A A A A A
Bible in one year
February 17

Lebhiticus 5:1-19
1. Agus ma pheacaicheas anam, agus gun cluinn e guth mionnachaidh, agus gur fianais e, a chunnaic, no as fiosrach air a’ chùis, mura cuir e an cèill i, an sin giùlainidh e a chionta:
2. No ma bheanas anam ri nì sam bith neòghlan, mas cairbh fiadh-bheathaich neòghlain e, no cairbh sprèidhe neòghlain, no cairbh nì neòghlain a shnàigeas, agus e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:
3. No ma bheanas e ri neòghlaine duine, ge bè air bith an neòghlaine leis an salaichear duine, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:
4. No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh le a bhilean gun dèan e olc, no gun dèan e math, ge bè air bith e a labhras duine le mionnan, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach ann an aon dhiubh sin.
5. Agus tachraidh, nuair a bhios e ciontach de aon de na nithean sin, gun aidich e gun do pheacaich e anns an nì sin.
6. Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt-pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh.
7. Agus mura urrainn e uan a thoirt leis, an sin bheir e leis airson a choire a rinn e, dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an Tighearna; fear a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile a‑chum ìobairt-loisgte.
8. Agus bheir e iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir esan seachad am fear a tha a‑chum na h‑ìobairt-pheacaidh air tùs, agus snìomhaidh e a cheann o a amhaich, ach cha sgar e o chèile iad.
9. Agus crathaidh e cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh air taobh na h‑altarach, agus fàisgear a’ chuid eile den fhuil a‑mach aig bun na h‑altarach: is ìobairt-pheacaidh i.
10. Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt-loisgte, a rèir a’ ghnàtha: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus maithear dha e.
11. Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas-peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas-peacaidh e.
12. An sin bheir e a‑chum an t‑sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhùirn dheth, eadhon cuimhneachan dheth, agus loisgidh e air an altair e, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is tabhartas-peacaidh e.
13. Agus nì an sagart rèite air a shon, a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an aon dhiubh sin, agus maithear dha e: agus bidh am fuidheall leis an t‑sagart, mar thabhartas-bìdh.
14. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
15. Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a-chum ìobairt-easaontais.
16. Agus airson an lochd a rinn e anns an nì naomh nì e co‑leasachadh, agus cuiridh e ris an còigeamh cuid, agus bheir e don t‑sagart e: agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt-easaontais, agus maithear dha e.
17. Agus ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e aon de na nithean sin a thoirmisgeadh le àitheantan an Tighearna a bhith air an dèanamh; ged nach b’fhios dha e, gidheadh tha e ciontach, agus giùlainidh e a aingidheachd.
18. Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e.
19. Is ìobairt-easaontais a tha ann; chiontaich e gu deimhinn an aghaidh an Tighearna.

