A A A A A
Bible in one year
February 13

Ecsodus 37:1-29
1. Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde:
2. Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
3. Agus thilg e dhi ceithir failbheagan òir, gu bhith air a ceithir oisnean: eadhon dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.
4. Agus rinn e bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.
5. Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan.
6. Agus rinn e cathair-thròcair de òr fìorghlan: dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.
7. Agus rinn e dà cherub de òr, buailte a‑mach à aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann na cathair-thròcair;
8. Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair-thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann.
9. Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh len sgiathan os cionn na cathair-thròcair, agus an aghaidhean ri chèile; ris a’ chathair-thròcair bha aghaidhean nan cerub.
10. Agus rinn e am bòrd de fhiodh sitim: dà làimh-choille a fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth a àirde.
11. Agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus rinn e dha coron òir mun cuairt.
12. Mar an ceudna rinn e dha iomall de leud boise mun cuairt; agus rinn e coron òir da iomall mun cuairt.
13. Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisnean a bha aig a cheithir chasan.
14. Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h‑àiteachan do na bataichean gus am bòrd a ghiùlan.
15. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan.
16. Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe, de òr fìorghlan.
17. Agus rinn e an coinnleir de òr fìorghlan; de obair bhuailte rinn e an coinnleir: bha a chas, agus a mheur, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den nì cheudna.
18. Agus sia meòir a’ dol a‑mach as a thaobhan: trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth.
19. Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann am meur eile, maille ri cnap agus blàth: mar sin anns na sia meòir a’ dol a‑mach as a’ choinnleir.
20. Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan.
21. Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.
22. Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth.
23. Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.
24. De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile.
25. Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.
26. Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
27. Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
28. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.
29. Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Ecsodus 38:1-31
1. Agus rinn e altair na h‑ìobairt-loisgte de fhiodh sitim: còig làmhan-coille a fad, agus còig làmhan-coille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus trì làmhan-coille a h‑àirde.
2. Agus rinn e a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bha a h‑adhaircean den nì cheudna; agus chòmhdaich e thairis i le umha.
3. Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha.
4. Agus rinn e don altair cliath de lìon-obair umha, fo a cuairt gu h‑ìosal, gu ruig a meadhon.
5. Agus thilg e ceithir failbheagan do cheithir oisnean na clèith umha, gu bhith nan àitean do na bataichean.
6. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le umha.
7. Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑altarach, a‑chum a giùlan leo: fàs le bùird rinn e i.
8. Agus rinn e an soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail.
9. Agus rinn e a’ chùirt air an taobh mu dheas, ris an àird a deas: bha cùirteanan na cùirte de anart grinn toinnte, ceud làmh-choille air fad;
10. Am puist fichead, agus am buinn umha fichead; bha cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.
11. Agus air an taobh mu thuath, bha na cùirteanan ceud làmh-choille; am puist fichead, agus am buinn umha fichead: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.
12. Agus air an taobh an iar bha cùirteanan lethcheud làmh-choille; am puist deich, agus am buinn deich: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.
13. Agus air an taobh an ear ris an àird an ear, lethcheud làmh-choille.
14. Bha cùirteanan aon taoibh den gheata còig làmhan-coille deug; am puist trì, agus am buinn trì.
15. Agus airson an taoibh eile de gheata na cùirte, air an làimh seo agus air an làimh ud, bha cùirteanan chòig làmhan-coille deug; am puist trì agus am buinn trì.
16. Bha cùirteanan na cùirte uile mun cuairt de anart grinn toinnte.
17. Agus bha buinn nam post de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan de airgead, agus còmhdach an ceann de airgead; agus bha uile phuist na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead.
18. Agus bha am brat airson geata na cùirte na obair shnàthaid de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh-choille a fhad agus b’e a àirde anns an leud còig làmhan-coille, a’ co‑fhreagairt do chùirteanan na cùirte:
19. Agus am puist ceithir, agus am buinn umha ceithir; an cromagan de airgead, agus còmhdach an ceann, agus an cuairteagan de airgead.
20. Agus bha uile phinneachan a’ phàillein, agus na cùirte mun cuairt, de umha.
21. Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
22. Agus rinn Besalil mac Uri, mhic Shur, de threubh Iùdah, gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois;
23. Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach-grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn.
24. B’e an t‑òr uile a chuireadh am feum anns an obair, ann an uile obair an ionaid naoimh, eadhon òr an tabhartais; naoi tàlannan fichead, agus seachd ceud agus deich secel ar fhichead, a rèir secel an ionaid naoimh.
25. Agus b’e airgead na muinntir a dh’àirmheadh den choitheanal, ceud tàlann, agus mìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, a rèir secel an ionaid naoimh.
26. Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.
27. Agus den cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn an roinn-bhrait; ceud bonn den cheud tàlann, tàlann do gach bonn.
28. Agus den mhìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e an cinn, agus chuir e cuairteagan man timcheall.
29. Agus b’e umha an tabhartais deich agus trì-fichead tàlann, agus dà mhìle agus ceithir cheud secel.
30. Agus rinn e le sin na buinn do dhoras pàillean a’ choitheanail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h‑altarach uile,
31. Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt.

