A A A A A
Bible in one year
February 5

Ecsodus 21:1-36
1. A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa.
2. Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh.
3. Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris.
4. Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin.
5. Ach ma their an t‑òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighistir, mo bhean, agus mo chlann, cha tèid mi a‑mach saor:
6. An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.
7. Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich.
8. Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe.
9. Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe.
10. Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe-pòsaidh, cha lùghdaich e.
11. Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead.
12. Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
13. Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.
14. Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e.
15. Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
16. Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
17. Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
18. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail duine a choimhearsnach le cloich, no le a dhòrn, agus nach faigh e bàs, ach gun gabh e a leabaidh:
19. Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.
20. Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn:
21. Ach ma mhaireas e beò là, no dà là, cha dìolar air; oir is e a airgead e.
22. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan.
23. Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu anam airson anama,
24. Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise,
25. Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille.
26. Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla.
27. Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla.
28. Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach.
29. Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs.
30. Ma chuirear airgead-rèitich air, an sin bheir e mar èirig a anama ge bè nì a chuirear air.
31. Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris.
32. Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich-secel-ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh.
33. Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann:
34. Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh.
35. Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh.
36. No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh.

Ecsodus 22:1-29
1. Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach.
2. Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon:
3. Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.
4. Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e.
5. Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh.
6. Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh.
7. Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e.
8. Mura faighear an gadaiche, an sin thèid maighistir an taighe a dh’ionnsaigh nam britheamh, a dh’fheuchainn co aca a shìn e a‑mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich.
9. Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach.
10. Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn;
11. An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh.
12. Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair.
13. Ma reubadh as a chèile e, thugadh e leis mar fhianais e; airson an nì sin a chaidh a reubadh, cha dìol e.
14. Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e.
15. Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail.
16. Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi.
17. Ma dhiùltas a h‑athair gu tur a tabhairt dha, dìolaidh e airgead a rèir tochradh nam maighdeann.
18. Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.
19. Ge bè neach a laigheas le ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
20. Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e.
21. Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Eiphit.
22. Ri bantraich sam bith, no dìlleachdan, cha bhuin sibh gu cruaidh.
23. Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;
24. Agus lasaidh mo chorraich suas, agus marbhaidh mi sibh leis a’ chlaidheamh; agus bidh ur mnathan nam bantraichean, agus ur clann nan dìlleachdain.
25. Ma bheir thu airgead an coingheall do neach air bith dem shluagh-sa a tha bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgead air riadh; cha chuir thu riadh air.
26. Ma ghabhas tu idir aodach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na grèine bheir thu air ais dha e:
27. Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.
28. Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.
29. Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Salm 18:45-50
45. Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean-daingeann.
46. Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!
47. Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham;
48. A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn-san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi.
49. Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm.
50. Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth.

Gnàth-fhacal 6:26-29
26. Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.
27. An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh?
28. An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh?
29. Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.

Mata 23:1-22
1. An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin,
2. Ag ràdh, Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe ann an cathair Mhaois:
3. Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad.
4. Oir ceanglaidh iad uallaichean troma agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran.
5. Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;
6. Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan-suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail,
7. Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh.
8. Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.
9. Agus na goiribh ur n‑athair de dhuine sam bith air thalamh: oir is aon Athair a tha agaibh, a tha air nèamh.
10. Cha mhò a ghoirear àrd-mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd.
11. Ach an tì as mò nur measg, bidh e na òglach agaibh.
12. Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
13. Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
14. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.
15. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin.
16. Is an‑aoibhinn dhuibh, a chinn-iùil dhalla, a their, Ge bè duine a bheir mionnan air an teampall, cha nì air bith sin: ach ge bè a bheir mionnan air òr an teampaill, tha e ceangailte.
17. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir?
18. Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte.
19. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic?
20. Air an adhbhar sin, ge bè a mhionnaicheas air an altair, tha e a’ mionnachadh oirre fhèin, agus air gach nì a tha oirre.
21. Agus ge bè a mhionnaicheas air an teampall, tha e a’ mionnachadh airsan, agus air an Tì a tha na chòmhnaidh ann.
22. Agus ge bè neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a’ mionnachadh air rìgh-chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre.