A A A A A
Bible in one year
February 4

Ecsodus 19:1-25
1. Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.
2. Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh.
3. Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:
4. Chunnaic sibh na rinn mi ris na h‑Eiphitich, agus cionnas a ghiùlain mi sibhse mar air sgiathan iolairean, agus a thug mi am ionnsaigh fhèin sibh.
5. A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.
6. Agus bidh sibh dhòmhsa nur rìoghachd shagart, agus nur cinneach naomh. Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn Israeil.
7. Agus thàinig Maois agus ghairm e air seanairean an t‑sluaigh, agus chuir e romhpa na briathran sin uile a dh’àithn an Tighearna dha:
8. Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.
9. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.
10. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.
11. Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.
12. Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
13. Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh.
14. Agus chaidh Maois sìos on t‑sliabh a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich e an sluagh, agus nigh iad an aodach.
15. Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na tigibh am fagas dur mnathan.
16. Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.
17. Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh.
18. Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.
19. Agus nuair a bha fuaim na trompaid a’ dol a‑mach, agus a’ fàs ro‑làidir, an sin labhair Maois, agus fhreagair Dia e le guth.
20. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.
21. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.
22. Agus mar an ceudna, na sagartan a thig am fagas don Tighearna, naomhaicheadh iad iad fhèin, air eagal gum bris an Tighearna a‑mach orra.
23. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Chan eil e an comas don t‑sluagh teachd a‑nìos do shliabh Shinài; oir thug thu àithne dhuinn, ag ràdh, Cuir crìochan mun t‑sliabh, agus naomhaich e.
24. Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra.
25. Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus labhair e riu.

Ecsodus 20:1-26
1. Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,
2. Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.
3. Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair-sa.
4. Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.
5. Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
6. Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan.
7. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.
8. Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.
9. Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile.
10. Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan:
11. Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.
12. Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.
13. Na dèan mortadh.
14. Na dèan adhaltranas.
15. Na dèan gadachd.
16. Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.
17. Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.
18. Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.
19. Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.
20. Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.
21. Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.
22. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chunnaic sibh gun do labhair mi ribh o nèamh.
23. Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.
24. Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.
25. Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.
26. Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre.

Salm 18:37-45
37. Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra, agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.
38. Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan.
39. Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha; leag thu sìos fodham iadsan a dh’èireas suas am aghaidh.
40. Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.
41. Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.
42. An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach fa chomhair na gaoithe; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad.
43. Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.
44. Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh.
45. Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean-daingeann.

Gnàth-fhacal 6:20-25
20. A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:
21. Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22. Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23. Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
24. A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich.
25. Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan.

Mata 22:23-46
23. Air an là sin fhèin thàinig da ionnsaigh na Sadusaich, a their nach eil aiseirigh ann, agus chuir iad ceist air.
24. Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean-san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair.
25. A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg-ne; agus air don chiad fhear dhiubh bean a phòsadh, fhuair e bàs, agus do bhrìgh nach robh sliochd aige, dh’fhàg e a bhean da bhràthair.
26. Agus thachair mar an ceudna don dara, agus don treas bràthair, gu ruig an seachdamh.
27. Agus nan dèidh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna.
28. Air an adhbhar sin, anns an aiseirigh cò den t‑seachdnar dom bean i? Oir bha i aca uile.
29. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè:
30. Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh.
31. Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,
32. Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.
33. Agus nuair a chuala am poball seo, ghabh iad iongantas ra theagasg-san.
34. Ach nuair a chuala na Pharasaich gun do chuir e na Sadusaich nan tosd, chruinnicheadh iad an ceann a chèile.
35. An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,
36. A Mhaighistir, cia i an àithne as mò anns an lagh?
37. Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn.
38. Is i seo a’ chiad àithne agus an àithne mhòr.
39. Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
40. Air an dà àithne seo tha an lagh uile agus na fàidhean an crochadh.
41. Ach air do na Pharasaich a bhith cruinn an ceann a chèile, dh’fheòraich Iosa dhiubh,
42. Ag ràdh, Ciod i ur barail-se mu thimcheall Chrìosd? Cò dom mac e? Thubhairt iadsan ris, Do Dhaibhidh.
43. Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh,
44. Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan?
45. Air an adhbhar sin, ma ghoireas Daibhidh a Thighearna dheth, cionnas as mac dha e?
46. Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth.