A A A A A
Bible in one year
February 9

Ecsodus 29:1-46
1. Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid,
2. Agus aran neo-ghortaichte, agus breacagan neo-ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo-ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad.
3. Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasgaid, agus bheir thu iad leat anns a’ bhasgaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe.
4. Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.
5. Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid.
6. Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-shagairt.
7. Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e.
8. Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra.
9. Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.
10. Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh.
11. Agus marbhaidh tu an tarbh an làthair an Tighearna, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail.
12. Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach.
13. Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.
14. Ach feòil an tairbh agus a sheiche, agus a aolach loisgidh tu le teine an taobh a‑muigh den champ: is tabhartas-peacaidh e.
15. Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
16. Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair.
17. Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann.
18. Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
19. Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
20. An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt.
21. Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris.
22. Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.
23. Agus aon bhuileann arain, agus aon bhreacag arain le ola, agus aon ghearrag à basgaid an arain neo-ghortaichte a tha an làthair an Tighearna.
24. Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.
25. Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.
26. Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann.
27. Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte agus slinnean an tabhartais-thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic.
28. Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna.
29. Agus is le mic Aaroin a èideadh naomh-san na dhèidh gu bhith air an ungadh ann, agus gu bhith air an coisrigeadh ann.
30. Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh.
31. Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh.
32. Agus ithidh Aaron agus a mhic feòil an reithe, agus an t‑aran a tha anns a’ bhasgaid, aig doras pàillean a’ choitheanail.
33. Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh.
34. Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.
35. Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad.
36. Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.
37. Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.
38. Agus seo an nì a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là an còmhnaidh.
39. Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar.
40. Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe.
41. Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
42. Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.
43. Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.
44. Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.
45. Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca.
46. Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia.

Ecsodus 30:1-38
1. Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:
2. Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna.
3. Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt.
4. Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
5. Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr.
6. Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.
7. Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre.
8. Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean.
9. Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas-bìdh; cha mhò a dhòirteas sibh tabhartas-dibhe oirre.
10. Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.
11. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
12. Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.
13. Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.
14. Bheir gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna.
15. Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.
16. Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.
17. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
18. Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.
19. Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic an làmhan agus an casan as.
20. Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.
21. Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.
22. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
23. Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.
24. Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn-ola.
25. Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh.
26. Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais,
27. Agus am bòrd agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise,
28. Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.
29. Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh.
30. Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
31. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean.
32. Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh.
33. Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.
34. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.
35. Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.
36. Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.
37. Agus am boltrachan a nì thu, cha dèan sibh a leithid dhuibh fhèin, a rèir a mheasgaidh: bidh e dhutsa naomh don Tighearna.
38. Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e.

Salm 20:6-9
6. A‑nis tha fhios agam gun saor an Tighearna a aon ungte fhèin; èisdidh e ris o nèamhan a naomhachd, le neart-saoraidh a dheaslàimh.
7. Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.
8. Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn.
9. Saor an rìgh, a Thighearna, agus èisd rinn anns an là anns an gairm sinn.

Gnàth-fhacal 6:6-23
6. Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic:
7. Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh,
8. A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh.
9. Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
10. Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal.
11. An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
12. Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda.
13. Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.
14. Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit:
15. Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas.
16. Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
17. Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;
18. Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc;
19. Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.
20. A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:
21. Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22. Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23. Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;

Mata 25:1-30
1. An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda.
2. Agus bha còignear dhiubh glic, agus còignear amaideach.
3. Thug iadsan a bha amaideach an lòchrain leo, ach cha tug iad ola leo.
4. Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain.
5. Agus air dèanamh moille don fhear nuadh-phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain.
6. Ach anns a’ mheadhon-oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh-pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh.
7. An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain.
8. Agus thubhairt na h‑òighean amaideach riùsan a bha glic, Thoiribh dhuinne cuid de ur n‑ola: oir tha ar lòchrain a’ dol as.
9. Ach fhreagair iadsan a bha glic, ag ràdh, Air eagal nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin agus dhuibhse, gum b’fheàrr leibh dol a‑chum an luchd-reic; agus ceannaichibh dhuibh fhèin.
10. Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras.
11. Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne.
12. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh.
13. Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.
14. Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich, a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin:
15. Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras.
16. Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.
17. Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile.
18. Ach an tì a fhuair a h‑aon, dh’imich e agus chladhaich e anns an talamh, agus dh’fhalaich e airgead a mhaighistir.
19. An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu.
20. Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan, agus thug e leis còig tàlannan eile, ag ràdh, A thighearna, thug thu dhòmhsa còig tàlannan: feuch, bhuannaich mi còig tàlannan eile a thuilleadh orra.
21. Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
22. Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra.
23. Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
24. Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu;
25. Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin.
26. Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininn-sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi;
27. Bu chòir dhut, uime sin, m’airgead a thabhairt don luchd-malairt agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fhèin maille ra riadh.
28. Buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan.
29. (Oir do gach neach aig a bheil, bheirear, agus bidh aige gu pailt: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.)
30. Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.