A A A A A
Bible in one year
March 18

Àireamh 33:1-56
1. Is iad seo turasan chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a rèir an armailtean, fo làimh Mhaois agus Aaroin.
2. Agus sgrìobh Maois an dol a‑mach a rèir an turasan, air àithne an Tighearna: agus is iad seo an turasan, a rèir an dol a‑mach.
3. Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ chiad mhìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den chiad mhìos: air an là màireach an dèidh na càisge, chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach uile.
4. (Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad-ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.)
5. Agus dh’imich clann Israeil à Rameses, agus champaich iad ann an Sucot.
6. Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, a tha ann an iomall an fhàsaich.
7. Agus dh’imich iad o Etam, agus thill iad a‑rìs gu Pihahirot, a tha fa chomhair Bhàal-sèphoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol.
8. Agus dh’imich iad o chomhair Phihahirot, agus chaidh iad tro mheadhon na fairge don fhàsach, agus dh’imich iad astar trì làithean ann am fàsach Etaim, agus champaich iad ann am Màrah.
9. Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu Elim: agus ann an Elim bha dà‑thobar-dheug uisge, agus deich agus trì-fichead craobh phailme: agus champaich iad an sin.
10. Agus dh’imich iad o Elim, agus champaich iad làimh ris a’ mhuir ruaidh.
11. Agus dh’imich iad on mhuir ruaidh, agus champaich iad ann am fàsach Shin.
12. Agus dh’imich iad à fàsach Shin, agus champaich iad ann an Dophcah.
13. Agus dh’imich iad o Dhophcah, agus champaich iad ann an Alas.
14. Agus dh’imich iad o Alas, agus champaich iad ann an Rephidim, far nach robh uisge aig an t‑sluagh ri òl.
15. Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinài.
16. Agus dh’imich iad o fhàsach Shinài, agus champaich iad ann an Cibrot-hataabhah.
17. Agus dh’imich iad o Chibrot-hatabhah, agus champaich iad ann an Haserot.
18. Agus dh’imich iad o Haserot, agus champaich iad ann an Ritmah.
19. Agus dh’imich iad o Ritmah, agus champaich iad ann an Rimon-pares.
20. Agus dh’imich iad o Rimon-pares, agus champaich iad ann an Libnah.
21. Agus dh’imich iad o Libnah, agus champaich iad ann an Risah.
22. Agus dh’imich iad o Risah, agus champaich iad ann an Cehelatah.
23. Agus dh’imich iad o Chehelatah, agus champaich iad ann an sliabh Shapher.
24. Agus dh’imich iad o shliabh Shapher, agus champaich iad ann an Haradah.
25. Agus dh’imich iad o Haradah, agus champaich iad ann am Machelot.
26. Agus dh’imich iad o Mhachelot, agus champaich iad ann an Tahat.
27. Agus dh’imich iad o Thahat, agus champaich iad ann an Tarah.
28. Agus dh’imich iad o Tharah, agus champaich iad ann am Mitcah.
29. Agus dh’imich iad o Mhitcah, agus champaich iad ann an Hasmonah.
30. Agus dh’imich iad o Hasmonah, agus champaich iad ann am Moserot.
31. Agus dh’imich iad o Mhoserot, agus champaich iad ann am Bene-iaacan.
32. Agus dh’imich iad o Bhene-iaacan, agus champaich iad ann an Hor-hagidgad.
33. Agus dh’imich iad o Hor-hagidgad, agus champaich iad ann an Iot-batah.
34. Agus dh’imich iad o Iot-batah, agus champaich iad ann an Ebronah.
35. Agus dh’imich iad o Ebronah, agus champaich iad ann an Esion-gaber.
36. Agus dh’imich iad o Esion-gaber, agus champaich iad ann am fàsach Shin: is e seo Cadeis.
37. Agus dh’imich iad o Chadeis, agus champaich iad ann an sliabh Hor, ann an iomall fearann Edoim.
38. Agus chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor, air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs an sin, anns an dà‑fhicheadamh bliadhna an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, air a’ chiad là den chòigeamh mìos.
39. Agus bha Aaron ceud agus fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a dh’eug e ann an sliabh Hor.
40. Agus chuala rìgh Arad an Canàanach (a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas ann an tìr Chanàain) mu theachd chloinn Israeil.
41. Agus dh’imich iad o shliabh Hor, agus champaich iad ann an Salmonah.
42. Agus dh’imich iad o Shalmonah, agus champaich iad ann am Punon.
43. Agus dh’imich iad o Phunon, agus champaich iad ann an Obot.
44. Agus dh’imich iad o Obot, agus champaich iad ann an Iie-abarim, ann an crìch Mhòaib.
45. Agus dh’imich iad o Iim, agus champaich iad ann an Dibon-gad.
46. Agus dh’imich iad o Dhibon-gad, agus champaich iad ann an Almon-diblataim.
47. Agus dh’imich iad o Almon-diblataim, agus champaich iad ann an slèibhtean Abarim, fa chomhair Nebo.
48. Agus dh’imich iad o shlèibhtean Abarim, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.
49. Agus champaich iad làimh ri Iòrdan, o Bhet-iesimot eadhon gu Abel-sitim, ann an còmhnardan Mhòaib.
50. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,
51. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑null thar Iòrdan, do thìr Chanàain;
52. An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.
53. Agus cuiridh sibh à seilbh luchd-àiteachaidh an fhearainn, agus nì sibh còmhnaidh ann: oir thug mise dhuibh am fearann ra shealbhachadh.
54. Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.
55. Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.
56. Os bàrr tàrlaidh, mar a smaoinich mi a dhèanamh riùsan, gun dèan mi ribhse.