Salm 22:9-15
9. Ach is tusa an Tì a thug a‑mach as a’ bhroinn mi; bu tu adhbhar mo dhòchais air cìch mo mhàthar.
10. Ortsa thilgeadh mi on bhroinn; o bhroinn mo mhàthar is tusa mo Dhia.
11. Na bi‑sa fada uam, oir tha àmhghar dlùth dhomh, agus gun neach ann gum chuideachadh.
12. Chuartaich mòran tharbh mi; dh’iadh tairbh làidir Bhasain umam.
13. Dh’fhosgail iad orm am beul, mar leòmhann reubach agus beucach.
14. Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.
15. Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantainn rim ghial, agus gu ùir a’ bhàis thug thu mi.

Gnàth-fhacal 8:12-21
12. Tha mise, gliocas, am chòmhnaidh maille ri cèill, agus tha mi a’ faghail a‑mach eòlais air nithean innleachdach.
13. Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.
14. Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart;
15. Leamsa rìoghaichidh rìghrean, agus òrdaichidh uachdarain ceartas;
16. Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn.
17. Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
18. Tha beartas agus urram maille riumsa; saoibhreas maireannach agus fìreantachd.
19. Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd-a‑staigh na airgead taghte.
20. Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;
21. A‑chum gun toir mi orrasan len ionmhainn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan.

Mata 26:51-75
51. Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd-shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth.
52. An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.
53. An saoil thusa nach faod mise a‑nis m’Athair a ghuidhe, agus bheir e dhomh tuilleadh na dà‑lègion-dheug de ainglean?
54. Ach cionnas an sin a bhiodh na sgriobtairean air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo as èiginn tachairt?
55. Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam.
56. Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad.
57. Agus air dhaibhsan Iosa a ghlacadh, thug iad leo e gu Caiaphas an t‑àrd-shagart, far an robh na sgrìobhaichean agus na seanairean air cruinneachadh.
58. Ach lean Peadar e fad uapa, eadhon gu talla an àrd-shagairt, agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e maille ris na seirbhisich a dh’fhaicinn na crìche.
59. Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na seanairean, agus a’ chomhairle uile, fianais bhrèige an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs.
60. Ach cha d’fhuair iad i: seadh, ged a thàinig mòran fhianaisean brèige, cha d’fhuair iad i. Fa‑dheòidh thàinig dà fhianais bhrèige.
61. Agus thubhairt iad, Thubhairt am fear seo, Is urrainn mise teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rìs ann an trì làithean.
62. Agus air don àrd-shagart èirigh, thubhairt e ris, Nach freagair thu a’ bheag? Ciod e a tha iad sin a’ toirt am fianais ad aghaidh?
63. Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.
64. Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.
65. An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum.
66. Ciod i ur barail-se? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Tha e toillteanach air a’ bhàs.
67. An sin thilg iad smugaid na aodann, agus bhuail iad lem basan e; agus ghabh cuid eile air le slatan,
68. Ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd dhuinn, a Chrìosd. Cò e a bhuail thu?
69. Agus shuidh Peadar a‑mach anns an talla: agus thàinig cailinn àraidh da ionnsaigh, ag ràdh, Bha thusa mar an ceudna maille ri Iosa o Ghalile.
70. Ach dh’àich esan nan làthair uile, ag ràdh, Chan eil fhios agam ciod a tha thu ag ràdh.
71. Agus air dol a‑mach dha don fhor-dhoras, chunnaic cailinn eile e, agus thubhairt i riùsan a bha an sin, Bha am fear seo mar an ceudna maille ri Iosa o Nàsaret.
72. Agus dh’àich e a‑rìs le mionnan, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine.
73. Agus tamall beag na dhèidh sin thàinig an dream a bha nan seasamh an làthair, agus thubhairt iad ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud fhèin a tha thusa; oir tha do chainnt gad bhrath.
74. An sin thòisich e ri mallachadh agus mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus air ball ghoir an coileach.
75. Agus chuimhnich Peadar briathran Iosa, a thubhairt ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus air dol a‑mach dha, ghuil e gu goirt.