Ecsodus 21:1-36 |
1. A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa. |
2. Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh. |
3. Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris. |
4. Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin. |
5. Ach ma their an t‑òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighistir, mo bhean, agus mo chlann, cha tèid mi a‑mach saor: |
6. An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth. |
7. Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich. |
8. Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe. |
9. Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe. |
10. Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe-pòsaidh, cha lùghdaich e. |
11. Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead. |
12. Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. |
13. Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e. |
14. Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e. |
15. Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. |
16. Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. |
17. Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. |
18. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail duine a choimhearsnach le cloich, no le a dhòrn, agus nach faigh e bàs, ach gun gabh e a leabaidh: |
19. Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan. |
20. Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn: |
21. Ach ma mhaireas e beò là, no dà là, cha dìolar air; oir is e a airgead e. |
22. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan. |
23. Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu anam airson anama, |
24. Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise, |
25. Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille. |
26. Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla. |
27. Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla. |
28. Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach. |
29. Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs. |
30. Ma chuirear airgead-rèitich air, an sin bheir e mar èirig a anama ge bè nì a chuirear air. |
31. Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris. |
32. Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich-secel-ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh. |
33. Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann: |
34. Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh. |
35. Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh. |
36. No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh. |
Ecsodus 22:1-29 |
1. Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach. |
2. Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon: |
3. Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd. |
4. Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e. |
5. Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh. |
6. Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh. |
7. Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e. |
8. Mura faighear an gadaiche, an sin thèid maighistir an taighe a dh’ionnsaigh nam britheamh, a dh’fheuchainn co aca a shìn e a‑mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich. |
9. Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach. |
10. Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn; |
11. An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh. |
12. Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair. |
13. Ma reubadh as a chèile e, thugadh e leis mar fhianais e; airson an nì sin a chaidh a reubadh, cha dìol e. |
14. Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e. |
15. Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail. |
16. Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi. |
17. Ma dhiùltas a h‑athair gu tur a tabhairt dha, dìolaidh e airgead a rèir tochradh nam maighdeann. |
18. Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò. |
19. Ge bè neach a laigheas le ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e. |
20. Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e. |
21. Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Eiphit. |
22. Ri bantraich sam bith, no dìlleachdan, cha bhuin sibh gu cruaidh. |
23. Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh; |
24. Agus lasaidh mo chorraich suas, agus marbhaidh mi sibh leis a’ chlaidheamh; agus bidh ur mnathan nam bantraichean, agus ur clann nan dìlleachdain. |
25. Ma bheir thu airgead an coingheall do neach air bith dem shluagh-sa a tha bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgead air riadh; cha chuir thu riadh air. |
26. Ma ghabhas tu idir aodach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na grèine bheir thu air ais dha e: |
27. Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach. |
28. Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu. |
29. Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa. |
Salm 18:45-50 |
45. Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean-daingeann. |
46. Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte! |
47. Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham; |
48. A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn-san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi. |
49. Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm. |
50. Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth. |
Gnàth-fhacal 6:26-29 |
26. Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor. |
27. An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh? |
28. An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh? |
29. Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe. |
Mata 23:1-22 |
1. An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin, |
2. Ag ràdh, Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe ann an cathair Mhaois: |
3. Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad. |
4. Oir ceanglaidh iad uallaichean troma agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran. |
5. Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr; |
6. Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan-suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail, |
7. Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh. |
8. Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile. |
9. Agus na goiribh ur n‑athair de dhuine sam bith air thalamh: oir is aon Athair a tha agaibh, a tha air nèamh. |
10. Cha mhò a ghoirear àrd-mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd. |
11. Ach an tì as mò nur measg, bidh e na òglach agaibh. |
12. Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e. |
13. Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann. |
14. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò. |
15. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin. |
16. Is an‑aoibhinn dhuibh, a chinn-iùil dhalla, a their, Ge bè duine a bheir mionnan air an teampall, cha nì air bith sin: ach ge bè a bheir mionnan air òr an teampaill, tha e ceangailte. |
17. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir? |
18. Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte. |
19. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic? |
20. Air an adhbhar sin, ge bè a mhionnaicheas air an altair, tha e a’ mionnachadh oirre fhèin, agus air gach nì a tha oirre. |
21. Agus ge bè a mhionnaicheas air an teampall, tha e a’ mionnachadh airsan, agus air an Tì a tha na chòmhnaidh ann. |
22. Agus ge bè neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a’ mionnachadh air rìgh-chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre. |