Instagram
English
A A A A A
Lebhiticus 19:1-37
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.
3. Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.
4. Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.
5. Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin.
6. Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e;
7. Agus ma dh’ithear e idir air an treas là, is gràineil e; cha ghabhar e.
8. Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e a aingidheachd, a chionn gun do mhì-naomhaich e nì coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t‑anam sin as o a shluagh.
9. Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha bhuain thu gu buileach oisnean d’achaidh, cha mhò a chruinnicheas tu dìoghlaim d’fhogharaidh.
10. Agus cha tur-lom thu d’fhìonlios, cha mhò a chruinnicheas tu uile fhìon-dhearcan d’fhìonlios; don bhochd agus don choigreach fàgaidh tu iad: Is mise an Tighearna ur Dia.
11. Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.
12. Agus cha mhionnaich sibh air m’ainm-sa gu breugach, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.
13. Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.
14. Cha mhallaich thu am bodhar, agus ron dall cha chuir thu ceap-tuislidh, ach bidh eagal do Dhè ort; Is mise an Tighearna.
15. Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.
16. Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.
17. Cha bhi fuath agad dod bhràthair ann ad cridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus chan fhuiling thu peacadh air.
18. Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.
19. Gleidhidh sibh mo reachdan: Cha leig thu led sprèidh sìolachadh le gnè eile; cha chuir thu d’fhearann le sìol measgte: cha mhò a chuirear umad aodach measgte de olainn agus de lìon.
20. Agus ge bè neach a laigheas gu collaidh le mnaoi a tha na ban-tràill fo cheangal-pòsaidh aig fear, agus nach d’fhuasgladh idir, cha mhò a thugadh saorsa dhi, sgiùrsar i: cha chuirear gu bàs iad, a chionn nach robh i saor.
21. Agus bheir e a ìobairt-easaontais don Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, eadhon reithe mar ìobairt-easaontais.
22. Agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt-easaontais an làthair an Tighearna, airson a pheacaidh a rinn e: agus maithear dha a pheacadh a rinn e.
23. Agus nuair a thig sibh don fhearann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè chraobh airson bìdh, an sin measaidh sibh an toradh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: trì bliadhna bidh e dhuibh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: chan ithear dheth.
24. Ach air a’ cheathramh bliadhna bidh a thoradh uile naomh, a‑chum cliù don Tighearna.
25. Agus air a’ chòigeamh bliadhna ithidh sibh de a thoradh, a‑chum gun toir e a chinneas dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia.
26. Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.
27. Cha bheàrr sibh mun cuairt oisnean ur ceann, cha mhò a mhilleas tu oisnean d’fheusaig.
28. Cha dèan sibh gearradh sam bith nur feòil airson nam marbh, cha mhò a chuireas sibh comharradh sam bith oirbh: Is mise an Tighearna.
29. Na truaill do nighean, a thoirt oirre a bhith na strìopaich; a‑chum nach toirear am fearann gu strìopachas, agus nach lìonar an dùthaich le aingidheachd.
30. Gleidhidh sibh mo shàbaidean agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.
31. Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.
32. An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna.
33. Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris.
34. Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.
35. Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait-thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas.
36. Meidhean cearta, clachan-tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bidh agaibh: Is mise an Tighearna ur Dia, a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit.
37. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna.

Lebhiticus 20:1-27
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh,
2. A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan.
3. Agus cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh; a chionn gun tug e de a shliochd do Mholech, a shalachadh m’ionaid naoimh-sa, agus a thruailleadh m’ainm naoimh.
4. Agus ma dh’fhalaicheas sluagh na dùthcha air chor sam bith an sùilean on duine sin, nuair a bheir e de a shliochd do Mholech, agus nach marbh iad e;
5. An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh.
6. Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
7. Naomhaichibh sibh fhèin uime sin, agus bithibh naomh: oir is mise an Tighearna ur Dia.
8. Agus gleidhidh sibh mo reachdan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna, a naomhaicheas sibh.
9. Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin.
10. Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan-adhaltranach gu cinnteach gu bàs.
11. Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
12. Agus ma laigheas duine le mnaoi a mhic, cuirear gu deimhinn le chèile gu bàs iad: dh’obraich iad amhluadh: bidh am fuil orra fhèin.
13. Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
14. Agus ma ghabhas duine da ionnsaigh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan, a‑chum is nach bi aingidheachd nur measg.
15. Agus ma laigheas duine le ainmhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e: agus marbhaidh sibh an t‑ainmhidh.
16. Agus ma thig bean am fagas do ainmhidh sam bith, agus gun laigh i sìos dha, marbhaidh tu a’ bhean agus an t‑ainmhidh: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
17. Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd-san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd.
18. Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh.
19. Agus cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar, no piuthar d’athar; oir tha e a’ rùsgadh a fheòla fhèin: giùlainidh iad an aingidheachd.
20. Agus ma laigheas duine le mnaoi bhràthair a athar, leig e ris nochd bhràthair a athar: giùlainidh iad am peacadh: gheibh iad bàs gun chloinn.
21. Agus ma ghabhas duine bean a bhràthar, is nì neòghlan e: leig e ris nochd a bhràthar; bidh iad gun chloinn.
22. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad; a‑chum is nach dèan am fearann, ga bheil mi gur tabhairt gu còmhnaidh a ghabhail ann, ur sgeith a‑mach.
23. Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannan nan cinneach a tha mise a’ tilgeadh a‑mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithean sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin dhiubh.
24. Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.
25. Cuiridh sibh uime sin eadar-dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan.
26. Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh.
27. Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan-sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.

Salm 27:4-10
4. Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;
5. Oir falaichidh e mi na sgàth-thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi.
6. Agus a‑nis togar suas mo cheann os cionn mo naimhdean mun cuairt orm; agus ìobraidh mi na phàillean ìobairtean aoibhneis; seinnidh mi agus canaidh mi cliù don Tighearna.
7. Eisd, a Thighearna, rim ghuth nuair a dh’èigheas mi; dèan tròcair orm agus freagair mi.
8. Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.
9. Na falaich do ghnùis uam; na cuir air falbh d’òglach ann am feirg; bu tusa mo chobhair; na fàg mi agus na trèig mi, a Dhia mo shlàinte.
10. Nuair a thrèigeas m’athair agus mo mhàthair mi, an sin togaidh an Tighearna suas mi.

Gnàth-fhacal 10:10-12
10. Esan a chaogas le a shùil, bheir e bròn: agus tuitidh an t‑amadan bith-bhriathrach.
11. Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
12. Dùisgidh fuath aimhreitean; ach falaichidh gràdh gach coire.

Marcus 5:1-20
1. Agus thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gadarèneach.
2. Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,
3. Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean-adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:
4. Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.
5. Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan-adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.
6. Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,
7. Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.
8. (Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)
9. Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.
10. Agus ghuidh e gu ro‑gheur air, gun e gan cur a‑mach as an dùthaich sin.
11. Agus bha treud mòr mhuc an sin, ag ionaltradh am fagas don bheinn.
12. Agus ghuidh na deamhain uile air, ag ràdh, Cuir sinne a dh’ionnsaigh nam muc, a‑chum gun rachamaid a‑steach annta.
13. Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
14. Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.
15. Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.
16. Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc.
17. Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan.
18. Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris.
19. Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.
20. Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.