Instagram
English
A A A A A
Ecsodus 23:1-33
1. Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir.
2. Cha lean thu a’ mhòr-chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh.
3. Agus ri duine bochd cha bhi thu bàidheil na chùis.
4. Ma thachras tu air damh do nàmhaid, no a asal, a’ dol air seachran, bheir thu gu cinnteach air ais e da ionnsaigh.
5. Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe.
6. Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis.
7. O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh.
8. Agus tìodhlac cha ghabh thu; oir dallaidh tìodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathran nan daoine ionraic.
9. Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.
10. Agus sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh.
11. Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios-ola.
12. Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.
13. Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.
14. Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.
15. Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:
16. Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.
17. Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia.
18. Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.
19. Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.
20. Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi.
21. Bi faiceallach na làthair, agus èisd ra ghuth; na cuir na aghaidh: oir cha lagh e ur cionta; oir tha m’ainm annsan.
22. Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu:
23. Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.
24. Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.
25. Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg.
26. Cha tilg nì sam bith a àl, cha mhò a bhios e seasg ad thìr: àireamh do làithean coileanaidh mise.
27. Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.
28. Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair.
29. Cha tilg mi a‑mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, air eagal gum bi am fearann air fhàsachadh, agus gum fàs fiadh-bheathaichean na machrach lìonmhor ad aghaidh.
30. A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann.
31. Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.
32. Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith.
33. Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Ecsodus 24:1-18
1. Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.
2. Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris.
3. Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.
4. Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.
5. Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.
6. Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.
7. Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.
8. Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.
9. Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.
10. Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse.
11. Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad.
12. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.
13. Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.
14. Agus thubhairt e ris na seanairean, Fanaibh-se rinn an seo, gus an till sinn dur n‑ionnsaigh. Agus, feuch, tha Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis sam bith, thigeadh e dan ionnsaigh-san.
15. Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh.
16. Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil.
17. Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.
18. Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Salm 19:1-6
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh.
2. Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche.
3. Chan eil cainnt, chan eil briathran, anns nach cluinnear an guth.
4. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a‑mach, agus am facail gu iomall an domhain.
5. Don ghrèin chuir e pàillean annta, agus tha i mar nuadh fhear-pòsda a’ teachd a‑mach as a sheòmar; nì i gàirdeachas mar ghaisgeach a’ ruith na rèise.
6. Tha a dol a‑mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig na crìochan, agus chan eil nì air bith a dh’fhalaichear o a teas.

Gnàth-fhacal 6:30-31
30. Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach:
31. Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.

Mata 23:23-39
23. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.
24. A chinn-iùil dhalla, a shìolaidheas a’ mheanbh-chuileag, agus a shluigeas an càmhal.
25. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir glanaidh sibh an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis, ach tha iad an taobh a‑staigh làn reubainn agus eucoir.
26. Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna.
27. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar.
28. Mar an ceudna, tha sibhse an leth a‑muigh am fianais dhaoine ann an coslas fhìreanan, ach anns an taobh a‑staigh làn ceilg agus easaontais.
29. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus a’ dèanamh leacan-laighe nam fìrean maiseach.
30. Agus ag ràdh, Nam bitheamaid ann an làithean ar n‑athraichean, cha bhitheamaid compàirteach riu ann am fuil nam fàidhean.
31. Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na muinntir a mharbh na fàidhean.
32. Mar sin lìonaibh-se suas tomhas ur n‑athraichean.
33. A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn?
34. Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur-leanmhainn orra o bhaile gu baile:
35. A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.
36. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun tig na nithean seo uile air a’ ghinealach seo.
37. A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!
38. Feuch, fàgar ur taigh agaibh na fhàsach.
39. Oir tha mise ag ràdh ribh nach faic sibh mise o seo suas, gus an abair sibh, Is beannaichte an Tì a thig ann an ainm an Tighearna.