A A A A A
Bible in one year
March 17

Àireamh 31:1-54
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Dìol clann Israeil air na Midianaich; na dhèidh sin cruinnichear a‑chum do dhaoine thu.
3. Agus labhair Maois ris an t‑sluagh, ag ràdh, Rachadh cuid dhibh fon airm a‑chum a’ chogaidh, agus imicheadh iad a chogadh an aghaidh nam Midianach, agus dìoladh iad an Tighearna air Midian.
4. Cuiridh sibh mìle de gach treubh, air feadh uile threubhan Israeil, a‑chum a’ chogaidh.
5. Mar sin thugadh a‑mach à mìltean Israeil mìle de gach treubh, dà‑mhìle-dheug armaichte a‑chum cogaidh.
6. Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh.
7. Agus chog iad an aghaidh nam Midianach, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; agus mharbh iad na fireannaich uile.
8. Agus mharbh iad rìghrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, còig rìghrean Mhidiain: Balàam mac Bheoir mar an ceudna mharbh iad leis a’ chlaidheamh.
9. Agus thug clann Israeil leo mnathan Mhidiain nam braighdean, agus an clann bheag, agus thug iad leo creach an sprèidh uile, agus an treudan uile, agus am maoin uile.
10. Agus loisg iad am bailtean uile anns an robh iad a chòmhnaidh, agus an dùin uile le teine.
11. Agus thug iad leo a’ chreach uile, agus an cobhartach uile, eadar dhaoine agus ainmhidhean.
12. Agus thug iad na braighdean agus a’ chreach agus an cobhartach gu Maois agus Eleàsar an sagart, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil, a‑chum a’ champa aig còmhnardan Mhòaib, a tha làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.
13. Agus chaidh Maois agus Eleàsar an sagart agus ceannardan a’ choitheanail uile a‑mach nan coinneamh, an taobh a‑muigh den champ.
14. Agus bha corraich air Maois ri luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh, ris na ceannardan air mhìltean agus na ceannardan air cheudan, a thàinig on chogadh.
15. Agus thubhairt Maois riu, An do ghlèidh sibh na mnathan uile beò?
16. Feuch, thug iad sin air cloinn Israeil, le comhairle Bhalàaim, peacachadh an aghaidh an Tighearna ann an adhbhar Pheoir; agus bha plàigh air feadh co‑chruinneachadh an Tighearna.
17. A‑nis uime sin, marbhaibh gach leanabh fireann am measg na cloinne bige, agus marbhaibh gach bean dom b’aithne fear le laighe leis.
18. Ach a’ chlann-bhan uile do nach b’aithne fear le laighe leis, gleidhibh beò dhuibh fhèin.
19. Agus fanaibh-se an taobh a‑muigh den champ seachd làithean: ge bè a mharbh neach air bith, agus ge bè a bhean ri neach a mharbhadh, glanaibh sibh fhèin agus ur braighdean air an treas là, agus air an t‑seachdamh là;
20. Agus glanaibh ur n‑aodach uile, agus gach nì a rinneadh de chraicnean, agus gach obair de fhionnadh ghobhar, agus gach nì a rinneadh de fhiodh.
21. Agus thubhairt Eleàsar an sagart ris na fir-chogaidh a chaidh a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna do Mhaois:
22. A‑mhàin an t‑òr, agus an t‑airgead, an t‑umha, an t‑iarann, an staoin, agus an luaidh,
23. Gach nì a dh’fhulaingeas an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron teine, agus glanar e; gidheadh le uisge an sgaraidh glanar e: agus gach nì nach fulaing an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron uisge.
24. Agus nighidh sibh ur n‑aodach air an t‑seachdamh là, agus bidh sibh glan, agus na dhèidh sin thig sibh a‑steach don champ.
25. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
26. Gabh àireamh na creiche a thogadh, eadar dhuine agus ainmhidh, thu fhèin, agus Eleàsar an sagart, agus prìomh-athraichean a’ cho-chruinneachaidh;
27. Agus roinn a’ chreach na dà earrainn; eadar a’ mhuinntir a ghabh an cogadh orra fhèin, a chaidh a‑mach don chath, agus an co‑chruinneachadh uile:
28. Agus tog cìs don Tighearna o na fir-chogaidh, a chaidh a‑mach don chath: aon anam à còig ceud, araon de na daoine, agus den bhuar, agus de na h‑asail, agus de na caoraich.
29. Gabh e as an leth-san, agus thoir e do Eleàsar an sagart mar thabhartas-togte don Tighearna.
30. Agus as leth chloinn Israeil, gabhaidh tu aon chuibhreann à lethcheud, de na daoine, den bhuar, de na h‑asail, agus de na treudan, de gach ainmhidh, agus bheir thu iad do na Lèbhithich, a tha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna.
31. Agus rinn Maois agus Eleàsar an sagart mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
32. Agus b’e an cobhartach, eadhon a’ chuid eile den chreich a ghlac na fir-chogaidh, sia ceud mìle agus deich is trì-fichead mìle agus còig mìle caora,
33. Agus trì-fichead agus dà‑mhìle-dheug bò,
34. Agus trì-fichead agus aon mhìle asal,
35. Agus dà‑mhìle-dheug ar fhichead anam anns an iomlan, de mhnathan do nach b’aithne fear le laighe leis.
36. Agus bha an leth a bu chuibhreann dhaibhsan a chaidh a‑mach a‑chum a’ chogaidh ann an àireamh trì cheud mìle agus seachd-mìle-deug ar fhichead agus còig ceud caora;
37. Agus b’i cìs an Tighearna de na caoraich sia ceud agus trì-fichead agus còig-deug.
38. Agus b’iad am buar sia-mìle-deug ar fhichead: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì-fichead is a dhà-dheug.
39. Agus b’iad na h‑asail deich-mìle-ar‑fhichead agus còig ceud: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì-fichead agus a h‑aon.
40. Agus b’iad anaman nan daoine sia-mìle-deug: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna dà‑anam-dheug ar fhichead.
41. Agus thog Maois a’ chìs, eadhon tabhartas-togte an Tighearna, do Eleàsar an sagart, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
42. Agus de leth chloinn Israeil, a roinn Maois on luchd-cogaidh,
43. (A‑nis b’i an leth a bhuineadh don cho-chruinneachadh, trì cheud mìle agus seachd-mìle-deug ar fhichead agus còig ceud caora,
44. Agus sia-mìle-deug ar fhichead bò,
45. Agus deich-mìle-ar‑fhichead asal agus còig ceud,
46. Agus sia-mìle-deug anam,)
47. Eadhon den leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhreann à lethcheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lèbhithich, a bha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
48. Agus thàinig an luchd-riaghlaidh a bha os cionn mìltean an t‑sluaigh, na ceannardan air mhìltean, agus na ceannardan air cheudan, am fagas do Mhaois:
49. Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear-cogaidh a tha fo ar làimh, agus chan eil duine dhinn air chall.
50. Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas-fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna.
51. Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr uapa, uile na sheudan obraichte.
52. Agus b’e òr an tabhartais uile a thug iad seachad don Tighearna, o na ceannardan air mhìltean, agus o na ceannardan air cheudan, sia-mìle-deug, seachd ceud agus lethcheud secel.
53. (Oir ghabh na fir-chogaidh cobhartach, gach duine dha fhèin.)
54. Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr o na ceannardan air mhìltean agus air cheudan, agus thug iad e gu pàillean a’ choitheanail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna.

