuslach; agus thilg mi a dhuslach anns an t‑sruth a thàinig a‑nuas on t‑sliabh.
22. Agus air Taberah, agus aig Masah, agus aig Cibrot-hataabhah, bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg.
23. Mar an ceudna nuair a chuir an Tighearna sibh o Chadeis-barnea, ag ràdh, Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fearann a thug mise dhuibh; an sin rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia, agus cha do chreid sibh e, cha mhò a dh’èisd sibh ra ghuth.
24. Bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna on là a b’aithne dhòmhsa sibh.
25. Mar seo, thuit mi sìos am fianais an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs: a chionn gun dubhairt an Tighearna gun sgriosadh e sibh.
26. Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.
27. Cuimhnich do sheirbhisich, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob; na amhairc air reasgachd an t‑sluaigh seo, no air an aingidheachd, no air am peacadh;
28. Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach.
29. Gidheadh is iad do shluagh iad, agus d’oighreachd, a thug thu a‑mach led threun neart, agus led ghàirdean sìnte a‑mach.

Deuteronomi 10:1-22
1. Anns an àm sin thubhairt an Tighearna rium, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus dèan dhut àirc fhiodha.
2. Agus sgrìobhaidh mise air na clàir na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu, agus cuiridh tu iad anns an àirc.
3. Agus rinn mi àirc de fhiodh sitim, agus shnaidh mi dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus chaidh mi suas don t‑sliabh, agus an dà chlàr am làimh.
4. Agus sgrìobh e air na clàir, a rèir a’ chiad sgrìobhaidh, na deich àitheantan, a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho-chruinneachaidh: agus thug an Tighearna dhòmhsa iad.
5. Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.
6. Agus dh’imich clann Israeil o Bherot chloinn Iaacain gu Mosera: an sin fhuair Aaron bàs, agus dh’adhlaiceadh e an sin; agus fhritheil Eleàsar a mhac ann an dreuchd an t‑sagairt na àite.
7. As a sin dh’imich iad gu Gudgodah, agus o Ghudgodah gu Iotbat, fearann shruthan uisge.
8. Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.
9. Uime sin chan eil aig Lèbhi roinn no oighreachd maille ra bhràithrean: is e an Tighearna as oighreachd dha, a rèir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha.
10. Agus dh’fhan mi anns an t‑sliabh, a rèir na ciad ùine, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, agus dh’èisd an Tighearna rium mar an ceudna anns an àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearna thusa a sgrios.
11. Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich ron t‑sluagh, a‑chum gun tèid iad a‑steach, agus gun sealbhaich iad am fearann, a mhionnaich mi dan athraichean gun tugainn dhaibh.
12. Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;
13. Aitheantan an Tighearna a ghleidheadh, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh airson do leas?
14. Feuch, is leis an Tighearna do Dhia nèamh, agus nèamh nan nèamh, an talamh mar an ceudna, agus gach nì a tha ann.
15. A‑mhàin bha tlachd aig an Tighearna ann ad athraichean gu an gràdhachadh, agus thagh e an sliochd nan dèidh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là‑an‑diugh.
16. Timcheall-ghearraibh, uime sin, ro‑chraiceann ur cridhe, agus na bithibh rag-mhuinealach nas mò.
17. Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.
18. Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.
19. Uime sin gràdhaichidh sibh an coigreach; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.
20. Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.
21. Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean.
22. Le deich agus trì-fichead anam chaidh d’athraichean sìos don Eiphit; agus a‑nis rinn an Tighearna do Dhia thu mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd.

Salm 37:12-17
12. Tha an t‑aingidh a’ cumadh uilc don ionraic, agus a’ casadh a fhiaclan ris.
13. Nì Dia fanaid air, oir is lèir dha gu bheil a là a’ teachd.
14. Tharraing na h‑aingidh an claidheamh, agus chuir iad am bogha air ghleus, a leagadh sìos a’ bhochd agus an ainnis, a mharbhadh luchd deagh-bheus.
15. Thèid an claidheamh a‑steach nan cridhe fèin, agus brisear am bogha.
16. Is fheàrr beagan aig an duine ionraic na saoibhreas mòran dhroch dhaoine.
17. Oir brisear gàirdeanan dhroch dhaoine, ach cumaidh Dia suas na fìreanan.

Gnàth-fhacal 12:11-11
11. Esan a threabhas a fhearann, sàsaichear le aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse.

Lùcas 1:57-80
57. A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac.
58. Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr-thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.
59. Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall-ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.
60. Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth.
61. Agus thubhairt iad rithe, Chan eil aon neach ded chàirdean den gairmear an t‑ainm seo.
62. Agus smèid iad air a athair, ciod an t‑ainm a b’àill leis a thoirt air.
63. Agus air iarraidh clàir-sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile.
64. Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.
65. Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.
66. Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.
67. Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,
68. Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,
69. Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin;
70. A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;
71. A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn:
72. A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:
73. Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm,
74. Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail,
75. Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha.
76. Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna, a dh’ullachadh a shlighe;
77. A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.
78. Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,
79. A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.
80. Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.