Lebhiticus 6:1-23
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun dèan e breug da choimhearsnach a‑thaobh an nì a thugadh dha ra ghleidheadh, no ann an companas, no a‑thaobh an nì a thugadh air falbh le ainneart, no ma mheall e a choimhearsnach;
3. No ma fhuair e an nì sin a chailleadh, agus gun do rinn e breug uime, agus gun tug e mionnan eithich; ann an aon nì dhiubh sin uile a nì duine, a’ peacachadh annta:
4. An sin tachraidh, a chionn gun do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gun toir e air ais an nì sin a thug e air falbh le ainneart, no an nì sin a fhuair e gu mealltach, no an nì sin a thugadh dha ra ghleidheadh, no a chailleadh agus a fhuair e,
5. No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.
6. Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a‑chum an Tighearna, reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, mar ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt.
7. Agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a‑thaobh gach nì dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta.
8. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
9. Thoir àithne do Aaron agus da mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt-loisgte: (Is i an ìobairt-loisgte i, airson an losgaidh air an altair air feadh na h‑oidhche uile gu madainn, agus bidh teine na h‑altarach a’ losgadh innte;)
10. Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair.
11. Agus cuiridh e a thrusgan dheth, agus cuiridh e trusgan eile uime, agus giùlainidh e an luath a‑mach an taobh a‑muigh den champ, gu ionad glan.
12. Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe.
13. Bidh an teine a’ lasadh air an altair an còmhnaidh: cha tèid e idir as.
14. Agus is e seo lagh an tabhartais-bhìdh. Bheir mic Aaroin e an làthair an Tighearna, fa chomhair na h‑altarach.
15. Agus gabhaidh e làn a dhùirn dheth, de fhlùr an tabhartais-bhìdh, agus de a ola, agus an tùis uile a tha air an tabhartas-bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, a‑chum fàile chùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth don Tighearna.
16. Agus ithidh Aaron agus a mhic am fuidheall: maille ri aran neo-ghortaichte ithear e anns an ionad naomh; ann an cùirt pàillean a’ choitheanail ithidh iad e.
17. Chan fhuinear e le taois ghoirt; thug mi dhaibh e mar an cuibhreann dem thabhartasan air an toirt suas le teine: tha e ro‑naomh, mar an ìobairt-pheacaidh, agus mar an ìobairt-easaontais.
18. Ithidh gach fireannach am measg chloinn Aaroin dheth: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean a‑thaobh tabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: bidh gach neach a bheanas riu naomh.
19. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
20. Is e seo tabhartas Aaroin, agus a chuid mhac, a bheir iad seachad don Tighearna, anns an là a dh’ungar e; an deicheamh cuid de ephah de fhlùr mìn mar thabhartas-bìdh an còmhnaidh, a leth anns a’ mhadainn, agus a leth anns an fheasgar.
21. Ann an aghann nìthear e le ola, agus nuair a bhios e fuinte, bheir thu a‑steach e; agus na mìrean fuinte den tabhartas-bhìdh bheir thu seachad a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
22. Agus bheir an sagart da mhic, a dh’ungadh na àite, seachad e: is reachd sìorraidh e don Tighearna; loisgear gu h‑iomlan e.
23. Oir loisgear gach tabhartas-bìdh airson an t‑sagairt gu h‑iomlan: chan ithear e.

Salm 24:1-6
1. Salm le Daibhidh. Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.
2. Oir shuidhich e air na cuantan e, agus shocraich e air na sruthan e.
3. Cò a thèid suas gu sliabh an Tighearna, agus cò a sheasas na ionad naomh-san?
4. Esan aig a bheil làmhan neochiontach agus cridhe glan, nach do thog a anam ri dìomhanas, agus nach do mhionnaich a‑chum ceilge.
5. Gheibh esan beannachadh on Tighearna, agus fìreantachd o Dhia a shlàinte.
6. Is e seo ginealach na dream a dh’iarras e, a dh’iarras do ghnùis, a Dhia Iàcoib. Selah.

Gnàth-fhacal 9:7-9
7. Esan a bheir achmhasan do fhear-fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal.
8. Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.
9. Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.

Mata 28:1-20
1. An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.
2. Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.
3. Agus bha a ghnùis mar dhealanach, agus a aodach geal mar shneachd.
4. Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd-coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh.
5. Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.
6. Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.
7. Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e.
8. Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr-ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.
9. Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha.
10. An sin thubhairt Iosa riu, Na biodh eagal oirbh: imichibh, abraibh rim bhràithrean iadsan a dhol do Ghalile, agus an sin chì iad mi.
11. Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd-faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd-shagartan gach nì a thachair.
12. Agus air cruinneachadh dhaibhsan an ceann a chèile maille ris na seanairean, agus air gabhail comhairle dhaibh, thug iad mòran airgid do na saighdearan,
13. Ag ràdh, Abraibh-se gun tàinig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun do ghoid iad e, nuair a bha sinne nar cadal.
14. Agus ma chluinneas an t‑uachdaran seo, cuiridh sinne impidh air, agus nì sinn sibhse tèarainte.
15. Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.
16. An sin chaidh an t‑aon-deisciobal-deug do Ghalile, don bheinn far an d’òrdaich Iosa dhaibh.
17. Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas.
18. Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.
19. Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;
20. A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.