A A A A A
Bible in one year
March 16

Àireamh 29:1-39
1. Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.
2. Agus bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:
3. Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe,
4. Agus aon deicheamh earrann, airson gach uain, air feadh nan seachd uan;
5. Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son:
6. A thuilleadh air ìobairt-loisgte a’ mhìosa, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a rèir an gnàtha, a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.
7. Agus bidh agaibh air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo co‑ghairm naomh: agus cràdhaidh sibh ur n‑anaman: obair sam bith cha dèan sibh air.
8. Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna de fhàile cùbhraidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad dhuibh.
9. Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson gach reithe,
10. Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan;
11. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt-pheacaidh na rèite, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe.
12. Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean.
13. Agus bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, trì-tairbh-dheug òga, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad.
14. Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh de na trì-tairbh-dheug, dà dheicheamh earrann airson gach reithe den dà reithe,
15. Agus deicheamh earrann air leth airson gach uain de na ceithir-uain-deug;
16. Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
17. Agus air an dara là bheir sibh seachad dà‑tharbh-dheug òg, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
18. Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
19. Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartasan-dibhe.
20. Agus air an treas là aon-tarbh-deug, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
21. Agus bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
22. Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
23. Agus air a’ cheathramh là deich tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
24. Bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
25. Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
26. Agus air a chòigeamh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
27. Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
28. Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
29. Agus air an t‑siathamh là ochd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
30. Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
31. Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
32. Agus air an t‑seachdamh là, seachd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
33. Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
34. Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
35. Agus air an ochdamh là bidh àrd-choitheanal agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air:
36. Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, aon tarbh, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:
37. Bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson an tairbh, airson an reithe, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
38. Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
39. Na nithean sin nì sibh don Tighearna nur fèillean suidhichte; a thuilleadh air ur bòidean, agus ur tabhartasan saor-thoile, airson ur n‑ìobairtean-loisgte, agus airson ur tabhartas-bìdh, agus airson ur tabhartas-dibhe, agus airson ur tabhartas-sìthe.

Àireamh 30:1-16
1. Agus labhair Maois ri ceannardan nan treubh a‑thaobh chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna.
2. Ma bhòidicheas duine bòid don Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal a anama le ceangal, cha bhris e a fhacal; a rèir gach nì a thig a‑mach as a bheul, nì e.
3. Mar an ceudna, ma bhòidicheas bean bòid don Tighearna, agus gun ceangail i i fhèin le ceangal, agus i ann an taigh a h‑athar na h‑òige;
4. Agus gun cluinn a h‑athair a bòid, agus a ceangal leis an do cheangail i a h‑anam, agus gum fan a h‑athair na thosd rithe, an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam.
5. Ach ma chuireas a h‑athair na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e, cha seas aon de a bòidean no de a ceanglaichean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus maithidh an Tighearna dhi, a chionn gun do chuir a h‑athair na h‑aghaidh.
6. Agus ma bha idir fear-pòsda aice nuair a bha bòidean oirre, no nuair a labhair i nì as a beul, leis an do cheangail i a h‑anam,
7. Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e i, an sin seasaidh a bòidean, agus seasaidh a ceanglaichean leis an do cheangail i a h‑anam.
8. Ach ma chuireas a fear-pòsda na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e i, an sin bheir e gu neo-bhrìgh a bòid a bhòidich i, agus an nì a labhair i le a bilean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.
9. Ach gach bòid bantraich agus mnà dealaichte, leis an do cheangail i a h‑anam, seasaidh i na h‑aghaidh.
10. Agus ma bhòidich i ann an taigh a fir, no ma cheangail i a h‑anam le ceangal maille ri mionnan,
11. Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe, agus nach do chuir e na h‑aghaidh; an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam.
12. Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad anns an là anns an cuala e iad, an sin ge bè nì a thàinig a‑mach as a beul a‑thaobh a bòidean, no a‑thaobh ceangal a h‑anam, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.
13. Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a‑chum an t‑anam a chràdh, faodaidh a fear an daingneachadh, no faodaidh a fear an cur air chùl.
14. Ach ma dh’fhanas a fear gu tur na thosd rithe, o là gu là; an sin tha e a’ daingneachadh a bòidean uile, no a ceanglaichean uile, a tha oirre: tha e gan dèanamh seasmhach, a chionn gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e iad.
15. Ach ma chuireas e air chor sam bith air chùl iad, an dèidh dha an cluinntinn, an sin giùlainidh e a h‑aingidheachd-se.
16. Is iad sin na reachdan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, eadar duine agus a bhean, eadar athair agus a nighean, agus i fhathast na h‑òige ann an taigh a h‑athar.

Salm 34:15-22
15. Tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluas rin glaodh.
16. Tha gnùis an Tighearna an aghaidh luchd-dèanamh uilc, a‑chum an cuimhne a ghearradh as on talamh.
17. Ghlaodh na fìreanan, agus dh’èisd an Tighearna, agus as an teanntachdan gu lèir shaor e iad.
18. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.
19. Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.
20. Gleidhidh an Tighearna a chnàmhan uile; cha bhi aon dhiubh briste.
21. Marbhaidh olc na h‑aingidh; agus iadsan a tha a’ toirt fuath don fhìrean, lom-sgriosar iad.
22. Saoraidh an Tighearna anam a sheirbhiseach, agus cha sgriosar aon air bith dhiubhsan a chuireas an dòigh ann.

Gnàth-fhacal 11:30-31
30. Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.
31. Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach.

Marcus 14:27-54
27. Agus thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd: oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.
28. Ach an dèidh dhomh èirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.
29. Ach thubhairt Peadar ris, Ged fhaigh iadsan uile oilbheum annad, gidheadh chan fhaigh mise e.
30. Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
31. Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
32. Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh-se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh.
33. Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh-chrith, agus fo anabarr bròin;
34. Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire.
35. Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.
36. Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.
37. Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?
38. Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach, ach tha an fheòil anfhann.
39. Agus air dha imeachd a‑rìs, rinn e ùrnaigh, ag ràdh nam briathran ceudna.
40. Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.
41. Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.
42. Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.
43. Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.
44. Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte.
45. Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.
46. Agus chuir iadsan làmh ann, agus ghlac iad e.
47. Agus air tarraing claidheimh do fhear de na bha an làthair, bhuail e òglach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a chluas dheth.
48. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh-sa, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn le claidheamhan agus le bataichean?
49. Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.
50. Agus air do na h‑uile a thrèigsinn, theich iad.
51. Agus lean òganach àraidh e, aig an robh lìon-aodach air a chur ma chorp lomnochd: agus rug na h‑òganaich air.
52. Ach air dhàsan an lìon-aodach fhàgail, theich e lomnochd uapa.
53. Agus thug iad leo Iosa a‑chum an àrd-shagairt: agus chruinnicheadh maille ris na h‑àrd-shagartan uile, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean.
54. Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.