Àireamh 32:1-42
1. A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:
2. Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri Eleàsar an sagart, agus ri uachdarain a’ co‑chruinneachaidh, ag ràdh,
3. Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon;
4. Eadhon an dùthaich a bhuail an Tighearna ro cho-chruinneachadh Israeil, is fearann e airson sprèidhe, agus tha sprèidh aig do sheirbhisich.
5. Uime sin, arsa iadsan, ma fhuair sinn deagh-ghean ad shealladh, thugar am fearann seo dod sheirbhisich mar sheilbh, agus na toir sinn a‑null thar Iòrdan.
6. Agus thubhairt Maois ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Reubein, An tèid ur bràithrean gu cogadh, agus an suidh sibhse an seo?
7. Agus carson a bheir sibh mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a‑null don fhearann a thug an Tighearna dhaibh?
8. Mar seo rinn ur n‑athraichean nuair a chuir mi iad o Chadeis-barnea a dh’amharc na tìre:
9. Nuair a chaidh iad suas gu gleann Escoil, agus a chunnaic iad am fearann, thug iad mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a‑chum nach rachadh iad a‑steach don fhearann a thug an Tighearna dhaibh.
10. Agus las corraich an Tighearna anns an àm sin fhèin, agus mhionnaich e, ag ràdh,
11. Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan:
12. Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.
13. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus chuir e air seachran iad anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don ghinealach sin uile a rinn olc an sealladh an Tighearna.
14. Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas an àite ur n‑athraichean, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fhathast mòr-chorraich an Tighearna ri Israel.
15. Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn-san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile.
16. Agus thàinig iad am fagas dha, agus thubhairt iad, Togaidh sinn mainnirean chaorach an seo dar sprèidh, agus bailtean dar cloinn bhig:
17. Ach thèid sinn fhèin deas-armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd-àiteachaidh na tìre.
18. Cha till sinn dar taighean gus an sealbhaich clann Israeil gach duine dhiubh a oighreachd fhèin.
19. Oir cha sealbhaich sinne maille riùsan an taobh eile de Iòrdan, no thall o sin; a chionn gun do thuit ar n‑oighreachd dhuinne air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear.
20. Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh,
21. Agus gun tèid sibh uile armaichte thar Iòrdan ron Tighearna, gus am fuadaich e a‑mach a naimhdean as a làthair,
22. Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo-choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.
23. Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.
24. Togaibh bailtean dur cloinn bhig, agus mainnirean dur caoraich; agus dèanaibh an nì a chaidh a‑mach as ur beul.
25. Agus labhair clann Ghad agus clann Reubein ri Maois, ag ràdh, Nì do sheirbhisich mar a tha mo thighearna ag àithneadh.
26. Bidh ar clann bheag, ar mnathan, ar treudan agus ar sprèidh uile an sin ann am bailtean Ghilead:
27. Ach thèid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte a‑chum cogaidh, ron Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearna ag ràdh.
28. Agus thug Maois àithne dan taobh do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do phrìomh-athraichean treubhan chloinn Israeil:
29. Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:
30. Ach mura tèid iad thairis maille ribh armaichte, bidh sealbh aca nur measg fhèin ann an tìr Chanàain.
31. Agus fhreagair clann Ghad, agus clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt an Tighearna rid sheirbhisich, mar sin nì sinne.
32. Thèid sinn a‑null armaichte ron Tighearna do thìr Chanàain, a‑chum is gum bi sealbh ar n‑oighreachd againn air an taobh seo de Iòrdan.
33. Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth-threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt.
34. Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer,
35. Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,
36. Agus Bet-nimrah, agus Bethàran, bailtean daingnichte; agus mainnirean airson chaorach.
37. Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim,
38. Agus Nebo, agus Bàal-meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.
39. Agus chaidh clann Mhachir mhic Mhanaseh do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad à seilbh an t‑Amorach a bha ann.
40. Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann.
41. Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot-iair mar ainm orra.
42. Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin.

