Àireamh 17:1-13 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus gabh slat o gach aon aca, a rèir taighean an athraichean on ceannardan uile, a rèir taighean an athraichean, dà‑shlait-dheug: sgrìobh ainm gach duine air a shlait fhèin. |
3. Agus sgrìobhaidh tu ainm Aaroin air slait Lèbhi: oir bidh aon slat airson ceann taighean an athraichean. |
4. Agus cuiridh tu suas iad ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair na Fianais, far an coinnich mise thu. |
5. Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh-se. |
6. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil agus thug gach aon den ceannardan dha slat am fear, aon airson gach ceannaird, a rèir taighean an athraichean, eadhon dà‑shlait-dheug: agus bha slat Aaroin am measg an slat. |
7. Agus chuir Maois suas na slatan an làthair an Tighearna, ann am pàillean na Fianais. |
8. Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean. |
9. Agus thug Maois a‑mach na slatan uile o làthair an Tighearna gu cloinn Israeil uile; agus dh’amhairc iad orra, agus ghabh gach duine a shlat fhèin. |
10. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad. |
11. Agus rinn Maois mar sin: mar a dh’àithn an Tighearna dha, mar sin rinn e. |
12. Agus labhair clann Israeil ri Maois, ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ bàsachadh, thèid as dhuinn, thèid as dhuinn uile. |
13. Ge bè air bith a thig am fagas do phàillean an Tighearna, gheibh e bàs; an claoidhear sinn le bàsachadh? |
Àireamh 18:1-32 |
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus taigh d’athar maille riut, euceart an ionaid naoimh; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut euceart ur sagartachd. |
2. Agus do bhràithrean mar an ceudna de threubh Lèbhi, treubh d’athar, bheir thu leat maille riut, a‑chum is gun ceanglar riut iad, agus gum fritheil iad dhut: ach frithealaidh tusa agus do mhic maille riut air beulaibh pàillean na Fianais. |
3. Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus cùram a’ phàillein uile: a‑mhàin cha tig iad am fagas do shoithichean an ionaid naoimh agus don altair, a‑chum is nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs. |
4. Agus ceanglar riut iad, agus gleidhidh iad cùram pàillean a’ choitheanail, airson uile sheirbhis a’ phàillein: agus cha tig coigreach am fagas dhuibh. |
5. Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil. |
6. Agus mise, feuch, thug mi ur bràithrean na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil: dhuibhse thugadh iad mar thabhartas don Tighearna, a dhèanamh seirbhis pàillean a choitheanail. |
7. Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs. |
8. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Feuch, thug mi dhut mar an ceudna cùram mo thabhartas-togte, de uile nithean coisrigte chloinn Israeil; dhutsa thug mi iad, airson an ungaidh, agus dod mhic le reachd sìorraidh. |
9. Bidh seo leatsa de na nithean ro‑naomha, a ghleidheadh on teine: gach tabhartas leòsan, gach tabhartas-bìdh leo, agus gach ìobairt-pheacaidh leo, agus gach ìobairt-easaontais leo, a bheir iad dhòmhsa, bidh e ro‑naomh dhutsa, agus dod mhic. |
10. Anns an ionad ro‑naomh ithidh tu e, ithidh gach fireannach e: bidh e naomh dhutsa. |
11. Agus is leat seo; tabhartas-togte an tabhartais, maille ri uile thabhartasan-luaisgte chloinn Israeil: thug mi dhutsa iad, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: gach neach a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth. |
12. A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut. |
13. Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth. |
14. Gach nì a choisrigear ann an Israeil, bidh e leatsa. |
15. Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad-ghin duine, agus ciad-ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu. |
16. Agus iadsan a dh’fhuasglar, o mhìos a dh’aois fuasglaidh tu iad, a rèir do mheas, airson airgead chòig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: is e an secel fichead gerah. |
17. Ach ciad-ghin boin, no ciad-ghin caorach, no ciad-ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. |
18. Agus bidh am feòil leatsa, mar a bhios an t‑uchd luaisgte agus an slinnean deas leat. |
19. Uile thabhartasan-togte nan nithean naomha, a bheir clann Israeil seachad don Tighearna, thug mi dhutsa, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: is coicheangal salainn e gu bràth an làthair an Tighearna, dhutsa agus dod shliochd maille riut. |
20. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Nam fearann cha bhi oighreachd agad, cha mhò a bhios roinn agad nam measg: is mise do roinn-sa agus d’oighreachd am measg chloinn Israeil. |
21. Agus, feuch, do chloinn Lèbhi thug mi an deicheamh uile ann an Israel mar oighreachd, airson an seirbhis a nì iad, eadhon seirbhis pàillean a’ choitheanail. |
22. Agus chan fhaod clann Israeil o seo suas teachd am fagas do phàillean a’ choitheanail, air eagal gun giùlain iad peacadh, agus gum faigh iad bàs. |
23. Ach nì na Lèbhithich seirbhis pàillean a’ choitheanail, agus giùlainidh iad an cionta: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil. |
24. Ach deicheamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas-togte don Tighearna, thug mi do na Lèbhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca. |
25. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
26. Mar seo labhair ris na Lèbhithich, agus abair riu, Nuair a thogas sibh o chloinn Israeil an deicheamh a thug mise dhuibh uapa mar ur n‑oighreachd, an sin bheir sibh suas tabhartas-togte dheth don Tighearna, eadhon an deicheamh cuid den deicheamh. |
27. Agus measar an tabhartas-togte seo dhuibh, mar gum b’e arbhar an ùrlair-bhualaidh, agus mar làine amar-bruthaidh an fhìona. |
28. Mar seo mar an ceudna bheir sibh seachad tabhartas-togte don Tighearna, de ur n‑uile dheicheamh a thogas sibh o chloinn Israeil; agus bheir sibh dheth tabhartas-togte an Tighearna do Aaron an sagart. |
29. As ur n‑uile thìodhlacan, bheir sibh seachad uile thabhartas-togte an Tighearna den chuid as fheàrr dheth uile, eadhon a’ chuid sin dheth a tha coisrigte. |
30. Uime sin their thu riu, Nuair a thogas sibh suas uaithe a’ chuid as fheàrr dheth, an sin measar e do na Lèbhithich mar thoradh an ùrlair-bhualaidh, agus mar thoradh amar-bruthaidh an fhìona. |
31. Agus ithidh sibh e anns gach àite, sibh fhèin agus ur teaghlaichean: oir is e ur duais airson ur seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail. |
32. Agus cha ghiùlain sibh peacadh sam bith air a shon, nuair a thogas sibh suas as a’ chuid as fheàrr dheth: cha mhò a thruailleas sibh nithean naomha chloinn Israeil, air eagal gum faigh sibh bàs. |
Salm 32:6-11 |
6. Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha. |
7. Tha thusa ad ionad-falaich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le òrain shaorsa cuartaichidh tu mi. Selah. |
8. Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil. |
9. Na bi mar each no mar mhuileid aig nach eil ciall, don cuirear sparrag agus srian nam beul, a‑chum nach tig iad am fagas dhut. |
10. Is lìonmhor doilgheasan don aingidh, ach cuartaichidh tròcair esan a dh’earbas as an Tighearna. |
11. Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe. |
Gnàth-fhacal 11:19-21 |
19. Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e. |
20. Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe. |
21. Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean. |
Marcus 11:20-33 |
20. Agus anns a’ mhadainn, a’ gabhail seachad dhaibh, chunnaic iad an crann-fìge air crìonadh o a fhreumhan. |
21. Agus air cuimhneachadh do Pheadar, thubhairt e ris, A Mhaighistir, feuch, tha a’ chraobh-fhìge, a mhallaich thu, air crìonadh. |
22. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh. |
23. Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha. |
24. Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad. |
25. Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse. |
26. Ach mura maith sibhse, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse. |
27. Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd anns an teampall, thàinig da ionnsaigh na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean, |
28. Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh? |
29. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus freagraibh mi, agus innsidh mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. |
30. An ann o nèamh no o dhaoine a thàinig baisteadh Eòin? Freagraibh mi. |
31. Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh; their esan rinn, Carson mas eadh nach do chreid sibh e? |
32. Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach. |
33. Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. |