A A A A A
Bible in one year
February 18

Lebhiticus 7:1-38
1. Agus is e seo lagh na h‑ìobairt-easaontais: tha i ro‑naomh.
2. Anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte, marbhaidh iad an ìobairt-easaontais: agus crathaidh e a fuil air an altair mun cuairt.
3. Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t‑earball, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich,
4. Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.
5. Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is ìobairt-easaontais i.
6. Ithidh gach fireannach am measg nan sagart dhith: anns an ionad naomh ithear i: tha i ro‑naomh.
7. Mar an ìobairt-pheacaidh, is amhail sin an ìobairt-easaontais: is aon lagh a tha ann dhaibh: leis an t‑sagart a nì rèite leatha, bidh i.
8. Agus an sagart a bheir seachad ìobairt-loisgte duine sam bith, is leis an t‑sagart seo craiceann na h‑ìobairt-loisgte a thug e seachad.
9. Agus buinidh an tabhartas-bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhainn, agus gach nì a dheasaichear ann an aghann-ròstaidh, agus ann am mèis, don t‑sagart a bheir seachad e.
10. Agus bidh gach tabhartas-bìdh, measgte le ola, agus tioram, le mic Aaroin uile, leis gach aon uiread ri chèile.
11. Agus is e seo lagh ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bheir e seachad don Tighearna:
12. Mas ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt-bhuidheachais, breacagan neo-ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh.
13. A thuilleadh air na breacagan, bheir e seachad mar a thabhartas aran gortaichte, maille ri ìobairt-bhuidheachais a thabhartasan-sìthe.
14. Agus dhith sin bheir e seachad aon as an tabhartas iomlan, mar thabhartas-togte don Tighearna, agus bidh e leis an t‑sagart a chrathas fuil nan tabhartas-sìthe.
15. Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan-sìthe airson breith-buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn.
16. Ach mas bòid no tabhartas deònach ìobairt a thabhartais, anns an là sin fhèin anns an toir e seachad a ìobairt, ithear i; agus air an là màireach, mar an ceudna, ithear a fuidheall.
17. Ach loisgear le teine fuidheall feòil na h‑ìobairt air an treas là.
18. Agus ma dh’ithear idir a’ bheag de fheòil ìobairt a thabhartasan-sìthe air an treas là, cha ghabhar i, cha mhò a mheasar i dhàsan a bheir seachad i: bidh i na gràinealachd, agus an t‑anam a dh’itheas dhith giùlainidh e a aingidheachd.
19. Agus an fheòil a bheanas ri nì sam bith neòghlan, chan ithear i; loisgear i le teine: agus a‑thaobh na feòla, gach neach a bhios glan, ithidh e dhith.
20. Ach an t‑anam a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bhuineas don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.
21. Agus an t‑anam a bheanas ri nì sam bith neòghlan, ri neòghlaine duine, no ri ainmhidh neòghlan, no ri gràinealachd neòghlain sam bith, agus a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas-sìthe a bhuineas don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.
22. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
23. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Saill sam bith daimh, no caorach, no goibhre, chan ith sibh.
24. Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh-bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith;
๒๕. Oir ge bè a dh’itheas saill on ainmhidh sin den toir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin a dh’itheas dhith as o a shluagh.
๒๖. Agus chan ith sibh gnè sam bith fala, mas ann de eòin no de ainmhidh, ann an aon air bith de ur n‑àiteachan-còmhnaidh.
๒๗. Gach anam a dh’itheas gnè sam bith fala, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.
๒๘. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
๒๙. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Esan a bheir seachad ìobairt a thabhartas-sìthe don Tighearna, bheir e leis a thabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, de ìobairt a thabhartasan-sìthe.
๓๐. Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.
๓๑. Agus loisgidh an sagart an t‑saill air an altair: ach bidh an t‑uchd le Aaron agus le a mhic.
๓๒. Agus an slinnean deas bheir sibh don t‑sagart mar thabhartas-togte, de ìobairtean ur tabhartasan-sìthe.
๓๓. Aigesan de mhic Aaroin a bheir suas fuil nan tabhartas-sìthe, agus an t‑saill, bidh an slinnean deas mar a chuibhreann.
๓๔. Oir ghabh mi an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte o chloinn Israeil, de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus da mhic, le reachd sìorraidh o mheasg chloinn Israeil.
๓๕. Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt;
๓๖. A dh’àithn an Tighearna a thoirt dhaibh o chloinn Israeil, anns an là anns an d’ung e iad, le reachd sìorraidh air feadh an ginealaichean.
๓๗. Is e seo lagh na h‑ìobairt-loisgte, an tabhartais-bhìdh, agus na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-easaontais, agus nan coisrigeadh, agus ìobairt nan tabhartas-sìthe,
๓๘. A dh’àithn an Tighearna do Mhaois ann an sliabh Shinài, anns an là anns an d’àithn e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt seachad don Tighearna, ann am fàsach Shinài.

