A A A A A
Bible in one year
February 8

Ecsodus 27:1-21
1. Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud; bidh an altair ceithir-cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan-coille.
2. Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.
3. Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.
4. Agus nì thu dhi cliath de lìon-obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean.
5. Agus cuiridh tu e fo chuairt na h‑altarach gu h‑ìosal, agus bidh an lìon gu ruig meadhon na h‑altarach.
6. Agus nì thu bataichean don altair, bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le umha.
7. Agus cuirear na bataichean anns na failbheagan, agus bidh na bataichean air dà thaobh na h‑altarach ga giùlan.
8. Fàs le bùird nì thu i; mar a nochdadh dhut anns an t‑sliabh, mar sin nìthear i.
9. Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh-choille am fad, air aon taobh.
10. Agus bidh a fichead post, agus am fichead bonn, de umha: bidh cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.
11. Agus mar an ceudna air an taobh tuath air fad, bidh cùirteanan ceud làmh-choille air fad, agus a fichead post, agus am fichead bonn de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.
12. Agus air leud na cùirte air an taobh an iar, bidh cùirteanan de lethcheud làmh-choille: am puist deich, agus am buinn deich.
13. Agus bidh leud na cùirte air an taobh an ear, ris an àird an ear, lethcheud làmh-choille.
14. Agus bidh na cùirteanan air aon taobh còig làmhan-coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.
15. Agus air an taobh eile bidh a cùirteanan còig làmhan-coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.
16. Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.
17. Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha.
18. Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus a leud lethcheud làmh-choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan-coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha.
19. Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha.
20. Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.
21. Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Ecsodus 28:1-43
1. Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.
2. Agus nì thu èideadh naomh dod bhràthair Aaron, airson glòire, agus airson maise.
3. Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
4. Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
5. Agus gabhaidh iad òr, agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn.
6. Agus nì iad an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, le obair ealanta.
7. Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.
8. Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.
9. Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.
10. Sia den ainmean air aon chloich, agus sia ainmean chàich air a’ chloich eile, a rèir an sinead.
11. Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.
12. Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan.
13. Agus nì thu failean òir;
14. Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean.
15. Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.
16. Ceithir-cheàrnach bidh e, agus dà‑fhillte; rèis a fhad, agus rèis a leud.
17. Agus cuiridh tu ann suidheachadh chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal; seo a’ chiad sreath.
18. Agus an dara sreath; emerald, saphir, agus daoimean.
19. Agus an treas sreath; ligur, agat, agus ametist.
20. Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.
21. Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.
22. Agus nì thu air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn de obair fhighte, de òr fìorghlan.
23. Agus nì thu air an uchd-èideadh dà fhàinne òir, agus cuiridh tu an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.
24. Agus cuiridh tu an dà shlabhraidh fhighte òir anns an dà fhàinne a tha air cinn an uchd-èididh.
25. Agus dà cheann eile an dà shlabhraidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìrean-guailne na h‑èphoid air a beulaibh.
26. Agus nì thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann an uchd-èididh anns an oir sin dheth, a tha aig taobh na h‑èphoid a‑staigh.
27. Agus nì thu dà fhàinne eile de òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h‑èphoid foidhpe, làimh ra cuid-thoisich, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.
28. Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.
29. Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.
30. Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.
31. Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.
32. Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich-mhàillich, a‑chum is nach reubar i.
33. Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.
34. Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt.
35. Agus bidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh an làthair an Tighearna, agus nuair a thig e a‑mach, a‑chum nach bàsaich e.
36. Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.
37. Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, agus bidh i air a’ chrùn-shagairt: air taobh-beòil a’ chrùin-shagairt bidh i.
38. Agus bidh i air clàr-aodainn Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithean naomha, a choisrigeas clann Israeil nan tìodhlacan naomha uile: agus bidh i air clàr a aodainn an còmhnaidh, a‑chum is gum bi iad taitneach an làthair an Tighearna.
39. Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn-sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide.
40. Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise.
41. Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
42. Agus nì thu dhaibh briogaisean anairt a dh’fhalach an nochd: on leasraidh eadhon gus na slèisdean ruigidh iad.
43. Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

Salm 20:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Gun èisdeadh an Tighearna riut ann an là teanntachd! Gun cumadh ainm Dia Iàcoib suas thu!
2. Gun cuireadh e cobhair thugad as a ionad naomh, agus à Sion gun neartaicheadh e thu!
3. Gun cuimhnicheadh e do thabhartasan uile, agus gun gabhadh e gu taitneach uat d’ìobairt-loisgte! Selah.
4. Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!
5. Nì sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dè‑ne togaidh sinn suas ar bratach. Gun coileanadh Dia d’iarrtasan uile!

Gnàth-fhacal 7:1-5
1. A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut.
2. Glèidh m’àitheantan, agus bi beò; agus mo lagh mar dhubhagan do shùl.
3. Ceangail iad air do mheòir; sgrìobh iad air clàr do chridhe.
4. Abair ri gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhanacharaid de thuigse:
5. A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan-choigrich a nì miodal le a briathran.

Mata 24:29-51
29. Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
30. Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
31. Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile.
32. Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann-fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh:
33. Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.
34. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tèid an ginealach seo fhèin thairis gus an tachair na nithean seo uile.
35. Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.
36. Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair-sa a‑mhàin.
37. Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
38. Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc,
39. Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
40. An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile.
41. Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile.
42. Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.
43. Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.
44. Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.
45. Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?
46. Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin.
47. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan.
48. Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd;
49. Agus ma thòisicheas e air a cho-sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd-misge:
50. Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha.
51. Agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na cealgairean: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.