A A A A A
Bible in one year
February 29

Lebhiticus 25:1-55
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài, ag ràdh,
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum na tìre a bheir mise dhuibh, an sin gleidhidh an tìr sàbaid don Tighearna.
3. Sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus sia bliadhna bearraidh tu d’fhìonlios, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh.
4. Ach anns an t‑seachdamh bliadhna bidh sàbaid foise don tìr, sàbaid don Tighearna; d’fhearann cha chuir thu, agus d’fhìonlios cha bheàrr thu.
5. An nì sin a dh’fhàsas dheth fhèin ded fhoghar, cha bhuain thu, agus fìondhearcan d’fhìonain neo-dheasaichte cha chruinnich thu: na bliadhna foise bidh i don tìr.
6. Agus bidh sàbaid na tìre na biadh dhuibh: dhut fhèin, agus dod òglach, agus dod bhanoglaich, agus dod fhear-tuarasdail, agus dod choigreach a tha air chuairt maille riut;
7. Agus dod sprèidh agus don fhiadh-bheathach a tha ann ad fhearann; bidh a cinneas uile a‑chum bìdh.
8. Agus àirmhidh tu dhut fhèin seachd sàbaidean de bhliadhnachan, seachd uairean seachd bliadhna; agus bidh ùine nan seachd sàbaidean de bhliadhnachan dhut na naoi bliadhna is dà‑fhichead.
9. An sin bheir thu fa‑near trompaid na h‑Iubile a shèideadh anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos: ann an là na rèite bheir sibh fa‑near an trompaid a shèideadh air feadh ur tìre uile.
10. Agus naomhaichidh sibh an deicheamh bliadhna is dà‑fhichead, agus gairmidh sibh saorsa air feadh na dùthcha, da luchd-àiteachaidh uile: bidh i na h‑Iubile dhuibh, agus tillidh sibh gach duine a‑chum a sheilbhe fhèin, agus tillidh gach duine agaibh gu a theaghlach fhèin.
11. Bidh an deicheamh bliadhna sin agus dà‑fhichead na h‑Iubile dhuibh; cha chuir sibh sìol, cha mhò a bhuaineas sibh an nì a dh’fhàsas dheth fhèin innte, cha mhò a thionaileas sibh dearcan fìona innte ded fhìonain neo-dheasaichte:
12. Oir is Iubile i, bidh i naomh dhuibh; ithidh sibh a cinneas as an fhearann.
13. Ann am bliadhna na h‑Iubile seo tillidh gach duine agaibh a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.
14. Agus ma reiceas tu a’ bheag rid choimhearsnach, no ma cheannaicheas tu a’ bheag o làimh do choimhearsnaich, cha dèan sibh eucoir air a chèile.
15. A rèir àireamh nam bliadhnachan an dèidh na h‑Iubile ceannaichidh tu od choimhearsnach, agus a rèir àireamh bhliadhnachan nan toraidhean reicidh e riut.
16. A rèir lìonmhorachd nam bliadhnachan meudaichidh tu a luach, agus a rèir teircead nam bliadhnachan lùghdaichidh tu a luach: oir a rèir àireamh bliadhnachan nan toraidhean tha e a’ reic riut.
17. Agus cha dèan sibh eucoir air a chèile: ach bidh eagal do Dhè ort; oir is mise an Tighearna ur Dia.
18. Uime sin nì sibh mo reachdan, agus gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad; agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an tìr ann an tèarainteachd.
19. Agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus ithidh sibh ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann gu tèarainte.
20. Agus ma their sibh, Ciod a dh’itheas sinn air an t‑seachdamh bliadhna? Feuch, cha chuir sinn sìol, cha mhò a chruinnicheas sinn ar toradh;
21. An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh anns an t‑siathamh bliadhna, agus bheir i a‑mach toradh airson trì bliadhna.
22. Agus cuiridh sibh air an ochdamh bliadhna, agus ithidh sibh fhathast den t‑seann toradh gus an naoidheamh bliadhna; gus an tig a toradh a‑steach, ithidh sibh den t‑seann toradh.
23. Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd-cuairt sibhse maille rium.
24. Agus ann am fearann ur seilbhe uile, bheir sibh saorsa don fhearann.
25. Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair.
26. Agus mura eil aig an duine neach ga fhuasgladh, agus gur urrainn e fhèin a fhuasgladh;
27. An sin àirmheadh e bliadhnachan a reicidh, agus thugadh e air ais an nì a tha thairis don duine ris an do reic e e, a‑chum is gun till e a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.
28. Agus mura urrainn e sin a thoirt air ais dha, an sin fanaidh an nì sin a reiceadh ann an làimh an neach a cheannaich e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus anns an Iubile thèid e a‑mach, agus tillidh e a‑chum a sheilbhe.
29. Agus ma reiceas duine taigh-còmhnaidh ann am baile cuartaichte le balla, an sin faodaidh e a fhuasgladh an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain an dèidh a reiceadh: an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain faodaidh e a fhuasgladh.
30. Agus mura fuasglar e gus an coileanar bliadhna iomlan, an sin daingnichear an taigh, a tha an taobh a‑staigh den bhaile cuartaichte le balla, gu bràth dhàsan a cheannaich e, air feadh a ghinealaichean: cha tèid e a‑mach anns an Iubile.
31. Ach measar taighean nam bailtean nach eil cuartaichte le balla mar fhearann na tìre: faodar am fuasgladh, agus thèid iad a‑mach anns an Iubile.
32. Gidheadh, bailtean nan Lèbhitheach, agus taighean bailtean an seilbhe, faodaidh na Lèbhithich am fuasgladh uair sam bith.
33. Agus ma cheannaicheas duine o na Lèbhithich, an sin thèid an taigh a reiceadh, agus baile a sheilbhe, a‑mach anns an Iubile; oir is iad taighean bailtean nan Lèbhitheach an sealbh am measg chloinn Israeil.
34. Ach chan fhaodar am fearann a tha an taobh a‑muigh dem bailtean a reic, oir is e sin an sealbh mhaireannach.
35. Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh-làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear-cuairt e: agus bidh e beò maille riut.
36. Na gabh riadh uaithe, no tuilleadh is a thug thu dha: ach biodh eagal do Dhè ort, a‑chum is gum faod do bhràthair a bhith beò maille riut.
37. D’airgead cha toir thu dha air riadh, agus airson buannachd cha toir thu dha do bhiadh.
38. Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh.
39. Agus ma dh’fhàs do bhràthair a tha làimh riut bochd, agus gun do reiceadh riut e, cha toir thu air seirbhis a dhèanamh mar thràill:
40. Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus mar fhear-cuairte, bidh e maille riut; gu bliadhna na h‑Iubile nì e seirbhis dhut.
41. Agus an sin imichidh e uat, e fhèin agus a chlann maille ris, agus tillidh e a‑chum a theaghlaich fhèin, agus a-chum sealbh a athraichean tillidh e:
42. Oir is iad mo sheirbhisich-sa, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: cha reicear iad mar thràillean.
43. Cha ghnàthaich thu uachdaranachd os a chionn le an‑iochd, ach bidh eagal do Dhè ort.
44. Agus bidh do thràillean, agus do bhan-tràillean, a bhios agad, de na cinnich a tha mur timcheall; uapasan ceannaichidh sibh tràillean agus ban-tràillean.
45. Agus a thuilleadh air seo, o chloinn nan coigreach a tha air chuairt nur measg, uapasan ceannaichidh sibh, agus on teaghlaichean a tha maille ribh, a ghin iad nur fearann: agus bidh iad nan seilbh dhuibh.
46. Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd dur cloinn nur dèidh, a‑chum an sealbhachadh mar oighreachd; bidh iad dhuibh nan tràillean a‑chaoidh: ach os cionn ur bràithrean, clann Israeil, eadhon os cionn a chèile, cha ghnàthaich sibh uachdaranachd le an‑iochd.
