A A A A A
Bible in one year
February 12

Ecsodus 35:1-35
1. Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.
2. Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.
3. Chan fhadaidh sibh teine sam bith air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh air là na sàbaid.
4. Agus labhair Maois ri coitheanal chloinn Israeil uile, ag ràdh, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh,
5. Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,
6. Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,
7. Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,
8. Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola-ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,
9. Agus clachan onics, agus clachan a‑chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd-èididh.
10. Agus thigeadh gach duine glic-chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna;
11. Am pàillean, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhùird, a chroinn, a phuist, agus a bhuinn;
12. An àirc agus a bataichean, a’ chathair-thròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich;
13. Am bòrd agus a bhataichean, agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;
14. Agus an coinnleir a‑chum an t‑solais, agus a uidheam, agus a lòchrain, maille ri ola a‑chum an t‑solais;
15. Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;
16. Altair na h‑ìobairt-loisgte agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;
17. Cùirteanan na cùirte, a puist agus a buinn, agus cùirtean airson doras na cùirte.
18. Pinneachan a’ phàillein, agus pinneachan na cùirte, agus an cùird;
19. Eideadh an fhrithealaidh, a fhrithealadh anns an ionad naomh; an t‑èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh airson a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.
20. Agus dh’fhalbh coitheanal chloinn Israeil uile à làthair Mhaois.
21. Agus thàinig iad, gach duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna airson obair pàillean a’ choitheanail, agus airson a sheirbhis uile, agus airson an èididh naoimh.
22. Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.
23. Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad.
24. Gach duine a thug seachad tabhartas airgid agus umha, thug e leis tabhartas an Tighearna: agus gach duine aig an d’fhuaireadh fiodh sitim a‑chum obrach sam bith den t‑seirbhis, thug e leis e.
25. Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic-chridheach len làmhan, agus thug iad leo an nì a shnìomh iad, an gorm, agus an corcar, an sgàrlaid, agus an t‑anart grinn.
26. Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar.
27. Agus thug na h‑uachdarain leo clachan onics, agus clachan chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd-èididh;
28. Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,
29. Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois.
30. Agus thubhart Maois ri cloinn Israeil, Faicibh, ghairm an Tighearna air ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah:
31. Agus lìon e e le spiorad Dhè, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach gnè obrach;
32. Agus a dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,
33. Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an snaidheadh fiodha, a dhèanamh gnè sam bith de obair ealanta.
34. Agus chuir e na chridhe gun teagaisgeadh e, e fhèin agus Aholiab mac Ahisamaich de threubh Dhain.
35. Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.

Ecsodus 36:1-38
1. Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna.
2. Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.
3. Agus ghabh iad o Mhaois na tabhartasan uile a thug clann Israeil leo a‑chum obair seirbhis an ionaid naoimh, gu a dèanamh. Agus thug iad fhathast da ionnsaigh saor-thabhartasan gach aon mhadainn.
4. Agus thàinig na daoine glice uile, a rinn uile obair an ionaid naoimh, gach duine aca o a obair fhèin a bha iad a’ dèanamh;
5. Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.
6. Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na dèanadh fear no bean sam bith tuilleadh obrach airson tabhartas an ionaid naoimh. Mar sin thoirmisgeadh don t‑sluagh nì sam bith a thoirt leo.
7. Oir bu leòr an t‑uidheam a bha aca airson na h‑obrach uile, gu a dèanamh, agus bu tuilleadh is na bu leòr e.
8. Agus rinn gach duine glic-chridheach nam measg-san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad:
9. Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: na cùirteanan uile de aon tomhas.
10. Agus cheangail e còig cùirteanan gach aon ri chèile: agus na còig cùirteanan eile cheangail e gach aon ri chèile.
11. Agus rinn e lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal; air a’ mhodh cheudna rinn e ann an oir a’ chùirtein eile as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.
12. Lethcheud lùb rinn e ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb rinn e ann an iomall a’ chùirtein a bha ann an coicheangal an dara aoin; cheangail na lùban aon chùirtean ri cùirtean eile.
13. Agus rinn e lethcheud cromag òir, agus choicheangail e na cùirteanan aon ri aon leis na cromagan. Mar sin rinneadh e na aon phàillean.
14. Agus rinn e cùirteanan de fhionnadh ghobhar, airson a’ bhùtha os cionn a’ phàillein; aon-chùirtean-deug rinn e dhiubh:
15. B’e fad aon chùirtein deich làmhan-coille ar fhichead, agus ceithir làmhan-coille leud aon chùirtein; bha an t‑aon-chùirtean-deug de aon tomhas.
16. Agus choicheangail e còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin.
17. Agus rinn e lethcheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.
18. Agus rinn e lethcheud cromag de umha a cheangal a’ bhùtha ri chèile, a‑chum is gum biodh e na aon.
19. Agus rinn e còmhdach don bhùth, de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn.
20. Agus rinn e bùird don phàillean de fhiodh sitim, nan seasamh:
21. Deich làmhan-coille fad bùird, agus làmh-choille gu leth leud aon bhùird.
22. Bha dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh, aon fa chomhair aoin: mar seo rinn e ri bùird a’ phàillein uile.
23. Agus rinn e bùird don phàillean: fichead bòrd airson an taoibh dheis, ris an àird a deas.
24. Agus dà‑fhichead cas airgid rinn e fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh.
25. Agus airson taobh eile a’ phàillein a tha ris an àird a tuath, rinn e fichead bòrd.
26. Agus an dà‑fhichead cas de airgead: dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.
27. Agus airson taobhan a’ phàillein ris an àird an iar, rinn e sia bùird.
28. Agus rinn e dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh.
29. Agus bha iad air an ceangal ri chèile fodha, agus mar an ceudna bha iad air an coicheangal aig a’ cheann ri aon fhailbheig: mar seo rinn e riu le chèile anns an dà oisinn.
30. Agus bha ochd bùird ann, agus an casan de airgead, eadhon sia casan-deug: dà chois fo gach bòrd.
31. Agus rinn e croinn de fhiodh sitim, còig airson bùird aon taoibh den phàillean,
32. Agus còig croinn airson bùird an taoibh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird a’ phàillein a‑chum nan taobh a tha ris an àird an iar.
33. Agus thug e air a’ chrann mheadhonach dol tro na bùird o cheann gu ceann.
34. Agus chòmhdaich e thairis na bùird le òr, agus rinn e am failbheagan de òr gu bhith nan àitean do na croinn, agus chòmhdaich e thairis na croinn le òr.
35. Agus rinn e roinn-bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban.
36. Agus rinn e dha ceithir puist de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr: bha an cromagan de òr, agus thilg e dhaibh ceithir buinn airgid.
37. Agus rinn e airson doras a’ bhùtha brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, de obair snàthaid:
38. Agus a chòig puist len cromagan: agus chòmhdaich e thairis an cinn agus an cuairteagan le òr: ach bha an còig buinn de umha.

