Lebhiticus 9:1-24 |
1. Agus air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil; |
2. Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna. |
3. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gabhaibh-se meann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh; agus laogh, agus uan, le chèile den chiad bhliadhna, gun ghaoid, a-chum ìobairt-loisgte; |
4. Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh. |
5. Agus thug iad an nì sin a dh’àithn Maois gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus thàinig an coitheanal uile am fagas, agus sheas iad an làthair an Tighearna. |
6. Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh. |
7. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Imich a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus ìobair d’ìobairt-pheacaidh, agus d’ìobairt-loisgte, agus dèan rèite air do shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t‑sluaigh, agus dèan rèite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna. |
8. Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus mharbh e laogh na h‑ìobairt-pheacaidh a bha air a shon fhèin. |
9. Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach. |
10. Ach an t‑saill agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn àinean na h‑ìobairt-pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. |
11. Agus an fheòil agus an t‑seiche loisg e le teine, an taobh a‑muigh den champ. |
12. Agus mharbh e an ìobairt-loisgte; agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh, agus chrath e i air an altair mun cuairt. |
13. Agus thug iad an ìobairt-loisgte da ionnsaigh, maille ra mìrean, agus an ceann; agus loisg e iad air an altair. |
14. Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte air an altair. |
15. Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt-pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt. |
16. Agus thug e leis an ìobairt-loisgte, agus dh’ìobair e i a rèir a’ ghnàtha. |
17. Agus thug e leis an tabhartas-bìdh, agus lìon e a dhòrn as, agus loisg e air an altair e, a thuilleadh air ìobairt-loisgte na maidne. |
18. Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bha airson an t‑sluaigh; agus thug mic Aaroin da ionnsaigh an fhuil, agus chrath e i air an altair mun cuairt. |
19. Agus saill an tairbh, agus earball an reithe, agus an nì sin a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn nan àinean. |
20. Agus chuir iad an t‑saill air na h‑uchdan, agus loisg e an t‑saill air an altair. |
21. Agus na h‑uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois. |
22. Agus thog Aaron suas a làmhan a‑chum an t‑sluaigh, agus bheannaich e iad: agus thàinig e a‑nuas o ìobradh na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-loisgte, agus nan ìobairtean-sìthe. |
23. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus thàinig iad a‑mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna don t‑sluagh uile. |
24. Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh. |
Lebhiticus 10:1-20 |
1. Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh. |
2. Agus chaidh teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas iad, agus fhuair iad bàs an làthair an Tighearna. |
3. An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd. |
4. Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair-athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ. |
5. Agus chaidh iad am fagas, agus ghiùlain iad nan còtaichean iad a‑mach as a’ champ, mar a thubhairt Maois. |
6. Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna. |
7. Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola-ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois. |
8. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, ag ràdh, |
9. Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean; |
10. Agus a‑chum gun cuir sibh eadar-dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan; |
11. Agus a‑chum gun teagaisg sibh do chloinn Israeil na h‑òrdaighean uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois. |
12. Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh. |
13. Agus ithidh sibh e anns an ionad naomh, a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe do mhac, de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhòmhsa. |
14. Agus an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte ithidh sibh ann an ionad glan; thu fhèin, agus do mhic, agus do nigheanan maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac a thugadh dhaibh à ìobairtean tabhartasan-sìthe chloinn Israeil. |
15. An slinnean togte, agus an t‑uchd luaisgte, maille ris na tabhartasan air an toirt suas le teine den t‑saill, bheir iad leo gus a luasgadh mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna; agus is leatsa e agus led mhic maille riut, le reachd bithbhuan, mar a dh’àithn an Tighearna. |
16. Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh, |
17. Carson nach d’ith sibh an ìobairt-pheacaidh anns an ionad naomh, do bhrìgh gu bheil i ro‑naomh, agus thug Dia dhuibh i a ghiùlan aingidheachd a’ choitheanail, a dhèanamh rèite air an son am fianais an Tighearna? |
18. Feuch, cha tugadh a fuil a‑steach an taobh a‑staigh den ionad naomh: bu chòir dhuibh gu deimhinn a h‑ithe anns an ionad naomh, mar a dh’àithn mise. |
19. Agus thubhairt Aaron ri Maois, Feuch, an‑diugh thug iad suas an ìobairt-pheacaidh, agus an ìobairt-loisgte, an làthair an Tighearna; agus thachair an leithidean sin de nithean dhòmhsa; agus nam bithinn air ithe na h‑ìobairt-pheacaidh an‑diugh, an gabhte rithe an làthair an Tighearna? |
20. Agus nuair a chuala Maois sin, bha e toilichte. |
Salm 25:1-7 |
1. Le Daibhidh. Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. |
2. Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn. |
3. Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar. |
4. Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. |
5. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là. |
6. Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian. |
7. Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna. |
Gnàth-fhacal 9:13-18 |
13. Tha bean amaideach àrd-ghuthach, baoghalta, agus chan aithne dhi nì air bith: |
14. Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile, |
15. A ghairm orrasan a bhios a’ dol seachad air an t‑slighe, a’ gabhail dìreach romhpa: |
16. Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris-san a tha a dhìth tuigse their i, |
17. Tha na h‑uisgeachan a ghoidear milis, agus an t‑aran a dh’ithear ann an uaigneas taitneach. |
18. Ach chan eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin; ann an doimhneachdan ifrinn gu bheil a h‑aoighean. |
Marcus 1:23-45 |
23. Agus bha nan sionagog-san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e, |
24. Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè. |
25. Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. |
26. Agus nuair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, thàinig e a‑mach as. |
27. Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha. |
28. Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile. |
29. Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin. |
30. Ach bha màthair-chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe. |
31. Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh. |
32. Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan. |
33. Agus bha am baile uile air a chruinneachadh a‑chum an dorais. |
34. Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e. |
35. Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin. |
36. Agus lean Sìmon, agus an dream a bha maille ris, e. |
37. Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh. |
38. Agus thubhairt esan riu, Rachamaid a dh’ionnsaigh nam bailtean eile làimh rinn, a‑chum gun searmonaich mi an sin mar an ceudna: oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mise a‑mach. |
39. Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain. |
40. Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan. |
41. Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan. |
42. Agus cho luath is a labhair e, air ball dh’fhalbh an luibhre uaithe, agus rinneadh glan e. |
43. Agus thug e geur-òrdagh dha, agus air ball chuir e air falbh e; |
44. Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. |
45. Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird. |