Àireamh 35:1-34 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh, |
2. Aithn do chloinn Israeil, iad a thabhairt do na Lèbhithich de oighreachd an seilbh, bailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta: agus bheir sibh mar an ceudna do na Lèbhithich fearann co‑roinn dam bailtean mun cuairt orra. |
3. Agus bidh na bailtean aca gu còmhnaidh a ghabhail annta, agus bidh am fearann co‑roinn airson an sprèidhe, agus airson am maoin, agus airson an ainmhidhean uile. |
4. Agus ruigidh fearann co‑roinn nam bailtean, a bheir sibh do na Lèbhithich, a‑mach o bhalla a’ bhaile, mìle làmh-choille mun cuairt. |
5. Agus tomhaisidh sibh on leth a‑muigh den bhaile air an taobh an ear dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh mu dheas dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh an iar dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh mu thuath dà mhìle làmh-choille; agus bidh am baile anns a’ mheadhon: bidh seo dhaibh na fhearann co‑roinn dam bailtean. |
6. Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lèbhithich bidh sia bailtean a‑chum dìdein, a dh’òrdaicheas sibh air a shon-san a mharbhas duine, a‑chum is gun teich e an sin: agus riùsan cuiridh sibh dà bhaile is dà‑fhichead. |
7. Mar seo is iad na bailtean sin uile a bheir sibh do na Lèbhithich, ochd agus dà‑fhichead baile: iad sin bheir sibh seachad agus am fearann co‑roinn. |
8. Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh. |
9. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
10. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bhios sibh air teachd thar Iòrdan do thìr Chanàain, |
11. An sin òrdaichidh sibh dhuibh fhèin bailtean gu bhith nam bailtean dìdein dhuibh, a‑chum gun teich am marbhaiche an sin, a mharbhas neach ann an ainfhios. |
12. Agus bidh iad dhuibh nam bailtean a‑chum dìdein on dìoghaltair; a‑chum nach bàsaich esan a mharbhas duine, gus an seas e an làthair a’ cho-chruinneachaidh ann am breitheanas. |
13. Agus de na bailtean sin a bheir sibh seachad, bidh sia bailtean agaibh a‑chum dìdein. |
14. Bheir sibh seachad trì bailtean air an taobh seo de Iòrdan, agus trì bailtean bheir sibh seachad ann an tìr Chanàain, a bhios nam bailtean dìdein. |
15. Bidh na sia bailtean sin nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus don choigreach, agus dhàsan a bhios air chuairt nam measg; a‑chum gun teich gach neach an sin, a mharbhas duine gun fhios. |
16. Agus ma bhuaileas e e le inneal iarainn (air chor is gum bàsaich e), is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. |
17. Agus ma bhuaileas e e le clach a thilgeadh (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum bàsaich e, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. |
18. No ma bhuaileas e e le làmh-bhall fiodha (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum faigh e bàs, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. |
19. Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e. |
20. Ach ma bheir e urchair dha tre fhuath, no ma thilgeas e nì sam bith air ann am plaid-laighe, air chor is gum faigh e bàs; |
21. No ma bhuaileas e e le a làimh ann an naimhdeas, air chor is gum faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fala am mortair, nuair a choinnicheas e e. |
22. Ach ma thug e urchair dha gu h‑obann gun naimhdeas, no ma thilg e nì sam bith air gun phlaid-laighe; |
23. No le cloich sam bith, a dh’fhaodas bàs duine a thabhairt, gun e ga fhaicinn, agus gun do thilg e air i, air chor is gum faigh e bàs, agus nach bu nàmhaid dha e, agus nach d’iarr e a chron; |
24. An sin bheir an co‑chruinneachadh breith eadar am marbhaiche agus dìoghaltair na fala, a rèir nam breitheanas sin: |
25. Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd-shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh. |
26. Ach ma thig am marbhaiche uair air bith an taobh a‑muigh de chrìch baile a dhìdein, gus an do theich e: |
27. Agus gum faigh dìoghaltair na fala e an taobh a‑muigh de chrìochan baile a dhìdein, agus gum marbh dìoghaltair na fala am marbhaiche; cha bhi e ciontach de fhuil: |
28. A chionn gum bu chòir dha fuireach ann am baile a dhìdein gu bàs an àrd-shagairt: ach an dèidh bàs an àrd-shagairt, tillidh am marbhaiche gu fearann a sheilbhe fhèin. |
29. Agus bidh na nithean sin nan reachd breitheanais dhuibh, air feadh ur ginealaichean, nur n‑àitean-còmhnaidh uile. |
30. Ge bè a mharbhas neach sam bith, cuirear am mortair gu bàs le beul fhianaisean: ach cha toir aon fhianais teisteas an aghaidh neach sam bith a‑chum a chur gu bàs. |
31. Agus cha ghabh sibh èirig sam bith airson anam mortair a tha ciontach de bhàs, ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. |
32. Agus cha ghabh sibh èirig sam bith air a shon-san a theich do bhaile a dhìdein, a‑chum is gun tigeadh e a‑rìs a ghabhail còmhnaidh anns an fhearann gu bàs an t‑sagairt. |
33. Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i. |
34. Na salaichibh, uime sin, am fearann anns am bi sibh a chòmhnaidh, anns a bheil mise am chòmhnaidh; a chionn gu bheil mise an Tighearna am chòmhnaidh am meadhon chloinn Israeil. |
Àireamh 36:1-13 |
1. Agus thàinig prìomh-athraichean teaghlaichean chloinn Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean mic Iòseiph, am fagas, agus labhair iad an làthair Mhaois, agus an làthair nan ceannard, eadhon prìomh-athraichean chloinn Israeil: |
2. Agus thubhairt iad, Dh’àithn an Tighearna dom thighearna am fearann a thoirt mar oighreachd le crannchur do chloinn Israeil, agus dh’àithneadh dom thighearna leis an Tighearna, oighreachd ar bràthar Selophehad a thoirt da nigheanan. |