Salm 22:1-8
1. Don àrd-fhear-ciùil air Ailet-sachar. Salm le Daibhidh. Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi, fad om ghlaodh, o bhriathran mo bhùiridh?
2. O mo Dhia, gairmidh mi anns an là, ach cha fhreagair thu, agus anns an oidhche, ach chan eil fois agam.
3. Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil.
4. Asadsa dh’earb ar n‑athraichean; dh’earb iad agus shaor thu iad.
5. Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra.
6. Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh.
7. Nì iadsan uile a chì mi gàire-fanaid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh,
8. Chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh e e a chionn gu bheil tlachd aige ann.

Gnàth-fhacal 8:6-11
6. Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta.
7. Oir labhraidh mo bheul fìrinn; agus is gràinealachd aingidheachd dom bhilean.
8. Ann an ceartas tha uile bhriathran mo bheòil; anntasan chan eil nì air bith olc no fiar.
9. Tha iad uile soilleir dhàsan a thuigeas, agus ceart dhaibhsan a gheibh eòlas.
10. Gabhaibh mo theagasg, agus chan e airgead, agus eòlas thar an òir thaghte.
11. Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Mata 26:26-50
26. Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.
27. Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibh e, ag ràdh, Olaibh uile dheth:
28. Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.
29. Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar.
30. Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.
31. An sin thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd; oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda.
32. Ach an dèidh dhòmhsa èirigh a‑rìs, thèid mi romhaibh do Ghalile.
33. Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Ged gheibh na h‑uile dhaoine oilbheum annad, chan fhaigh mise oilbheum gu bràth.
34. Thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air an oidhche seo fhèin mun goir an coileach, gun àich thu mi trì uairean.
35. Thubhairt Peadar ris, Ged b’èiginn dhomh bàsachadh maille riut, chan àich mi thu. Agus thubhairt na deisciobail uile mar an ceudna.
36. An sin thàinig Iosa maille riu gu ionad den goirear Getsemane, agus thubhairt e ris na deisciobail, Suidhibh-se an seo gus an tèid mise a dhèanamh ùrnaigh an siud.
37. Agus thug e Peadar leis, agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith brònach, agus ro‑dhoilgheasach.
38. An sin thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire maille riumsa.
39. Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.
40. Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa?
41. Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha gun amharas an spiorad togarrach; ach tha an fheòil anfhann.
42. A‑rìs an dara uair, dh’imich e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, O m’Athair, mura faodar gun tèid an cupan seo seachad orm gun mi ga òl, do thoil-sa gu robh dèante.
43. Agus thàinig e agus fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom.
44. Agus dh’fhàg e iad, agus dh’imich e a‑rìs, agus rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh nam briathar ceudna.
45. An sin thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois; feuch, tha an uair air druideadh, agus tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan pheacach.
46. Eiribh, imicheamaid: feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.
47. Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd-shagartan agus o sheanairean a’ phobaill.
48. A‑nis bha an tì a bhrath esan air tabhairt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach a phògas mise, is e sin e; dèanaibh greim air.
49. Agus air ball thàinig e a‑chum Iosa, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.
50. Ach thubhairt Iosa ris, A charaid, carson a thàinig thu? An sin thàinig iad, agus chuir iad làmh ann an Iosa, agus ghlac iad e.