Lebhiticus 17:1-16 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri Aaron, agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna ag ràdh, |
3. Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, a mharbhas tarbh, no uan, no gobhar, anns a’ champ, no a mharbhas e a‑mach as a’ champ, |
4. Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh: |
5. A‑chum is gun toir clann Israeil an ìobairtean, a dh’ìobras iad a‑muigh anns a’ mhachair, eadhon gun toir iad a‑chum an Tighearna iad, gu doras pàillean a’ choitheanail a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus gun ìobair iad mar ìobairtean-sìth iad don Tighearna. |
6. Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. |
7. Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean. |
8. Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas-loisgte no ìobairt, |
9. Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh. |
10. Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh. |
11. Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama. |
12. Uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith anam sam bith agaibh fuil, cha mhò a dh’itheas an coigreach fuil a bhios air chuairt nur measg. |
13. Agus ge bè duine air bith de chloinn Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a nì sealg agus a ghlacas beathach no eun a dh’fhaodar ithe, dòirtidh e a‑mach a fhuil, agus còmhdaichidh e le duslach i. |
14. Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i airson beatha dhi: uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i gearrar as e. |
15. Agus gach anam a dh’itheas an nì a bhàsaicheas dheth fhèin, no a reubadh le fiadh-bheathaichean (mas neach e a rugadh nur tìr fhèin, no coigreach) nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan. |
16. Ach mura nigh e e, agus mura ionnlaid e a fheòil, an sin giùlainidh e a aingidheachd. |
Lebhiticus 18:1-30 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Is mise an Tighearna ur Dia. |
3. A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean. |
4. Nì sibh mo bhreitheanais, agus gleidhidh sibh m’òrdaighean, gu gluasad annta: Is mise an Tighearna ur Dia. |
5. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithean ma nì duine, bidh e beò annta: Is mise an Tighearna. |
6. Cha tig a h‑aon agaibh am fagas do aon neach a tha dlùth dha ann an dàimh, a‑chum a nàire a leigeadh ris: Is mise an Tighearna. |
7. Nochd d’athar, no nochd do mhàthar cha leig thu ris: is i do mhàthair i, cha leig thu ris a nochd. |
8. Nochd bean d’athar cha leig thu ris: is e nochd d’athar e. |
9. Nochd do pheathar, nighean d’athar, no nighean do mhàthar, co‑dhiù a rugadh i aig an taigh, no rugadh a‑muigh i, eadhon an nochd-san cha leig thu ris. |
10. Nochd nighean do mhic, no nighean do nighinn, eadhon an nochd-san cha leig thu ris: oir is e an nochd-san do nochd fhèin. |
11. Nochd nighean bean d’athar, a ghineadh led athair (is i do phiuthar i) cha leig thu ris a nochd-se. |
12. Cha leig thu ris nochd piuthar d’athar: is i bana-charaid ro‑dhìleas d’athar i. |
13. Cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar: oir is i bana-charaid ro‑dhìleas do mhàthar i. |
14. Cha leig thu ris nochd bràthair d’athar, cha tig thu am fagas da mhnaoi: is i bean bràthair d’athar i. |
15. Cha leig thu ris nochd do bhan-chleamhna; is i bean do mhic i, cha leig thu ris a nochd. |
16. Cha leig thu ris nochd bean do bhràthar: is e nochd do bhràthar e. |
17. Cha leig thu ris nochd mnà agus a nighinn, cha mhò a ghabhas tu nighean a mic, no nighean a nighinn, a‑chum a nochd a leigeadh ris; oir is iad a bana-chàirdean dìleas iad: is aingidheachd e. |
18. Cha mhò a ghabhas tu bean maille ra piuthair, a‑chum a buaireadh, a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, am feadh as beò i. |
19. Mar an ceudna cha tig thu am fagas do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, nuair a chuirear air leth i airson a neòghlaine. |
20. Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha. |
21. Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna. |
22. Cha laigh thu le fireannach mar le boireannach: is gràinealachd e. |
23. Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e. |
24. Na truaillibh sibh fhèin ann an aon sam bith de na nithean sin: oir anns na nithean sin uile thruaill na cinnich sin iad fhèin, a thilgeas mise a‑mach romhaibh. |
25. Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi a aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann fhèin a‑mach a luchd-àiteachaidh. |
26. Uime sin, gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais, agus cha dèan sibh aon air bith de na gràinealachdan sin; aon chuid neach air bith de ur cinneach fhèin, no coigreach a bhios air chuairt nur measg: |
27. (Oir na gràinealachdan sin uile rinn daoine na dùthcha, a bha romhaibh, agus tha am fearann air a thruailleadh) |
28. A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh. |
29. Oir ge bè neach a nì aon air bith de na gràinealachdan ud, eadhon na h‑anaman a nì iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh. |
30. Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia. |
Salm 27:1-3 |
1. Le Daibhidh. Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm? |
2. Nuair a thàinig luchd-uilc orm a dh’ithe suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad fhèin agus thuit iad. |
3. Ged champaicheadh feachd am aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe; ged dh’èireadh cogadh am aghaidh, à seo nì mi mo bhun. |
Gnàth-fhacal 10:9-9 |
9. Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e. |
Marcus 4:21-41 |
21. Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir? |
22. Oir chan eil nì air bith falaichte nach foillsichear; agus cha robh nì air bith an cleith nach tig am follais. |
23. Ma tha cluasan a‑chum èisdeachd aig neach air bith, èisdeadh e. |
24. Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh: leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd. |
25. Oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha: agus ge bè neach aig nach eil bheirear uaithe an nì sin fhèin a tha aige. |
26. Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh. |
27. Agus gun caidleadh e, agus gun èireadh e a dh’oidhche agus a là, agus gun gineadh an sìol, agus gum fàsadh e suas, air dòigh nach fhios dha. |
28. Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis. |
29. Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd. |
30. Agus thubhairt e, Ciod an nì ri an samhlaich sinn rìoghachd Dhè? No ciod e an cosamhlachd leis an coimeas sinn i? |
31. Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh. |
32. Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil. |
33. Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn. |
34. Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth. |
35. Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile. |
36. Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna. |
37. Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn. |
38. Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn? |
39. Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann. |
40. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh cho eagalach? Cionnas nach eil creideamh agaibh? |
41. Agus ghabh iad eagal ro‑mhòr, agus thubhairt iad ri chèile, Ciod e an duine seo, gu bheil a’ ghaoth agus an fhairge fhèin umhail dha? |