3. Agus ma phòsar iad ri aon de mhic nan treubh eile de chloinn Israeil, an sin bheirear an oighreachd-san o oighreachd ar n‑athraichean, agus cuirear i ri oighreachd na treubha don gabhar iad: mar sin bheirear i o chrannchur ar n‑oighreachd-ne. |
4. Agus nuair a bhios an Iubile ann do chloinn Israeil, an sin cuirear an oighreachd ri oighreachd na treubha gus an do ghabhaidh iad: mar sin bheirear an oighreachd-san air falbh o oighreachd treubh ar n‑athraichean. |
5. Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, a rèir facal an Tighearna, ag ràdh, Is ceart a labhair treubh mic Iòseiph. |
6. Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a‑thaobh nigheanan Shelophehaid, ag ràdh, Pòsadh iad an neach as àill leo; a‑mhàin ri teaghlach treubh an athraichean pòsaidh iad. |
7. Mar sin chan atharraich oighreachd chloinn Israeil o threubh gu treubh: oir dlùth-leanaidh gach duine de chloinn Israeil ri oighreachd treubh a athraichean. |
8. Agus bidh gach nighean a shealbhaicheas oighreachd ann an treubh sam bith de chloinn Israeil na mnaoi aig aon de theaghlach treubh a h‑athar, a‑chum gum meal clann Israeil, gach duine dhiubh, oighreachd a athraichean. |
9. Cha mhò a dh’atharraicheas an oighreachd o aon treubh gu treubh eile; ach dlùth-leanaidh gach duine de threubhan chloinn Israeil ra oighreachd fhèin. |
10. Eadhon mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn nigheanan Shelophehaid: |
11. Oir phòsadh Mahlah, Tirsah, agus Meglah, agus Milcah, agus Nòah, nigheanan Shelophehaid, ri mic bràithrean an athar. |
12. Phòsadh iad ri fir de theaghlaichean mic Mhanaseh mhic Iòseiph, agus dh’fhan an oighreachd ann an treubh teaghlach an athar. |
13. Is iad sin na h‑àitheantan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois do chloinn Israeil ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan, am fagas do Iericho. |
Salm 35:17-28 |
17. Cia fhad, a Thighearna, a dh’amhairceas tu air seo? Saor m’anam om milleadh, m’aon ghràidh o na leòmhainn. |
18. Cliùthaichidh mi thu anns a’ mhòr-choitheanal; am measg sluaigh lìonmhoir molaidh mi thu. |
19. Na dèanadh iadsan a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach gàirdeachas os mo chionn; iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar, na caogadh iad len sùil. |
20. Oir cha labhair iad sìth, ach an aghaidh daoine ciùine na tìre dealbhaidh iad nithean cealgach. |
21. Dh’fhosgail iad am beul gu farsaing am aghaidh; thubhairt iad, Ahà, ahà! chunnaic ar sùil. |
22. Chunnaic thusa seo, a Thighearna; na bi ad thosd, a Thighearna, na bi fada uam. |
23. Tog ort, agus mosgail a‑chum mo cheirt, a‑chum mo chùise, mo Dhia agus mo Thighearna. |
24. Thoir breith orm a rèir do cheartais, a Thighearna mo Dhia, agus na dèanadh iad gàirdeachas os mo chionn. |
25. Na abradh iad nan cridhe, Ahà, is e siud ar miann: idir na abradh iad, Shluig sinn suas e. |
26. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile, a tha a’ dèanamh gàirdeachais rim olc; còmhdaichear le nàire agus masladh iadsan a dh’àrdaicheas iad fhèin am aghaidh! |
27. Dèanadh iadsan iolach, agus biodh iad aoibhneach, a sheasas mo chòir dhomh; agus abradh iad a‑ghnàth, Mòr-chliù gu robh don Tighearna, aig a bheil tlachd ann an sìth a sheirbhisich! |
28. An sin cuiridh mo theanga an cèill do cheartas, air feadh an là do chliù. |
Gnàth-fhacal 12:3-3 |
3. Cha daingnichear duine le aingidheachd; ach cha ghluaisear freumh nam fìrean. |
Marcus 15:25-47 |
25. Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e. |
26. Agus bha sgrìobhadh a chùise-dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH. |
27. Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì. |
28. An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach. |
29. Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana-cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean, |
30. Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann-cheusaidh. |
31. Agus mar an ceudna thubhairt na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ri chèile, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shaoradh. |
32. Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann-cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana-cainnt dha. |
33. Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair. |
34. Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar-theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi? |
35. Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais. |
36. Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon-geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas. |
37. Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò. |
38. Agus bha brat-roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar. |
39. Agus nuair a chunnaic an ceannard-ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè. |
40. Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme; |
41. Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem. |
42. Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid), |
43. Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa. |
44. Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard-ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs. |
45. Agus air dha fios fhaotainn on cheannard-ceud, thug e an corp do Iòseph. |
46. Agus cheannaich esan lìon-aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phaisg e anns an lìon-aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe. |
47. Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e. |