Àireamh 23:1-30 |
1. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Tog dhomh an seo seachd altairean, agus ullaich dhomh an seo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan. |
2. Agus rinn Balac mar a thubhairt Balàam; agus dh’ìobair Balac agus Balàam air gach altair tarbh òg agus reithe. |
3. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Seas làimh rid ìobairt-loisgte, agus imichidh mise; theagamh gun tig an Tighearna am choinneamh: agus ge bè nì a nochdas e dhomh, innsidh mi dhut. Agus chaidh e gu ionad àrd. |
4. Agus choinnich Dia Balàam, agus thubhairt Balàam ris, Dheasaich mi seachd altairean, agus dh’ìobair mi air gach altair tarbh òg agus reithe. |
5. Agus chuir an Tighearna facal ann am beul Bhalàaim, agus thubhairt e, Till a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus mar seo labhraidh tu. |
6. Agus thill e da ionnsaigh, agus, feuch, sheas e làimh ra ìobairt-loisgte, e fhèin agus ceannardan Mhòaib uile. |
7. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel. |
8. Cionnas a mhallaicheas mi esan nach do mhallaich Dia? Agus cionnas a bheir mi dùbhlan dhàsan do nach tug an Tighearna dùbhlan? |
9. Oir o mhullach nan creag tha mi ga fhaicinn, agus o na slèibhtean tha mi ag amharc air: feuch, gabhaidh an sluagh còmhnaidh air leth, agus cha mheasar iad am measg nan cinneach. |
10. Cò a dh’àirmheas duslach Iàcoib, no àireamh na ceathramh cuid de Israel? Faigheam-sa bàs an ionracain, agus biodh mo chrìoch dheireannach cosmhail ra chrìch-san! |
11. Agus thubhairt Balac ri Balàam, Ciod e seo a rinn thu orm? A mhallachadh mo naimhdean thug mi thu, agus feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad. |
12. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An nì sin a chuir an Tighearna am bheul, nach feum mise an aire a thoirt a labhairt? |
13. Agus thubhairt Balac ris, Thig, guidheam ort, maille rium gu àit eile o am faic thu iad: chan fhaic thu ach a’ chuid as iomallaiche dhiubh, agus chan fhaic thu iad uile; agus mallaich dhomh as a sin iad. |
14. Agus thug e gu fearann Shophim e, gu mullach Phisgah, agus thog e seachd altairean, agus dh’ìobair e tarbh òg agus reithe air gach altair. |
15. Agus thubhairt e ri Balac, Seas an seo làimh rid ìobairt-loisgte, gus an coinnich mise an Tighearna an siud. |
16. Agus choinnich an Tighearna Balàam, agus chuir e facal na bheul, agus thubhairt e, Imich a‑rìs a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus abair mar seo. |
17. Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, feuch, sheas e làimh ra ìobairt-loisgte, agus ceannardan Mhòaib maille ris. Agus thubhairt Balac ris, Ciod a labhair an Tighearna? |
18. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Eirich suas, a Bhalaic, agus cluinn; èisd riumsa, thusa a mhic Shipoir: |
19. Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e? |
20. Feuch, fhuair mi àithne beannachadh; agus bheannaich esan, agus chan urrainn mise a atharrachadh. |
21. Cha tug e fa‑near euceart ann an Iàcob, agus chan fhaca e cealg ann an Israel: tha an Tighearna a Dhia leis, agus caithream rìgh nam measg. |
22. Thug Dia a‑mach iad as an Eiphit; tha aige amhail neart an aon-adharcaich. |
23. Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia! |
24. Feuch, èiridh an sluagh suas mar leòmhann mòr, agus mar leòmhann òg togaidh e suas e fhèin: cha laigh e sìos gus an ith e a’ chreach, agus gus an òl e fuil nam marbh. |
25. Agus thubhairt Balac ri Balàam, Na dèan aon chuid am mallachadh idir, no am beannachadh idir. |
26. Ach fhreagair Balàam agus thubhairt e ri Balac, Nach d’innis mi dhut, ag ràdh, Gach nì a labhras an Tighearna, sin as èiginn dhòmhsa a dhèanamh? |
27. Agus thubhairt Balac ri Balàam, Thig, guidheam ort, bheir mi thu gu ionad eile; theagamh gur toigh le Dia thu gam mallachadh dhomh as a sin. |
28. Agus thug Balac Balàam gu mullach Pheoir, a tha ag amharc ri Iesimon. |
29. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Tog dhomh an seo seachd altairean, agus ullaich dhomh an seo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan. |
30. Agus rinn Balac mar a thubhairt Balàam, agus dh’ìobair e tarbh agus reithe air gach altair. |
Àireamh 24:1-25 |
1. Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach. |
2. Agus thog Balàam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantainn nam bùthan a rèir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhè air. |
3. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte; |
4. Thubhairt esan, a chuala briathran Dhè, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh: |
