Ecsodus 29:1-46 |
1. Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid, |
2. Agus aran neo-ghortaichte, agus breacagan neo-ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo-ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad. |
3. Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasgaid, agus bheir thu iad leat anns a’ bhasgaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe. |
4. Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge. |
5. Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid. |
6. Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-shagairt. |
7. Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e. |
8. Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra. |
9. Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic. |
10. Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh. |
11. Agus marbhaidh tu an tarbh an làthair an Tighearna, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail. |
12. Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach. |
13. Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair. |
14. Ach feòil an tairbh agus a sheiche, agus a aolach loisgidh tu le teine an taobh a‑muigh den champ: is tabhartas-peacaidh e. |
15. Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. |
16. Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair. |
17. Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann. |
18. Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna. |
19. Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. |
20. An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt. |
21. Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris. |
22. Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e. |
23. Agus aon bhuileann arain, agus aon bhreacag arain le ola, agus aon ghearrag à basgaid an arain neo-ghortaichte a tha an làthair an Tighearna. |
24. Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna. |
25. Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna. |
26. Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann. |
27. Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte agus slinnean an tabhartais-thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic. |
28. Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna. |
29. Agus is le mic Aaroin a èideadh naomh-san na dhèidh gu bhith air an ungadh ann, agus gu bhith air an coisrigeadh ann. |
30. Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh. |
31. Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh. |
32. Agus ithidh Aaron agus a mhic feòil an reithe, agus an t‑aran a tha anns a’ bhasgaid, aig doras pàillean a’ choitheanail. |
33. Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh. |
34. Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh. |
35. Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad. |
36. Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh. |
37. Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e. |
38. Agus seo an nì a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là an còmhnaidh. |
39. Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar. |
40. Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe. |
41. Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna. |
42. Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin. |
43. Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir. |
44. Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt. |
45. Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca. |
46. Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia. |
Ecsodus 30:1-38 |
1. Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i: |
2. Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna. |
3. Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt. |
4. Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo. |
5. Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr. |
6. Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu. |
7. Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre. |
8. Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean. |
9. Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas-bìdh; cha mhò a dhòirteas sibh tabhartas-dibhe oirre. |
10. Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna. |
11. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
12. Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad. |
13. Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna. |
14. Bheir gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna. |
15. Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman. |
16. Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman. |
17. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
18. Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann. |
19. Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic an làmhan agus an casan as. |
20. Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna. |
21. Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean. |
22. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
23. Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel. |
24. Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn-ola. |
25. Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh. |
26. Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais, |
27. Agus am bòrd agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise, |
28. Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas. |
29. Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh. |
30. Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. |
31. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean. |
32. Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh. |
33. Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e. |
34. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas. |
35. Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh. |
36. Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh. |
37. Agus am boltrachan a nì thu, cha dèan sibh a leithid dhuibh fhèin, a rèir a mheasgaidh: bidh e dhutsa naomh don Tighearna. |
38. Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e. |
Salm 20:6-9 |
6. A‑nis tha fhios agam gun saor an Tighearna a aon ungte fhèin; èisdidh e ris o nèamhan a naomhachd, le neart-saoraidh a dheaslàimh. |
7. Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia. |
8. Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn. |
9. Saor an rìgh, a Thighearna, agus èisd rinn anns an là anns an gairm sinn. |
Gnàth-fhacal 6:6-23 |
6. Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic: |
7. Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh, |
8. A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh. |
9. Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal? |
10. Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal. |
11. An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm. |
12. Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda. |
13. Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir. |
14. Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit: |
15. Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas. |
16. Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam: |
17. Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach; |
18. Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc; |
19. Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean. |
20. A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar: |
21. Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal. |
22. Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut. |
23. Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg; |
Mata 25:1-30 |
1. An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda. |
2. Agus bha còignear dhiubh glic, agus còignear amaideach. |
3. Thug iadsan a bha amaideach an lòchrain leo, ach cha tug iad ola leo. |
4. Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain. |
5. Agus air dèanamh moille don fhear nuadh-phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain. |
6. Ach anns a’ mheadhon-oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh-pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh. |
7. An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain. |
8. Agus thubhairt na h‑òighean amaideach riùsan a bha glic, Thoiribh dhuinne cuid de ur n‑ola: oir tha ar lòchrain a’ dol as. |
9. Ach fhreagair iadsan a bha glic, ag ràdh, Air eagal nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin agus dhuibhse, gum b’fheàrr leibh dol a‑chum an luchd-reic; agus ceannaichibh dhuibh fhèin. |
10. Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras. |
11. Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne. |
12. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh. |
13. Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine. |
14. Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich, a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin: |
15. Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras. |
16. Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile. |
17. Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile. |
18. Ach an tì a fhuair a h‑aon, dh’imich e agus chladhaich e anns an talamh, agus dh’fhalaich e airgead a mhaighistir. |
19. An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu. |
20. Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan, agus thug e leis còig tàlannan eile, ag ràdh, A thighearna, thug thu dhòmhsa còig tàlannan: feuch, bhuannaich mi còig tàlannan eile a thuilleadh orra. |
21. Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. |
22. Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra. |
23. Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. |
24. Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu; |
25. Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin. |
26. Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininn-sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi; |
27. Bu chòir dhut, uime sin, m’airgead a thabhairt don luchd-malairt agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fhèin maille ra riadh. |
28. Buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan. |
29. (Oir do gach neach aig a bheil, bheirear, agus bidh aige gu pailt: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.) |
30. Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. |