Àireamh 34:1-29
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh do thalamh Chanàain (is e seo am fearann a thuiteas oirbh mar oighreachd, eadhon fearann Chanàain maille ra chrìochan),
3. An sin bidh ur ceàrna dheas bho fhàsach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i ur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h‑àird an ear.
4. Agus tillidh ur crìoch on taobh mu dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Sin; agus bidh a dol a‑mach on taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus gabhaidh i roimhpe gu Hasar-adar, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Asmon:
5. Agus bheir a’ chrìoch cuairt o Asmon gu abhainn na h‑Eiphit, agus bidh a dol a‑mach aig an fhairge.
6. Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar.
7. Agus is i seo ur crìoch air an làimh mu thuath: on fhairge mhòir comharraichidh sibh dhuibh fhèin gu sliabh Hor.
8. O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.
9. Agus gabhaidh ur crìoch roimhpe gu Siphron, agus bidh a dol a‑mach aig Hasar-enan; is i seo ur crìoch mu thuath.
10. Agus comharraichidh sibh ur crìoch air an taobh an ear o Hasar-enan gu Sepham.
11. Agus thèid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear de Ain; agus thèid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h‑àird an ear.
12. Agus thèid a’ chrìoch sìos gu Iòrdan, agus bidh a dol a‑mach aig a’ mhuir shaillte: is e seo ur fearann le a chrìochan mun cuairt.
13. Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth-threubh.
14. Oir fhuair treubh chloinn Reubein an oighreachd, a rèir taigh an athraichean, agus treubh chloinn Ghad a rèir taigh an athraichean; agus fhuair leth-threubh Mhanaseh an oighreachd.
15. Fhuair an dà threubh agus an leth-threubh an oighreachd air an taobh seo de Iòrdan am fagas do Iericho, a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine.
16. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
17. Is iad seo ainmean nan daoine a roinneas am fearann dhuibh: Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin.
18. Agus gabhaidh sibh aon cheannard de gach treubh, a roinn an fhearainn mar oighreachd.
19. Agus is iad seo ainmean nan daoine: de threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.
20. Agus de threubh chloinn Shimeoin, Semuel mac Amihuid.
21. De threubh Bheniàmin, Elidad mac Chisloin.
22. Agus ceannard treubh chloinn Dhan, Buci mac Iogli.
23. Ceannard chloinn Iòseiph, airson treubh chloinn Mhanaseh, Haniel mac Ephoid.
24. Agus ceannard treubh chloinn Ephraim, Cemuel mac Shiphtain.
25. Agus ceannard treubh chloinn Shebuluin, Elisaphan mac Pharnaich.
26. Agus ceannard treubh chloinn Isachair, Paltiel mac Asain.
27. Agus ceannard treubh chloinn Aseir, Ahihud mac Shelomi.
28. Agus ceannard treubh chloinn Naphtali, Pedahel mac Amihuid.
29. Is iad sin iadsan don d’àithn an Tighearna an oighreachd a roinn do chloinn Israeil ann an tìr Chanàain.

Salm 35:9-16
9. Ach nì m’anam-sa gàirdeachas anns an Tighearna; nì e aoibhneas na shlàinte.
10. Their mo chnàmhan uile, A Thighearna, cò as cosmhail riutsa, a theasairgeas am bochd uaithesan as treasa na e, agus am bochd agus an t‑ainnis uaithesan a chreachadh e.
11. Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam.
12. Dhìol iad dhomh olc an èirig maith, a’ cur romhpa mo bheatha a thoirt uam.
13. Ach am thaobh-sa, nuair a bha iadsan gu tinn, b’e aodach-saic mo chulaidh; dh’ioraslaich mi m’anam le trasgadh, agus thill m’ùrnaigh am uchd fhèin.
14. Mar gum bu charaid no bràthair dhomh a bhiodh ann, ghluais mi; mar fhear-caoidh a mhàthar, gu dubhach chrom mi sìos.
15. Ach air bhith dhòmhsa ann an àmhghar, bha iadsan ait, agus chruinnich iad le chèile; chruinnich daoine suarach nach b’aithne dhomh le chèile am aghaidh; reub iad, agus cha do sguir iad.
16. Le luchd dian-mhagaidh cealgach, chas iad am fiaclan rium.

Gnàth-fhacal 12:2-2
2. Gheibh duine math deagh-ghean on Tighearna; ach dìtidh e fear nan droch innleachd.

Marcus 15:1-24
1. Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.
2. Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.
3. Agus chuir na h‑àrd-shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.
4. Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.
5. Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.
6. A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.
7. Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.
8. Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.
9. Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?
10. (Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd-shagartan thairis e.)
11. Ach bhrosnaich na h‑àrd-shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.
12. Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach?
13. Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e.
14. An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.
15. Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.
16. Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.
17. Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.
18. Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!
19. Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha.
20. Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
21. Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann-ceusaidh a ghiùlan.
22. Agus thug iad e gu ionad dom b’ainm Golgota, is e sin air eadar-theangachadh, àite claiginn.
23. Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.
24. Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth.