Àireamh 19:1-22 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, |
2. Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, iad a thoirt ad ionnsaigh agh ruadh gun ghaoid, air nach eil smal, agus nach robh riamh fo chuing. |
3. Agus bheir sibh i a dh’ionnsaigh Eleàsair an sagart; agus bheirear i an taobh a‑muigh den champ, agus marbhar i na fhianais. |
4. Agus gabhaidh Eleàsar an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus crathaidh e cuid de a fuil dìreach fa chomhair pàillean a’ choitheanail seachd uairean. |
5. Agus loisgidh neach an t‑agh na shealladh; a seiche, agus a feòil, agus a fuil, maille ra h‑aolach, loisgidh e. |
6. Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus sgàrlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgadh an aighe. |
7. An sin nighidh an sagart a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus an dèidh sin thig e a‑steach don champ, agus bidh an sagart neòghlan gu feasgar. |
8. Agus nighidh esan a loisg i a aodach ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. |
9. Agus cruinnichidh duine a tha glan luath an aighe, agus taisgidh e i an taobh a‑muigh den champ ann an àite glan; agus gleidhear i airson coitheanal chloinn Israeil, mar uisge-dealachaidh: is glanadh airson peacaidh i. |
10. Agus nighidh esan a thionaileas luath an aighe a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar: agus bidh e do chloinn Israeil, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg, na reachd sìorraidh. |
11. Esan a bheanas ri corp duine mhairbh sam bith, bidh e neòghlan seachd làithean. |
12. Glanaidh e e fhèin leis air an treas là, agus air an t‑seachdamh là bidh e glan: ach mura glan e e fhèin air an treas là, an sin air an t‑seachdamh là cha bhi e glan. |
13. Ge bè neach a bheanas ri corp duine sam bith a tha marbh, agus nach glan e fhèin, tha e a’ truailleadh pàillean an Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o Israel: a chionn nach do chrathadh an t‑uisge-dealachaidh air, bidh e neòghlan; tha a neòghlaine fhathast air. |
14. Is e seo an lagh, nuair a bhàsaicheas duine ann am bùth: Gach neach a thig a‑steach don bhùth, agus gach neach a tha anns a’ bhùth, bidh iad neòghlan seachd làithean. |
15. Agus gach soitheach fosgailte aig nach eil còmhdach ceangailte air, tha e neòghlan. |
16. Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean. |
17. Agus airson an duine neòghlain gabhaidh iad de luaith an aighe, a loisgeadh airson glanadh peacaidh, agus cuiridh iad uisge-ruith oirre ann an soitheach. |
18. Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e anns an uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichean uile, agus air a’ mhuinntir a bha an sin, agus airsan a bhean ri cnàimh, no ri neach a mharbhadh, no ri aon marbh, no ri uaigh: |
19. Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar. |
20. Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge-dealachaidh air; tha e neòghlan. |
21. Agus bidh e na reachd sìorraidh dhaibh, gun nigh esan a chrathas an t‑uisge-dealachaidh a aodach, agus bidh esan a bheanas ris an uisge-dhealachaidh neòghlan gu feasgar. |
22. Agus ge bè nì ris am bean an duine neòghlan, bidh e neòghlan: agus an t‑anam a bheanas ris, bidh e neòghlan gu feasgar. |
Àireamh 20:1-29 |
1. An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i. |
2. Agus cha robh uisge ann don choitheanal: agus chruinnich iad iad fhèin an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin. |
3. Agus throid an sluagh ri Maois, agus labhair iad, ag ràdh, B’fheàrr gum bitheamaid air faghail bàis nuair a bhàsaich ar bràithrean an làthair an Tighearna! |
4. Agus carson a thug sibh a‑nìos co‑chruinneachadh an Tighearna don fhàsach seo, gu bàs fhaghail an sin, sinn fhèin agus ar sprèidh? |
5. Agus carson a thug sibh oirnne teachd a‑nìos as an Eiphit, gar toirt a‑steach don droch àite seo? Chan àite sìl e, no fhìgis, no chrann-fìona, no phomgranatan; cha mhò a tha uisge ann ra òl. |
6. Agus chaidh Maois agus Aaron o làthair a’ cho-chruinneachaidh gu doras pàillean a’ choitheanail, agus thuit iad air an aghaidh; agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna dhaibh. |
7. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
8. Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh. |
9. Agus gabh Maois an t‑slat o làthair an Tighearna, mar a dh’àithn e dha. |
10. Agus chruinnich Maois agus Aaron an co‑chruinneachadh an ceann a chèile fa chomhair na carraige, agus thubhairt e riu, Eisdibh a‑nis, a luchd-ceannairc; as a’ charraig seo am feum sinne uisge a thoirt dhuibh? |
11. Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh. |
12. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh. |
13. Is e seo uisge Mheribah, a chionn gun do rinn clann Israeil strì ris an Tighearna, agus naomhaicheadh e annta. |
14. Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne; |
15. Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean. |
16. Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch. |
17. Leig leinn, guidheam ort, dol tro do dhùthaich: cha tèid sinn tro achadh sam bith, no tro fhìonlios, cha mhò a dh’òlas sinn uisge nan tobar; imichidh sinn air rathad mòr an rìgh, cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an tèid sinn seach do chrìochan. |
18. Agus thubhairt Edom ris, Cha tèid thu seachad orm, air eagal leis a’ chlaidheamh gun tig mi a‑mach ad aghaidh. |
19. Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois. |
20. Agus thubhairt e, Cha tèid thu troimhe. Agus thàinig Edom a‑mach na aghaidh le mòr-shluagh, agus le làimh thrèin. |
21. Mar seo dhiùlt Edom do Israel comas dol tro a chrìch: uime sin thionndaidh Israel uaithe. |
22. Agus ghabh clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, an turas o Chadeis, agus thàinig iad gu sliabh Hor. |
23. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an sliabh Hor, làimh ri crìch fearann Edoim, ag ràdh, |
24. Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail-sa aig uisge Mheribah. |
25. Gabh Aaron agus Eleàsar a mhac, agus thoir suas iad gu sliabh Hor: |
26. Agus buin a aodach de Aaron, agus cuir air a mhac Eleàsar e: agus cruinnichear Aaron a‑chum a mhuinntir, agus gheibh e bàs an sin. |
27. Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna: agus chaidh iad suas gu sliabh Hor, ann an sealladh a’ cho-chruinneachaidh uile. |
28. Agus bhuin Maois a aodach de Aaron, agus chuir e air Eleàsar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs an sin air mullach an t‑slèibh: agus thàinig Maois agus Eleàsar a‑nuas on t‑sliabh. |
29. Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile. |
Salm 33:1-9 |
1. Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna, sibhse a fhìreanan; do na h‑ionraic tha cliù ciatach. |
2. Molaibh an Tighearna air clàrsaich; air an t‑saltair, inneal-ciùil nan deich teud, seinnibh dha. |
3. Canaibh dha òran nuadh; seinnibh fonn gu h‑ealanta, le fuaim àrd. |
4. Oir tha facal an Tighearna ceart, agus tha a obraichean uile dèante ann am fìrinn. |
5. Is ionmhainn leis ceartas agus breitheanas; de mhaitheas an Tighearna tha an talamh làn. |
6. Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile. |
7. Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh. |
8. Ron Tighearna biodh eagal air an talamh uile; roimhesan biodh fiamh air luchd-àiteachaidh an domhain; |
9. Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e. |
Gnàth-fhacal 11:22-24 |
22. Mar fhàinne òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse. |
23. Tha miann nam fìrean a‑mhàin math; ach is e dòchas nan aingidh fearg. |
24. Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn. |
Marcus 12:1-27 |
1. Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich. |
2. Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath. |
3. Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e. |
4. Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas-urram. |
5. Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile. |
6. Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac. |
7. Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin. |
8. Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e. |
9. Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. |
10. Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith. |
11. Rinneadh seo leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean-ne. |
12. Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa. |
13. Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd-leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt. |
14. Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i? |
15. Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i. |
16. Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. |
17. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris. |
18. An sin thàinig na Sadusaich da ionnsaigh, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann; agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, |
19. A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair. |
20. A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd. |
21. Agus ghabh an dara fear i, agus fhuair esan bàs, agus cha mhò a dh’fhàg esan sliochd: agus an treas fear mar an ceudna. |
22. Agus ghabh an t‑seachdnar i, agus cha d’fhàg iad sliochd: nan dèidh uile, chaochail a’ bhean mar an ceudna. |
23. Anns an aiseirigh uime sin, nuair a dh’èireas iad, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi. |
24. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè? |
25. Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh. |
26. Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? |
27. Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr. |