5. Cia àlainn do bhùthan, O Iàcoib! do phàilleanan, O Israeil! |
6. Mar na gleanntan tha iad sìnte a‑mach, mar liosan ri taobh aibhne, mar chraobhan fiodh-alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobhan seudair làimh ris na h‑uisgeachan. |
7. Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd. |
8. Thug Dia a‑mach as an Eiphit e; tha aige amhail neart an aon-adharcaich: ithidh e suas na cinnich, a naimhdean, agus brisidh e an cnàmhan, agus le a shaighdean tro-lotaidh e iad. |
9. Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu. |
10. Agus las corraich Bhalaic an aghaidh Bhalàaim, agus bhuail e a bhasan ri chèile: agus thubhairt Balac ri Balàam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus, feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad na trì uairean seo: |
11. Uime sin teich a‑nis dod àite fhèin: shaoil mi d’àrdachadh gu inbhe mhòir, ach, feuch, chùm an Tighearna air d’ais thu o inbhe. |
12. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Nach do labhair mi eadhon rid theachdairean, a chuir thu am ionnsaigh, ag ràdh, |
13. Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dhèanamh maith no uilc om inntinn fhèin; ach ge bè a their an Tighearna, sin labhraidh mise? |
14. Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach. |
15. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte: |
16. Thubhairt esan a chuala briathran Dhè, agus don aithne eòlas an Tì as ro‑àirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh: |
17. Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile. |
18. Agus bidh Edom na sheilbh, bidh Seir mar an ceudna na sheilbh aig a naimhdean; agus nì Israel gaisge. |
19. A‑mach à Iàcob thig esan a bhios na uachdaran, agus sgriosaidh e an tì a mhaireas den bhaile mhòr. |
20. Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh. |
21. Agus dh’amhairc e air na Cenich; agus thubhairt e, Is làidir d’àite-còmhnaidh, agus tha thu a’ cur do nid ann an carraig: |
22. Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus an toir Asur leis thu ann am braighdeanas. |
23. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Mo thruaighe! Cò a bhios beò nuair a nì Dia seo? |
24. Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth. |
25. Agus dh’èirich Balàam suas, agus dh’fhalbh e, agus thill e da àite fhèin: agus dh’fhalbh Balac mar an ceudna air a shlighe fhèin. |
Salm 33:18-22 |
18. Feuch, tha sùil an Tighearna orrasan don eagal e, orrasan a chuireas an dòchas na thròcair, |
19. A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta. |
20. Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. |
21. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. |
22. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad. |
Gnàth-fhacal 11:27-27 |
27. Esan a dh’iarras math gu dùrachdach, gheibh e deagh-ghean; ach an tì a dh’iarras olc, thig e air fhèin. |
Marcus 13:1-20 |
1. Agus nuair a bha e a’ dol a‑mach as an teampall, thubhairt neach de a dheisciobail ris, A Mhaighistir, feuch ciod a’ ghnè chlach, agus ciod a’ ghnè aitreibh seo! |
2. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile. |
3. Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann-ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth, |
4. Innis dhuinne cuin a bhios na nithean sin, agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean sin gu lèir air an coileanadh? |
5. Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh: |
6. Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran. |
7. Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast. |
8. Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean. |
9. Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan. |
10. Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich. |
11. Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh. |
12. Agus bheir am bràthair a bhràthair thairis a‑chum bàis, agus an t‑athair a mhac: agus èiridh a’ chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near an cur gu bàs. |
13. Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme-sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar. |
14. Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann: |
15. Agus na tigeadh esan a tha air mullach an taighe a‑nuas don taigh, agus na rachadh e a‑steach a thoirt nì air bith as a thaigh: |
16. Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis. |
17. Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin! |
18. Agus guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh. |
19. Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios. |
20. Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud. |