Lebhiticus ๘:๑-๓๖
๑. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
๒. Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.
๓. Agus cruinnich an coitheanal uile an ceann a chèile gu doras pàillean a’ choitheanail.
๔. Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile gu doras pàillean a’ choitheanail.
๕. Agus thubhairt Maois ris a’ choitheanal, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.
๖. Agus thug Maois Aaron agus a mhic leis, agus dh’ionnlaid e iad le uisge.
๗. Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.
๘. Agus chuir e an t‑uchd-èideadh air; agus chuir e anns an uchd-èideadh an Urim agus an Tumim.
๙. Agus chuir e an crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-shagairt, eadhon air a’ chuid-bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
๑๐. Agus ghabh Maois an ola-ungaidh, agus dh’ung e am pàillean, agus gach nì a bha ann, agus naomhaich e iad.
๑๑. Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach-ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh.
๑๒. Agus dhòirt e den ola-ungaidh air ceann Aaroin, agus dh’ung e e, a‑chum a naomhachadh.
๑๓. Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
๑๔. Agus thug e leis an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh.
๑๕. Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.
๑๖. Agus ghabh e an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an ìgh; agus loisg Maois iad air an altair.
๑๗. Ach an tarbh agus a sheiche, agus a fheòil, agus a aolach, loisg e le teine an taobh a‑muigh den champ, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
๑๘. Agus thug e leis an reithe airson na h‑ìobairt-loisgte: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
๑๙. Agus mharbh e e; agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.
๒๐. Agus gheàrr e an reithe na mhìrean; agus loisg Maois an ceann, agus na mìrean, agus an t‑saill.
๒๑. Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
๒๒. Agus thug e leis an reithe eile, reithe a’ choisrigidh: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
๒๓. Agus mharbh e e; agus ghabh Maois cuid de a fhuil, agus chuir e i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.
๒๔. Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid den fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise: agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.
๒๕. Agus ghabh e an t‑saill, agus an t‑earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinnean deas.
๒๖. Agus à basgaid an arain neo-ghortaichte, a bha an làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo-ghortaichte, agus aon bhreacag de aran le ola, agus aon deàrnagan, agus chuir e iad air an t‑saill, agus air an t‑slinnean dheas:
๒๗. Agus chuir e an t‑iomlan air làmhan Aaroin, agus air làmhan a chuid mhac; agus luaisg e iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.
๒๘. Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h‑ìobairt-loisgte; bu tabhartas-coisrigidh iad a‑chum fàile chùbhraidh; tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
๒๙. Agus ghabh Maois an t‑uchd, agus luaisg e e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: b’e cuibhreann Mhaois e de reithe a’ choisrigidh; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
๓๐. Agus ghabh Maois cuid den ola-ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris.
๓๑. Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i.
๓๒. Agus an nì sin a dh’fhàgar den fheòil agus den aran, loisgidh sibh le teine.
๓๓. Agus air doras pàillean a’ choitheanail cha tèid sibh a‑mach rè seachd làithean, gus am bi làithean ur coisrigidh air an crìochnachadh: oir rè seachd làithean coisrigidh e sibh.
๓๔. Mar a rinn e an‑diugh, mar sin dh’àithn an Tighearna a bhith dèante, a dhèanamh rèite air ur son.
๓๕. Uime sin, aig doras pàillean a’ choitheanail fanaidh sibh a là agus a dh’oidhche, rè seachd làithean, agus coimheadaidh sibh freasdal an Tighearna, a‑chum nach faigh sibh bàs: oir is ann mar sin a thugadh àithne dhòmhsa.
๓๖. Agus rinn Aaron agus a mhic na h‑uile nithean a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois.

Salm ๒๔:๗-๑๐
๗. Togaibh, a gheatachan, ur cinn, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach.
๘. Cò e seo Rìgh na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun ann an cath.
๙. Togaibh suas ur cinn, a gheatachan, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach.
๑๐. Cò e seo Rìgh na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Rìgh na glòire. Selah.

Gnàth-fhacal ๙:๑๐-๑๒
๑๐. Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse.
๑๑. Oir leamsa nìthear do làithean lìonmhor, agus cuirear ri bliadhnachan do bheatha.
๑๒. Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.

Marcus ๑:๑-๒๒
๑. Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè:
๒. A rèir mar tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.
๓. Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
๔. Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean.
๕. Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.
๖. Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.
๗. Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.
๘. Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.
๙. Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan.
๑๐. Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air.
๑๑. Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
๑๒. Agus air ball, tharraing an Spiorad e don fhàsach.
๑๓. Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh-bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha.
๑๔. Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè,
๑๕. Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul.
๑๖. Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.
๑๗. Agus thubhairt Iosa riu, Thigibh am dhèidh-sa, agus nì mi nur n‑iasgairean air daoine sibh.
๑๘. Agus air ball dh’fhàg iad an lìn, agus lean iad esan.
๑๙. Agus nuair a chaidh e beagan air aghaidh as a sin chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, agus iad anns an luing a’ càradh an lìon.
๒๐. Agus air ball ghairm e iad; agus dh’fhàg iad Sebede an athair anns an luing maille ris an luchd-tuarasdail, agus lean iad esan.
๒๑. Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e.
๒๒. Agus ghabh iad iongantas ra theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b’ann mar na sgrìobhaichean.