Salm 35:1-8
1. Le Daibhidh. Tagair, a Tighearna, riùsan a thagras am aghaidh; cog nan aghaidh-san a chogas am aghaidh.
2. Glac targaid agus sgiath, agus èirich a‑chum mo chuideachaidh.
3. Agus tarraing a‑mach an t‑sleagh, agus druid an t‑slighe nan aghaidh-san a tha an tòir orm. Abair rim anam, Is mi do shlàinte.
4. Nàire agus masladh gu robh orrasan a tha ag iarraidh m’anama; gun tillear iadsan air an ais, agus gu robh amhluadh orra, a tha a’ smaoineachadh uilc dhomh.
5. Biodh iad mar mholl fa chomhair na gaoithe, agus aingeal an Tighearna gan ruagadh.
6. Biodh an slighe dorcha agus sleamhainn, agus aingeal an Tighearna an tòir orra.
7. Oir gun adhbhar dh’fhalaich iad air mo shon an lìon; sloc gun adhbhar chladhaich iad airson m’anama.
8. Thigeadh sgrios air gun fhios dha, agus a lìon a dh’fhalaich e, glacadh e e fhèin; anns an sgrios sin tuiteadh e.

Gnàth-fhacal 12:1-1
1. Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.

Marcus 14:55-72
55. Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.
56. Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.
57. Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,
58. Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.
59. Agus mar sin fhèin cha robh am fianais a’ teachd ri chèile.
60. Agus air èirigh suas don àrd-shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?
61. Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?
62. Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh.
63. An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, agus thubhairt e, Ciod am feum a tha againn tuilleadh air fianaisean?
64. Chuala sibh an toibheum: ciod i ur barail-se? Agus thug iad uile breith na aghaidh gun do thoill e am bàs.
65. Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.
66. Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla, thàinig aon de bhanoglaich an àrd-shagairt:
67. Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret.
68. Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor-dhoras; agus ghoir an coileach.
69. Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo.
70. Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.
71. Ach thòisich esan air mallachadh agus air mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine seo mum bheil sibh a’ labhairt.
72. Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.