47. Agus ma dh’fhàsas fear-cuairte no coigreach saoibhir làimh riut, agus ma dh’fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, agus gun reic e e fhèin ris a’ choigreach, ris an fhear-chuairte a tha maille riut, no ri gineal teaghlach a’ choigrich:
48. An dèidh a reic, faodar a fhuasgladh a‑rìs: faodaidh aon de a bhràithrean a fhuasgladh;
49. Faodaidh aon chuid bràthair a athar, no mac bhràthair a athar a fhuasgladh, no faodaidh aon neach a tha dlùth an dàimh dha de a theaghlach fhèin a fhuasgladh; no mas urrainn e, faodaidh e e fhèin fhuasgladh.
50. Agus nì e cunntas ris-san a cheannaich e on bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus bidh luach a reicidh a rèir àireamh nam bliadhnachan; a rèir aimsir seirbhisich-tuarasdail bidh e dha.
51. Ma bhios fhathast mòran bhliadhnachan ri teachd, dan rèir sin bheir e a‑rìs luach a fhuasglaidh, as an airgead airson an do cheannaicheadh e.
52. Agus mura eil ri teachd ach beagan bhliadhnachan gu bliadhna na h‑Iubile, an sin nì e cunntas ris, agus a rèir a bhliadhnachan bheir e dha a‑rìs luach a fhuasglaidh.
53. Mar sheirbhiseach a tha air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdaranachd os a chionn le an‑iochd ann ad shealladh-sa.
54. Agus mura fuasglar e anns na bliadhnachan sin, an sin thèid e a‑mach ann am bliadhna na h‑Iubile, e fhèin agus a chlann maille ris.
55. Oir dhòmhsa tha clann Israeil nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich-sa a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Salm 28:6-9
6. Beannaichte gu robh an Tighearna, a chionn gun d’èisd e ri guth m’athchuinge.
7. Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.
8. Is e an Tighearna neart a shluaigh, agus is esan neart slàinte a aoin ungte fhèin.
9. Saor do shluagh agus beannaich d’oighreachd; beathaich iad agus àrdaich iad gu bràth.

Gnàth-fhacal 10:19-21
19. Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic.
20. Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù.
21. Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h‑amadain a dhìth tuigse.

Marcus 6:30-56
30. Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad.
31. Agus thubhairt e riu, Thigibh-se air leth do àit uaigneach, agus gabhaibh fois car tamaill bhig. Oir bha mòran a’ teachd agus a’ dol, agus cha robh ùine aca uiread is biadh ithe.
32. Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth.
33. Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh.
34. Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.
35. Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis:
36. Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe.
37. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?
38. Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg.
39. Agus dh’àithn e dhaibh a thoirt orra uile suidhe sìos nan cuideachdan air an fheur uaine.
40. Agus shuidh iad sìos nam buidhnean fa leth, nan ceudan agus nan lethcheudan.
41. Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.
42. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad.
43. Agus thog iad dà‑chliabh-dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg.
44. Agus b’iad an dream a dh’ith de na buileannan còig mìle fear.
45. Agus air ball cho-èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing, agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.
46. Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.
47. Agus nuair a bha an t‑anmoch ann, bha an long ann am meadhon na mara, agus esan na aonar air tìr.
48. Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra.
49. Ach nuair a chunnaic iadsan e ag imeachd air a’ mhuir, shaoil iad gum bu tannasg a bha ann; agus ghlaodh iad.
50. (Oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo bhuaireas.) Agus air ball labhair e riu, agus thubhairt e riu, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.
51. Agus chaidh e suas dan ionnsaigh don luing; agus laigh a’ ghaoth: agus bha uamhas mòr thar tomhas orra, agus ghabh iad iongantas.
52. Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh.
53. Agus nuair a chaidh iad thairis, thàinig iad gu talamh Ghenesaret, agus tharraing iad gu tìr.
54. Agus nuair a thàinig iad a‑mach as an luing, air ball dh’aithnich iad e.
55. Agus ruith iad air feadh na tìre sin uile mun cuairt, agus thòisich iad air an dream a bha tinn a ghiùlan mun cuairt air leapaichean, ge bè àite anns an cuala iad esan a bhith.
56. Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.